2 Samuel 4 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus nuair a chuala mac Shauil gun d’fhuair Abner bàs ann an Hebron, dh’fhàs a làmhan fann, agus bha Israel uile fo bhuaireas. 2 Agus bha aig mac Shauil dithis fhear a bha nan ceannardan air buidhnean; b’e ainm aoin dhiubh Baanah, agus ainm an fhir eile Rechab, mic Rimoin am Beerotach, de chloinn Bheniàmin: (oir mheasadh Beerot mar an ceudna de Bheniàmin: 3 Agus theich na Beerotaich gu Gitaim, agus tha iad nan luchd-cuairt an sin gu ruig an là‑an‑diugh:) 4 Agus bha aig Ionatan mac Shauil mac a bha bacach, agus a bha còig bliadhna a dh’aois nuair a thàinig an sgeul mu Shaul agus Ionatan à Iesreel; agus thog a bhanaltram leatha e, agus theich i: agus nuair a rinn i cabhag gu teicheadh, thuit esan, agus rinneadh bacach e; agus b’e a ainm Mephiboset. 5 Agus dh’imich mic Rimoin am Beerotach, Rechab agus Baanah, agus thàinig iad mu theas an là gu taigh Isboseit, a bha na laighe air leabaidh mu mheadhon-là. 6 Agus, feuch, thàinig iad air an aghaidh gu meadhon an taighe, mar gum biodh iad gu cruithneachd a thoirt leo, agus bhuail iad e fon chòigeamh aisne: agus chaidh Rechab agus a bhràthair Baanah as: 7 Oir nuair a thàinig iad a‑steach don taigh, bha esan na laighe air a leabaidh na sheòmar-cadail, agus bhuail iad e, agus mharbh iad e, agus chuir iad an ceann dheth, agus thug iad leo a cheann, agus dh’imich iad romhpa air slighe an fhàsaich rè na h‑oidhche. 8 Agus thug iad ceann Isboseit a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Hebron, agus thubhairt iad ris an rìgh, Feuch, ceann Isboseit mhic Shauil do nàmhaid, a dh’iarr d’anam; agus thug an Tighearna dom thighearna, an rìgh, dìoghaltas air an là‑an‑diugh air Saul agus air a shliochd. 9 Agus fhreagair Daibhidh Rechab agus Baanah a bhràthair, mic Rimoin am Beerotach, agus thubhairt e riu, Mar as beò an Tighearna, a shaor m’anam as gach uile airc, 10 Nuair a dh’innis neach dhomh, ag ràdh, Feuch, tha Saul marbh (agus e a’ meas gu robh e a’ toirt deagh sgeòil leis) rug mi air, agus mharbh mi e ann an Siclag, nuair a shaoil e gun tugainn luigheachd dha airson a sgeòil: 11 Nach mò gu mòr, nuair a mharbh daoine aingidh duine ionraic na thaigh fhèin air a leabaidh? Agus a‑nis nach iarr mi a fhuil-san air ur làimh-se, agus nach toir mi bhàrr na talmhainn sibh? 12 Agus dh’àithn Daibhidh da òganaich, agus mharbh iad iad, agus gheàrr iad dhiubh an làmhan agus an casan, agus chroch iad suas iad os cionn an tobair ann an Hebron; agus ghabh iad ceann Isboseit, agus dh’adhlaic iad e ann an àit-adhlacaidh Abneir ann an Hebron. |