2 Samuel 24 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus a‑rìs las fearg an Tighearna an aghaidh Israeil, agus bhrosnaich e Daibhidh nan aghaidh, ag ràdh, Falbh, gabh àireamh Israeil agus Iùdah. 2 Oir thubhairt an rìgh ri Ioab, ceannard an t‑slòigh, a bha maille ris, Imich a‑nis air feadh uile threubhan Israeil, o Dhan eadhon gu Beersèba, agus gabh àireamh an t‑sluaigh, a‑chum gum bi fios àireamh an t‑sluaigh agam. 3 Agus thubhairt Ioab ris an rìgh, A‑nis gun cuireadh an Tighearna do Dhia ris an t‑sluagh (ge bè ciod an àireamh a tha ann dhiubh) fhathast a cheud uimhir, agus gum faiceadh sùilean mo thighearna an rìgh e; ach carson a tha mo thighearna an rìgh a’ gabhail tlachd anns an nì seo? 4 Gidheadh, bhuadhaich facal an rìgh an aghaidh Ioaib, agus an aghaidh ceannardan an t‑slòigh, agus chaidh Ioab agus ceannardan an t‑slòigh a‑mach à fianais an rìgh, a ghabhail àireamh sluagh Israeil. 5 Agus chaidh iad a‑null thar Iòrdan, agus champaich iad ann an Aroer, air taobh mu dheas a’ bhaile, a tha ann am meadhon abhainn Ghad, agus leth ri Iaser: 6 An sin thàinig iad gu Gilead, agus gu fearann ìochdarach Hodsi; agus thàinig iad gu Dan-iaan, agus mun cuairt gu Sìdon. 7 Agus thàinig iad gu daingneach Thìruis, agus gu uile bhailtean nan Hibheach, agus nan Canàanach; agus chaidh iad a‑mach don taobh mu dheas de Iùdah, gu Beersèba. 8 Agus nuair a chaidh iad air feadh na tìre uile, thàinig iad gu Ierusalem an ceann naoi mìosan agus fichead là. 9 Agus thug Ioab suas làn àireamh an t‑sluaigh don rìgh: agus bha ann de Israel ochd ceud mìle fear gaisgeil a tharraing claidheamh, agus de fhir Iùdah còig ceud mìle fear. 10 Agus bhuail cridhe Dhaibhidh e, an dèidh dha an sluagh àireamh: agus thubhairt Daibhidh ris an Tighearna, Pheacaich mi gu mòr anns an nì a rinn mi: agus a‑nis, a Thighearna, guidheam ort, thoir air falbh cionta do sheirbhisich, oir rinn mi gu ro‑amaideach. 11 Agus dh’èirich Daibhidh anns a’ mhadainn, agus thàinig facal an Tighearna a dh’ionnsaigh an fhàidh Gad, fear-seallaidh Dhaibhidh, ag ràdh, 12 Falbh agus abair ri Daibhidh, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Tha mi a’ cur trì nithean fad chomhair: roghnaich dhut fhèin aon dhiubh, a‑chum gun dèan mi dhut e. 13 Agus thàinig Gad a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, agus dh’innis e dha, agus thubhairt e ris, An tig trì bliadhna gorta ort ann ad thìr? No an teich thu trì mìosan rod naimhdean, agus iad an tòir ort? No am bi trì làithean plàigh ann ad thìr? A‑nis smaoinich, agus faic ciod a fhreagras mi dhàsan a chuir uaithe mi. 14 Agus thubhairt Daibhidh ri Gad, Tha mi ann an teinn mhòir: tuiteamaid a‑nis ann an làimh an Tighearna, oir is lìonmhor a thròcairean, ach ann an làimh duine na tuiteam. 15 Agus chuir an Tighearna plàigh air Israel, on mhadainn eadhon gu ruig an t‑àm suidhichte: agus bhàsaich den t‑sluagh o Dhan gu Beersèba deich agus trì-fichead mìle fear. 16 Agus nuair a chuir an t‑aingeal a‑mach làmh gu Ierusalem gu a sgrios, ghabh an Tighearna aithreachas a‑thaobh an uilc, agus thubhairt e ris an aingeal a sgrios an sluagh, Is leòr e: cùm a‑nis air do làimh. Agus bha aingeal an Tighearna làimh ri ùrlar-bualaidh Araunah an t‑Iebusach. 17 Agus labhair Daibhidh ris an Tighearna nuair a chunnaic e an t‑aingeal a bhuail an sluagh, agus thubhairt e, Feuch, is mise a pheacaich, agus is mise a rinn gu h‑aingidh; ach na caoraich sin, ciod a rinn iad? Bitheadh do làmh, guidheam ort, am aghaidh-sa, agus an aghaidh taigh m’athar. 18 Agus thàinig Gad a dh’ionnsaigh Dhaibhidh air an là sin, agus thubhairt e ris, Gabh suas, tog altair don Tighearna, ann an ùrlar-bualaidh Araunah an t‑Iebusach. 19 Agus chaidh Daibhidh suas, a rèir facal Ghad, mar a dh’àithn an Tighearna. 20 Agus dh’amhairc Araunah, agus chunnaic e an rìgh agus a sheirbhisich a’ teachd air an aghaidh da ionnsaigh: agus chaidh Araunah a‑mach, agus chrom e e fhèin don rìgh air a aghaidh gu làr. 21 Agus thubhairt Araunah, Carson a thàinig mo thighearna an rìgh a dh’ionnsaigh a sheirbhisich? Agus thubhairt Daibhidh, A cheannach uat an ùrlair-bhualaidh, a thogail altarach don Tighearna, a‑chum gun caisgear a’ phlàigh on t‑sluagh. 22 Agus thubhairt Araunah ri Daibhidh, Gabhadh agus ìobradh mo thighearna an rìgh an nì sin a bhios math na shùilean: feuch, tha buar an seo a‑chum ìobairt-loisgte, agus innealan-bualaidh, agus acfhainn eile a bhuineas don bhuar airson connaidh. 23 Iad sin uile thug Araunah don rìgh. Agus thubhairt Araunah ris an rìgh, Gun gabhadh an Tighearna do Dhia riut. 24 Agus thubhairt an rìgh ri Araunah, Chan eadh: ach gu deimhinn ceannaichidh mi uat iad air luach; agus chan ìobair mi ìobairtean-loisgte don Tighearna mo Dhia den nì sin a gheibh mi an asgaidh. Agus cheannaich Daibhidh an t‑ùrlar-bualaidh agus am buar air lethcheud secel airgid. 25 Agus thog Daibhidh an sin altair don Tighearna, agus dh’ìobair e ìobairtean-loisgte, agus ìobairtean-sìth: agus bha an Tighearna rèidh ris an tìr, agus chaisgeadh a phlàigh o Israel. |