Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Samuel 19 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus dh’innseadh do Ioab, Feuch, tha an rìgh a’ gul agus a’ caoidh airson Absaloim.

2 Agus bha a’ bhuaidh air an là sin air a tionndadh gu caoidh don t‑sluagh uile; oir chuala an sluagh ga ràdh air an là sin, Tha an rìgh fo thùirse airson a mhic.

3 Agus ghoid an sluagh air an là sin a‑steach don bhaile, mar a ghoideas sluagh air falbh agus iad fo nàire, nuair a theicheas iad ann an cath.

4 Ach dh’fhalaich an rìgh a aghaidh, agus ghlaodh an rìgh le guth àrd, A mhic, Absaloim! Absaloim, a mhic, a mhic!

5 Agus thàinig Ioab a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh don taigh, agus thubhairt e, Chuir thu nàire an‑diugh air aghaidhean do sheirbhiseach uile, a shaor d’anam an‑diugh, agus anaman do mhac, agus do nighean, agus anaman do bhan, agus anaman do choileabach;

6 A chionn gu bheil gràdh agad dhaibhsan aig a bheil fuath dhut, agus gu bheil fuath agad dhaibhsan aig a bheil gràdh dhut: oir nochd thu an‑diugh nach eil suim agad de cheannardan, no de sheirbhisich: oir tha mi a’ tuigsinn an‑diugh, nam biodh Absalom beò, agus nam bitheamaid-ne uile marbh an‑diugh, an sin gum biodh e ceart ann ad shùilean.

7 A‑nis uime sin èirich, falbh a‑mach, agus labhair gu coibhneil rid sheirbhisich: oir bheir mise mo mhionnan air an Tighearna, mura tèid thu a‑mach, nach fan duine maille riut a‑nochd: agus bidh sin nas miosa dhut na gach olc a thàinig ort od òige gus a‑nis.

8 An sin dh’èirich an rìgh, agus shuidh e anns a’ gheata. Agus dh’innis iad don t‑sluagh uile, ag ràdh, Feuch, tha an rìgh na shuidhe anns a’ gheata: agus thàinig an sluagh uile am fianais an rìgh. Agus theich Israel, gach fear a dh’ionnsaigh a bhùtha.

9 Agus bha an sluagh uile ri connsachadh air feadh uile threubhan Israeil, ag ràdh, Theasairg an rìgh sinn à làimh ar naimhdean, agus shaor e sinn à làimh nam Philisteach, agus a‑nis tha e air teicheadh as an tìr ro Absalom.

10 Agus fhuair Absalom, a dh’ung sinn os ar cionn, bàs anns a’ chath: a‑nis matà carson a tha sibh tosdach mun rìgh a thoirt air ais?

11 Agus chuir rìgh Daibhidh fios gu Sadoc agus gu Abiatar na sagartan, ag ràdh, Labhraibh ri seanairean Iùdah ag ràdh, Carson a tha sibhse air dheireadh a thoirt an rìgh air ais da thaigh? (agus gun tàinig cainnt Israeil uile a dh’ionnsaigh an rìgh da thaigh.)

12 Is sibhse mo bhràithrean, is sibh mo chnàmhan agus m’fheòil: carson matà a tha sibh air dheireadh a thoirt an rìgh air ais?

13 Agus ri Amasa their sibh, Nach tusa mo chnàimh, agus m’fheòil? Mar sin gun dèanadh Dia riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, mura bi thusa ann ad cheannard air an t‑sluagh am làthair-sa an còmhnaidh an àite Ioaib.

14 Agus dh’aom e cridheachan fir Iùdah uile, mar chridhe aon duine; air chor is gun do chuir iad am fios seo a dh’ionnsaigh an rìgh, Till fhèin, agus do sheirbhisich uile.

15 Uime sin thill an rìgh, agus thàinig e gu Iòrdan: agus thàinig Iùdah gu Gilgal, a dhol an coinneamh an rìgh, gus an rìgh a thoirt thar Iòrdan.

16 Agus ghreas Simei mac Ghera, Beniàmineach, a bha o Bhahurim, air, agus thàinig e a‑nuas maille ri fir Iùdah an coinneamh rìgh Daibhidh.

17 Agus bha mìle fear de Bheniàmin maille ris, agus Siba, òglach taigh Shuail, agus a chòig-mic-dheug, agus a fhichead seirbhiseach maille ris; agus chaidh iad thar Iòrdan ron rìgh.

18 Agus chaidh bàt’-aisig a‑null a thoirt teaghlach an rìgh thairis, agus a dhèanamh an nì a bu mhath leis. Agus thuit Simei mac Ghera sìos am fianais an rìgh, nuair a thàinig e thar Iòrdan;

19 Agus thubhairt e ris an rìgh, Na cuireadh mo thighearna euceart as mo leth, agus na cuimhnich an nì a rinn do sheirbhiseach gu h‑an‑dligheach air an là anns an deachaidh mo thighearna, an rìgh, a‑mach à Ierusalem, air chor is gun gabhadh an rìgh ga chridhe e.

20 Oir tha fhios aig do sheirbhiseach gun do pheacaich mi: uime sin, feuch, thàinig mi an‑diugh an ciad duine de thaigh Iòseiph uile, a dhol sìos an coinneamh mo thighearna, an rìgh.

21 Ach fhreagair Abisai mac Sheruiah, agus thubhairt e, Nach cuirear air a shon seo Simei gu bàs, a chionn gun do mhallaich e aon ungte an Tighearna?

