2 Samuel 21 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus bha gorta ann an làithean Dhaibhidh, rè trì bliadhna, bliadhna an dèidh bliadhna. Agus dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, agus fhreagair an Tighearna, Is ann airson Shauil, agus airson a thaighe fhuileachdaich a tha i, a chionn gun do mharbh e na Gibeonaich. 2 Agus ghairm an rìgh air na Gibeonaich, agus thubhairt e riu; (a‑nis cha robh na Gibeonaich de chloinn Israeil, ach de iarmad nan Amorach: agus thug clann Israeil mionnan dhaibh: agus dh’iarr Saul am marbhadh, na eud airson chloinn Israeil agus Iùdah:) 3 Uime sin thubhairt Daibhidh ris na Gibeonaich, Ciod a nì mi air ur son? Agus cia leis a nì mi an rèite, a‑chum gum beannaich sibh oighreachd an Tighearna? 4 Agus thubhairt na Gibeonaich ris, Cha bhi againne airgead no òr o Shaul, no o a thaigh; agus air ar son-ne cha mharbh thu duine sam bith ann an Israel. Agus thubhairt esan, An nì a their sibh, nì mise dhuibh. 5 Agus fhreagair iad an rìgh, An duine a chuir as dhuinn, agus a smaoinich nar n‑aghaidh sinn a bhith air ar sgrios, air chor is nach fanamaid ann an crìch air bith de Israel; 6 Thugar dhuinn seachdnar de a mhic-san, agus crochaidh sinn suas iad don Tighearna, ann an Gibeah Shauil, a thagh an Tighearna. Agus thubhairt an rìgh, Bheir mi dhuibh iad. 7 Ach chaomhain an rìgh Mephiboset mac Ionatain mhic Shauil, airson mionnan an Tighearna, a bha eatorra, eadar Daibhidh agus Ionatan mac Shauil. 8 Ach ghabh an rìgh dà mhac Rispah nighean Aiah, a rug i do Shaul, Armoni agus Mephiboset; agus còignear mhac Mheroib, nighean Shauil, a rug i do Adriel mac Bharsillai am Meholatach: 9 Agus thug e thairis iad do làimh nan Gibeonach, agus chroch iad iad anns an t‑sliabh am fianais an Tighearna; agus thuit an t‑seachdnar sin cuideachd, agus chuireadh gu bàs iad ann an ciad làithean an fhogharaidh, ann an toiseach fogharadh an eòrna. 10 Agus ghabh Rispah nighean Aiah sac-aodach, agus sgaoil i dhi fhèin e air a’ charraig, o thoiseach an fhogharaidh gus an do shil uisge orra o nèamh: agus cha do leig i le eunlaith an adhair fois a ghabhail orra anns an là, no do fhiadh-bheathaichean na machrach anns an oidhche. 11 Agus dh’innseadh do Dhaibhidh ciod a rinn Rispah, nighean Aiah, coileabach Shauil. 12 Agus dh’fhalbh Daibhidh, agus thug e o dhaoine Iabeis-ghilead cnàmhan Shauil, agus cnàmhan a mhic, Ionatan, a ghoid iad o shràid Bhet-sain, far an do chroch na Philistich iad, anns an là air an do mharbh na Philistich Saul ann an Gilbòa: 13 Agus thug e a‑nìos as a sin cnàmhan Shauil, agus cnàmhan Ionatain, a mhac: agus chruinnich iad cnàmhan na muinntir a chrochadh. 14 Agus dh’adhlaic iad cnàmhan Shauil, agus a mhic Ionatan, ann an tìr Bheniàmin ann an Selah, ann an àit-adhlacaidh Chis, a athair. Agus rinn iad gach nì a dh’àithn an rìgh: agus na dhèidh sin bha Dia rèidh ris an tìr. 15 Agus bha cogadh aig na Philistich fhathast ri Israel; agus chaidh Daibhidh sìos agus a sheirbhisich maille ris, agus chog iad ris na Philistich; agus dh’fhàs Daibhidh sgìth. 16 Agus thubhairt Isbi-benob, a bha de shliochd an fhamhair, (agus aig am b’e cudthrom ceann a shleagha trì cheud secel umha, agus e crioslaichte le crios nodha,) gum marbhadh e Daibhidh. 17 Ach rinn Abisai mac Sheruiah còmhnadh ris, agus bhuail e am Philisteach, agus mharbh e e. An sin mhionnaich fir Dhaibhidh dha, ag ràdh, Cha tèid thu a‑mach nas mò maille rinne gu cath, a‑chum nach cuir thu as lòchran Israeil. 18 Agus na dhèidh seo bha cath a‑rìs ann an Gob ris na Philistich: an sin bhuail Sibechai, an Husatach, Saph, a bha de shliochd an fhamhair. 19 Agus bha a‑rìs cath ann an Gob ris na Philistich: agus bhuail Elhanan, mac Iare-oregim, Lahmi, bràthair Gholiath an Giteach; agus bha crann a shleagha mar gharmain figheadair. 20 Agus bha fhathast cath ann an Gat, far an robh fear de mheudachd mhòir, agus sia meòir aige air gach làimh, agus sia meòir air gach cois, ceithir-ar‑fhichead an àireamh; agus rugadh esan mar an ceudna don fhamhair. 21 Agus nuair a thug e dùbhlan do Israel, mharbh Ionatan, mac Shimeah, bràthair Dhaibhidh, e. 22 Rugadh a’ cheathrar sin don fhamhair ann an Gat, agus thuit iad le làimh Dhaibhidh, agus le làimh a sheirbhiseach. |