2 Samuel 3 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 A‑nis bha cogadh fada eadar taigh Shauil agus taigh Dhaibhidh: ach bha Daibhidh a’ sìor dhol air aghaidh ann an neart, agus taigh Shauil a’ sìor dhol an laige. 2 Agus rugadh do Dhaibhidh mic ann an Hebron: agus b’e a chiad-ghin Amnon, ri Ahinoam, a’ bhan-Iesreeleach: 3 Agus a dhara mac Chiliab, ri Abigail bean Nàbail, an Carmeleach: agus an treas mac Absalom, mac Mhaacah, nighean Thalmai, rìgh Ghesuir: 4 Agus an ceathramh mac Adoniah, mac Hagit: agus an còigeamh mac Sephatiah, mac Abitail: 5 Agus an siathamh mac Itream, ri Eglah, bean Dhaibhidh. Rugadh iad sin do Dhaibhidh ann an Hebron. 6 A‑nis nuair a bha cogadh eadar taigh Shauil agus taigh Dhaibhidh, rinn Abner e fhèin làidir ann an taigh Shauil. 7 Agus bha coileabach aig Saul, dom b’ainm Rispah, nighean Aiah: agus thubhairt Isboset ri Abner, Carson a chaidh thu a‑steach a dh’ionnsaigh coileabach m’athar? 8 An sin bha fearg mhòr air Abner airson briathran Isboseit, agus thubhairt e, An ceann coin mise, a bhuineas do Iùdah? Tha mi a’ nochdadh coibhneis an‑diugh do thaigh Shauil, d’athair, da bhràithrean, agus da chàirdean, agus cha tug mi thairis thusa do làimh Dhaibhidh; gidheadh tha thusa a’ cur coire as mo leth an‑diugh a‑thaobh na mnà seo. 9 Mar sin gun dèanadh Dia ri Abner, agus tuilleadh mar an ceudna, mar a mhionnaich an Tighearna do Dhaibhidh, mura dèan mise eadhon mar sin ris-san; 10 An rìoghachd atharrachadh o thaigh Shauil, agus rìgh-chathair Dhaibhidh a chur suas os cionn Israeil, agus os cionn Iùdah, o Dhan eadhon gu Beersèba. 11 Agus cha b’urrainn e Abner a fhreagairt aon fhacal a‑rìs, a chionn gu robh eagal air roimhe. 12 Agus chuir Abner teachdairean a dh’ionnsaigh Dhaibhidh na àite fhèin, ag ràdh, Cia leis an tìr? Ag ràdh mar an ceudna, Dèan do choicheangal riumsa, agus, feuch, bidh mo làmh leat, gu Israel uile a thionndadh ad ionnsaigh. 13 Agus thubhairt esan, Ro‑mhath; nì mise coicheangal riut: ach aon nì tha mi ag iarraidh ort, eadhon nach faic thu mo ghnùis, mura toir thu leat air tùs Michal nighean Shauil, nuair a thig thu gam fhaicinn. 14 Agus chuir Daibhidh teachdairean gu Isboset mac Shauil, ag ràdh, Tabhair dhomh mo bhean Michal, a cheangail mi rium fhèin ann am pòsadh airson ceud ro‑chraiceann de na Philistich. 15 Agus chuir Isboset fios oirre, agus thug e o a fear i, eadhon o Phaltiel mac Lais. 16 Agus dh’imich a fear maille rithe, a’ gul na dèidh gu Bahurim: an sin thubhairt Abner ris, Falbh, till. Agus thill e. 17 Agus rinn Abner còmhradh ri seanairean Israeil, ag ràdh, Anns an aimsir roimhe seo dh’iarr sibh Daibhidh a bhith na rìgh os ur cionn. 18 A‑nis matà dèanaibh e; oir labhair an Tighearna mu Dhaibhidh, ag ràdh, Le làimh mo sheirbhisich Daibhidh saoraidh mi mo shluagh Israel à làimh nam Philisteach, agus à làimh an naimhdean uile. 19 Agus labhair Abner mar an ceudna ann an cluasan Bheniàmin: agus chaidh Abner mar an ceudna a labhairt ann an cluasan Dhaibhidh ann an Hebron gach nì a bha taitneach ann an sùilean Israeil, agus ann an sùilean taigh Bheniàmin uile. 20 Agus thàinig Abner a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Hebron agus fichead fear maille ris: agus rinn Daibhidh cuirm do Abner agus do na daoine a bha maille ris. 21 Agus thubhairt Abner ri Daibhidh, Eiridh mi, agus falbhaidh mi, agus cruinnichidh mi Israel uile a dh’ionnsaigh mo thighearna, an