Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Samuel 22 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus labhair Daibhidh ris an Tighearna briathran na laoidh seo, anns an là air an do shaor an Tighearna e à làimh a naimhdean uile, agus à làimh Shauil:

2 Agus thubhairt e, Is e an Tighearna mo charraig, agus mo dhaingneach, agus mo shlànaighear.

3 Is e Dia mo charraig; earbaidh mi as: mo sgiath agus adharc mo shlàinte, mo thùr àrd agus mo dhìdean: m’fhear-saoraidh, o ainneart saoraidh tusa mi.

4 Gairmidh mi air an Tighearna, as airidh air cliù; agus om naimhdean saorar mi.

5 Oir chuartaich tonnan a’ bhàis mi: chuir tuiltean dhroch dhaoine eagal orm.

6 Dh’iadh cùird ifrinn mum thimcheall: ghabh lìontan a’ bhàis romham.

7 Ann am airc ghairm mi air an Tighearna, agus rim Dhia ghlaodh mi, agus chuala e o a theampall mo ghuth, agus ràinig mo ghlaodh a chluasan.

8 Agus chrathadh agus chriothnaich an talamh: ghluaiseadh bunaitean nan nèamh agus chrathadh iad, a chionn gu robh fearg air.

9 Chaidh deatach suas o a shròin, agus loisg teine as a bheul: lasadh èibhlean leis.

10 Agus lùb e a nèamhan, agus thàinig e a‑nuas; agus dorchadas fo a chasan.

11 Agus mharcaich e air cerub, agus chaidh e air iteig: agus dh’itealaich e air sgiathan na gaoithe.

12 Agus rinn e dorchadas na phàilleanan ma thimcheall, co‑chruinneachadh nan uisgeachan, neòil thiugha nan speur.

13 Leis an dealradh a bha fa chomhair lasadh èibhlean teine.

14 Rinn an Tighearna tàirneanach o na nèamhan, agus leig an Tì as àirde a ghuth a‑mach.

15 Agus chuir e a‑mach saighdean, agus sgap e iad; dealanach, agus chlaoidh e iad.

16 Agus leigeadh ris aigeann na fairge, nochdadh bunaitean an domhain, le achmhasan an Tighearna, le sèideadh anail a shròine.

17 Chuir e a‑nuas on àird, ghlac e mi; tharraing e mi à mòran uisgeachan.

18 Shaor e mi om nàmhaid làidir, uapasan a dh’fhuathaich mi; oir bu treasa iad na mise.

19 Ghabh iad romham ann an là m’àmhghair: ach b’e an Tighearna mo chùl-taice.

20 Agus thug e a‑mach mi gu ionad farsaing: shaor e mi, a chionn gun do ghabh e tlachd annam.

21 Thug an Tighearna luigheachd dhomh a rèir m’ionracais: a rèir glaine mo làmh dhìol e dhomh.

22 Oir ghlèidh mi slighean an Tighearna, agus om Dhia cha do chlaon mi gu h‑aingidh.

23 Oir bha a bhreitheanais uile ann am fhianais: agus a reachdan cha do chuir mi uam.

24 Agus bha mi ionraic na fhianais, agus ghlèidh mi mi fhèin om aingidheachd.

25 Uime sin dhìol an Tighearna dhomh a rèir m’ionracais, a rèir mo ghlaine ann an sealladh a shùl.

26 Don duine thròcaireach nochdaidh tu thu fhèin tròcaireach, agus don duine ionraic nochdaidh tu thu fhèin ionraic.

27 Don duine ghlan nochdaidh tu thu fhèin glan, agus don duine reasgach nochdaidh tu thu fhèin reasgach.

28 Agus an sluagh a tha fo àmhghar saoraidh tu: ach tha do shùilean an aghaidh nan uaibhreach; bheir thu a‑nuas iad.

29 Oir lasaidh tusa mo lòchran, a Thighearna: agus soillsichidh an Tighearna mo dhorchadas.

30 Oir leatsa ruith mi tro bhuidhinn: lem Dhia leum mi thar balla.

31 A‑thaobh Dhè, tha a shlighe iomlan; tha facal an Tighearna air a dhearbhadh: is sgiath e dhaibhsan uile a chuireas an dòchas ann.

32 Oir cò as Dia ann ach an Tighearna? Agus cò as carraig ann ach ar Dia-ne?

33 Is e Dia mo neart agus mo chumhachd; agus tha e a’ dèanamh mo shlighe iomlan.

34 Tha e a’ dèanamh mo chas mar chasan èilde: agus air m’àitean àrda socraichidh e mi.

35 Tha e ag ionnsachadh mo làmh gu cath, air chor is gum brisear bogha umha lem ghàirdeanan.

36 Agus thug thu dhomh sgiath do shlàinte: agus rinn do choibhneas mòr mi.

37 Rinn thu mo cheum farsaing fodham, air chor is nach do shleamhnaich mo chasan.

38 Lean mi mo naimhdean, agus rug mi orra; agus cha do thill mi air m’ais gus an do chuir mi as dhaibh.

39 Agus lot mi iad, agus chan èirich iad; agus thuit iad fom chasan.

40 Oir chrioslaich thu mi le neart a‑chum catha: leag thu iadsan a dh’èirich suas am aghaidh sìos fodham.

41 Agus mo naimhdean thug thu dhomh air mhuineal; iadsan a dh’fhuathaich mi, agus gheàrr mi as iad.

42 Sheall iad, agus cha robh fear-saoraidh ann; eadhon a dh’ionnsaigh an Tighearna, ach cha do fhreagair e iad.

43 An sin mhìn-phronn mi iad mar dhuslach na talmhainn; mar chlàbar na sràide bhrùth mi iad, leudaich mi a‑mach iad.

44 Agus shaor thu mi o chòmhstri mo shluaigh; ghlèidh thu mi gu bhith ann am cheann air na cinnich: nì sluagh nach b’aithne dhomh seirbhis dhomh.

45 Strìochdaidh coigrich sìos dhomh: cho luath is a chluinneas iad, gèillidh iad dhomh.

46 Seargaidh coigrich as, agus bidh eagal orra a‑mach as an daingnichean.

47 Is beò an Tighearna, agus guma beannaichte mo charraig-sa; agus air àrdachadh gu robh Dia, carraig mo shlàinte.

48 Is e Dia a nì dìoghaltas air mo shon-sa, agus a chuireas sìos an sluagh fodham,

49 Agus a bheir a‑mach mi om naimhdean: agus os an cionn-san a dh’èirich suas ann am aghaidh thog thu suas mi; o fhear an ainneirt shaor thu mi.

50 Uime sin cliùthaichidh mi thu, a Thighearna, am measg nan cinneach, agus dod ainm seinnidh mi.

51 Bheir esan saorsa mhòr da rìgh, agus nochdaidh e tròcair da aon ungte fhèin, do Dhaibhidh, agus da shliochd gu bràth.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan