2 Samuel 20 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus thachair gu robh duine an sin le Belial dom b’ainm Sèba, mac Bhichri, Beniàmineach; agus shèid e trompaid, agus thubhairt e, Chan eil againne cuibhreann sam bith ann an Daibhidh, agus chan eil oighreachd sam bith againn ann am mac Iese: gach fear a dh’ionnsaigh a bhùthan, O Israeil. 2 Agus chaidh gach duine de Israel suas o bhith an dèidh Dhaibhidh, agus lean iad Sèba mac Bhichri: ach dhlùth-lean daoine Iùdah rin rìgh, o Iòrdan eadhon gu Ierusalem. 3 Agus thàinig Daibhidh da thaigh ann an Ierusalem; agus ghabh an rìgh an deichnear bhan, a choileabaich, a dh’fhàg e a ghleidheadh an taighe, agus chuir e ann an gainntir iad, agus bheathaich e iad, ach cha deachaidh e a‑steach dan ionnsaigh; agus bha iad air an druideadh suas gu là am bàis, a’ caitheamh am beatha ann am bantrachas. 4 An sin thubhairt an rìgh ri Amasa, Cruinnich dhòmhsa fir Iùdah an ceann trì làithean, agus seas fhèin an seo. 5 Agus dh’fhalbh Amasa a chruinneachadh fir Iùdah: ach dh’fhan e na b’fhaide na an t‑àm suidhichte a shònraich esan dha. 6 Agus thubhairt Daibhidh ri Abisai, A‑nis nì Sèba mac Bhichri tuilleadh croin dhuinn na rinn Absalom: gabh thusa seirbhisich do thighearna, agus falbh air a thòir, air eagal gum faigh e dha fhèin bailtean daingnichte, agus gun tèid e as uainn. 7 Agus chaidh a‑mach na dhèidh fir Ioaib, agus na Ceretich, agus na Peletich, agus na fir threuna uile: agus chaidh iad a‑mach à Ierusalem, a dhol air tòir Shèba mac Bhichri. 8 Nuair a bha iad aig a’ chloich mhòir a tha ann an Gibeon, thàinig Amasa romhpa. Agus bha Ioab crioslaichte le fallaing a chuir e uime, agus oirre sin crios le claidheamh ceangailte air a leis na thruaill; agus nuair a chaidh e air aghaidh, thuit e aisde. 9 Agus thubhairt Ioab ri Amasa, A bheil thu slàn, a bhràthair? Agus ghlac Ioab le a dheas làimh Amasa air a fheusaig, a thabhairt pòige dha. 10 Ach cha tug Amasa fa‑near an claidheamh a bha ann an làimh Ioaib: agus bhuail e leis e fon chòigeamh aisne, agus leig e a‑mach a mhionach a dh’ionnsaigh an làir, agus cha do bhuail e a‑rìs e; agus fhuair e bàs. Agus chaidh Ioab, agus a bhràthair Abisai, air tòir Shèba mhic Bhichri. 11 Agus sheas fear de òganaich Ioaib làimh ris, agus thubhairt e, Esan leis an ionmhainn Ioab, agus esan a tha le Daibhidh, leanadh e Ioab. 12 Agus bha Amasa ga aonairt fhèin ann am fuil am meadhon an rathaid mhòir. Agus nuair a chunnaic an duine gun d’fhan an sluagh uile nan seasamh, dh’atharraich e Amasa on rathad mhòr don achadh, agus thilg e aodach air, nuair a chunnaic e gun d’fhan gach neach a thàinig làimh ris nan seasamh. 13 Nuair a dh’atharraicheadh e on rathad mhòr, chaidh an sluagh uile air an aghaidh an dèidh Ioaib, a dhol air tòir Shèba mhic Bhichri. 14 Agus chaidh e air feadh uile threubhan Israeil gu Abel-bhetmaacah, agus na Berich uile: agus chruinnicheadh iad an ceann a chèile, agus chaidh iad mar an ceudna na dhèidh. 15 Agus thàinig iad, agus theannaich iad e, ann an Abel-bhetmaacah, agus chuir iad suas tòrr an aghaidh a’ bhaile, agus sheas e làimh ris a’ bhalla: agus rinn an sluagh uile a bha maille ri Ioab an dìcheall air a’ bhalla a leagadh sìos. 16 An sin ghlaodh bean ghlic a‑mach as a’ bhaile, Eisdibh, èisdibh, abraibh, guidheam oirbh, ri Ioab, Thig am fagas an seo, agus labhraidh mi riut. 17 Agus nuair a thàinig e am fagas di, thubhairt a’ bhean, An tu Ioab? Agus fhreagair esan, Is mi. An sin thubhairt i ris, Eisd ri briathran do bhanoglaich. Agus fhreagair esan, Tha mi ag èisdeachd. 18 An sin labhair i, ag ràdh, Gu cinnteach labhair iad an toiseach, ag ràdh, Gu deimhinn iarraidh iad sìth air Abel: agus mar sin crìochnaichidh iad an gnothach. 19 Is aon mise dhiubhsan a tha sìochail agus fìrinneach ann an Israel: ach tha thusa ag iarraidh baile, agus màthair ann an Israel, a sgrios, Carson a shluigeas tu suas oighreachd an Tighearna? 20 Agus fhreagair Ioab agus thubhairt e, Guma fada, fada sin uamsa, gun sluiginn suas, no gun sgriosainn. 21 Chan ann mar sin a tha an gnothach: ach thog duine de shliabh Ephraim, don ainm Sèba mac Bhichri, a làmh suas an aghaidh an rìgh, an aghaidh Daibhidh: thugaibh esan a‑mhàin thairis, agus imichidh mi on bhaile. Agus thubhairt a’ bhean ri Ioab, Feuch, tilgear a cheann ad ionnsaigh thar a’ bhalla. 22 An sin chaidh a’ bhean a dh’ionnsaigh an t‑sluaigh uile na gliocas: agus gheàrr iad ceann Shèba mhic Bhichri dheth, agus thilg iad a‑mach e a dh’ionnsaigh Ioaib: agus shèid e trompaid, agus chaidh iad air falbh on bhaile, gach fear a dh’ionnsaigh a bhùtha. Agus thill Ioab do Ierusalem a dh’ionnsaigh an rìgh. 23 A‑nis bha Ioab os cionn armailtean Israeil uile: agus bha Benaiah mac Iehoiada os cionn nan Cereteach, agus os cionn nam Peleteach: 24 Agus bha Adoram os cionn na cìse: agus bha Iehosaphat mac Ahiluid na sheanchaidh: 25 Agus bha Sebha na sgrìobhaiche: agus b’iad Sadoc agus Abiatar na sagartan: 26 Agus mar an ceudna bha Ira an t‑Iaireach na àrd fhear-riaghlaidh aig Daibhidh. |