rìgh, a‑chum gun dèan iad coicheangal riut, agus gun rìghich thu os cionn gach nì as miann led anam: agus chuir Daibhidh Abner air falbh, agus dh’imich e ann an sìth. 22 Agus, feuch, thàinig seirbhisich Dhaibhidh agus Ioab o ruagadh buidhne, agus thug iad creach mhòr leo: (ach cha robh Abner maille ri Daibhidh ann an Hebron; oir chuir e air falbh e, agus dh’imich e ann an sìth.) 23 Agus nuair a thàinig Ioab agus an armailt uile a bha maille ris, dh’innis iad do Ioab, ag ràdh, Thàinig Abner mac Neir a dh’ionnsaigh an rìgh, agus chuir e air falbh e, agus dh’imich e ann an sìth. 24 An sin thàinig Ioab a dh’ionnsaigh an rìgh, agus thubhairt e, Ciod e a rinn thu? Feuch, thàinig Abner ad ionnsaigh; carson seo a chuir thu air falbh e, agus gun amharas dh’imich e? 25 Is aithne dhut Abner mac Neir, gur ann gu do mhealladh a thàinig e, agus gu fios fhaghail air do dhol a‑mach agus do theachd a‑steach, agus gu fios fhaghail air gach nì a tha thu a’ dèanamh. 26 Agus nuair a thàinig Ioab a‑mach o Dhaibhidh, chuir e teachdairean an dèidh Abneir, a thug air ais e o thobar Shirah: ach cha robh fhios aig Daibhidh air. 27 Agus nuair a thill Abner gu Hebron, thug Ioab e a lethtaobh anns a’ gheata a labhairt ris ann an sìth; agus bhuail e an sin e fon chòigeamh aisne, agus fhuair e bàs airson fuil a bhràthar Asahel. 28 Agus na dhèidh sin nuair a chuala Daibhidh e, thubhairt e, Tha mise agus mo rìoghachd neochiontach an làthair an Tighearna gu bràth o fhuil Abneir mhic Neir. 29 Fanadh i air ceann Ioaib, agus air taigh a athar uile, agus na biodh a dhìth air taigh Ioaib neach air am bi silteach, no a bhios na lobhar, no dan èiginn siubhal le bata, no a thuiteas air claidheamh, no air am bi easbhaidh arain. 30 Mar sin mharbh Ioab agus a bhràthair, Abisai, Abner, a chionn gun do chuir esan gu bàs am bràthair Asahel aig Gibeon anns a’ chath. 31 Agus thubhairt Daibhidh ri Ioab, agus ris an t‑sluagh uile a bha maille ris, Reubaibh ur n‑aodach, agus cuiribh sac-aodach umaibh, agus dèanaibh caoidh ro Abner. Agus lean rìgh Daibhidh fhèin an giùlan. 32 Agus dh’adhlaic iad Abner ann an Hebron: agus thog an rìgh suas a ghuth, agus ghuil e aig uaigh Abneir; agus ghuil an sluagh uile. 33 Agus rinn an rìgh caoidh os cionn Abneir, agus thubhairt e, An ann mar a bhàsaicheas amadan a bhàsaich Abner? 34 Cha do cheangladh do làmhan, agus cha do chuireadh do chasan ann an geimhlean: mar a thuiteas duine ro dhaoine aingidh, mar sin thuit thusa. Agus ghuil an sluagh uile a‑rìs os a chionn. 35 Agus nuair a thàinig an sluagh uile a thoirt air Daibhidh biadh ithe, am feadh is a b’e an là fhathast a bha ann, mhionnaich Daibhidh, ag ràdh, Mar sin gun dèanadh Dia riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, ma bhlaiseas mi aran no nì air bith eile, gus an tèid a’ ghrian fodha. 36 Agus thug an sluagh uile fa‑near e, agus bha e taitneach nan sùilean, mar a bha gach nì a rinn an rìgh taitneach ann an sùilean an t‑sluaigh uile: 37 Oir thuig an sluagh uile agus Israel uile air an là sin nach ann on rìgh a bha e Abner mac Neir a chur gu bàs. 38 Agus thubhairt an rìgh ra sheirbhisich, Nach eil fhios agaibh gun do thuit uachdaran agus duine mòr an‑diugh ann an Israel? 39 Agus tha mise an‑diugh anfhann ged tha mi ungte am rìgh; agus tha na daoine sin, mic Sheruiah, ro chruaidh air mo shon: dìolaidh an Tighearna do fhear-dèanaimh an uilc a rèir a aingidheachd. |