22 Agus thubhairt Daibhidh, Ciod e mo ghnothach-sa ribhse, a mhaca Sheruiah, gum biodh sibh an‑diugh nur n‑eascairdean dhomh? An cuirear an‑diugh duine sam bith gu bàs ann an Israel? Oir nach eil fhios agam gu bheil mi an‑diugh am rìgh os cionn Israeil?

23 Agus thubhairt an rìgh ri Simei, Chan fhaigh thu bàs: agus mhionnaich an rìgh dha.

24 Agus thàinig Mephiboset, mac Shauil, a‑nuas an coinneamh an rìgh, agus cha do dheasaich e a chasan, agus cha do chuir e snas air a fheusaig, agus cha do nigh e a aodach on là anns an do thriall an rìgh, gus an là anns an tàinig e a‑rìs ann an sìth.

25 Agus nuair a thàinig e gu Ierusalem an coinneamh an rìgh, an sin thubhairt an rìgh ris, Carson nach deachaidh tu maille riumsa, a Mhephiboset?

26 Agus fhreagair esan, A thighearna, a rìgh, mheall mo sheirbhiseach mi: oir thubhairt do sheirbhiseach, Cuiridh mi dìollaid dhomh fhèin air asail, agus marcaichidh mi oirre, agus thèid mi a dh’ionnsaigh an rìgh, a chionn gu bheil do sheirbhiseach bacach.

27 Agus chùl-chàin esan do sheirbhiseach rim thighearna an rìgh; ach tha mo thighearna an rìgh mar aingeal Dhè: dèan uime sin an nì sin a tha math ad shùilean.

28 Oir cha robh teaghlach m’athar uile ach nan daoine marbha am fianais mo thighearna an rìgh; gidheadh chuir thu do sheirbhiseach nam measg-san a dh’ith aig do bhòrd fhèin: ciod matà a’ chòir a tha agamsa tuilleadh air glaodhaich nas mò ris an rìgh?

29 Agus thubhairt an rìgh ris, Carson a labhras tu nas mò mud ghnothaichean? Thubhairt mise, Roinnidh tusa agus Siba am fearann.

30 Agus thubhairt Mephiboset ris an rìgh, Is eadh, gabhadh e an t‑iomlan, o thàinig mo thighearna an rìgh a‑rìs ann an sìth da thaigh fhèin.

31 Agus thàinig Barsillai an Gileadach a‑nuas o Rogelim, agus chaidh e thar Iòrdan maille ris an rìgh, a‑chum a chur thar Iòrdan.

32 A‑nis bha Barsillai na dhuine ro‑shean, ceithir-fichead bliadhna a dh’aois: agus thug esan lòn don rìgh nuair a dh’fhan e ann am Mahanaim; oir bu duine ro‑mhòr e.

33 Agus thubhairt an rìgh ri Barsillai, Thig-sa thairis maille rium, agus beathachidh mi thu maille rium fhèin ann an Ierusalem.

34 Agus thubhairt Barsillai ris an rìgh, Cia fad a tha agamsa ri bhith beò, gun rachainn suas maille ris an rìgh gu Ierusalem?

35 Tha mi an‑diugh ceithir-fichead bliadhna a dh’aois: an urrainn mise aithneachadh eadar math agus olc? An urrainn do sheirbhiseach na dh’itheas no na dh’òlas mi a bhlasad? An urrainn mise tuilleadh guth fhear agus bhan a sheinneas a chluinntinn? Carson matà a bhiodh do sheirbhiseach fhathast na èire air mo thighearna an rìgh?

36 Thèid do sheirbhiseach rè ùine bhig thar Iòrdan maille ris an rìgh: agus carson a dhìoladh an rìgh sin dhòmhsa le a leithid seo de luigheachd?

37 Leig led sheirbhiseach, guidheam ort, tilleadh air ais, a‑chum gum faigh mi bàs ann am bhaile fhèin, làimh ri uaigh m’athar agus mo mhàthar: ach, feuch, rachadh do sheirbhiseach Chimham thairis maille rim thighearna an rìgh, agus dèan ris na bhios math ann ad shùilean.

38 Agus fhreagair an rìgh, Thèid Chimham thairis maille rium, agus nì mi dha na bhios math ann ad shùilean; agus ge bè a dh’iarras tusa orm, nì mi e dhut.

39 Agus chaidh an sluagh uile thar Iòrdan, agus chaidh an rìgh thairis: agus phòg an rìgh Barsillai, agus bheannaich e e; agus thill e da àite fhèin.

40 An sin chaidh an rìgh air aghaidh gu Gilgal, agus chaidh Chimham air aghaidh maille ris: agus thug sluagh Iùdah uile thairis an rìgh, agus mar an ceudna leth sluagh Israeil.

41 Agus, feuch, thàinig fir Israeil uile a dh’ionnsaigh an rìgh, agus thubhairt iad ris an rìgh, Carson a ghoid ar bràithrean, fir Iùdah, thu air falbh, agus a thug iad an rìgh agus a theaghlach, agus daoine Dhaibhidh uile maille ris, thar Iòrdan?

42 Agus fhreagair fir Iùdah uile fir Israeil, A chionn gu bheil an rìgh fagas an dàimh dhuinne: carson matà a tha fearg oirbhse airson an nì seo? An d’ith sinn a’ bheag on rìgh? No an tug e tìodhlac sam bith dhuinn?

43 Agus fhreagair fir Israeil fir Iùdah, agus thubhairt iad, Tha deich earrannan againne anns an rìgh, agus tha mar an ceudna tuilleadh còir againn ann an Daibhidh na tha agaibhse: carson matà a rinn sibh tàir oirnne? Agus nach b’e ar gnothach-ne an toiseach ar rìgh a thabhairt air ais? Agus bu ghairge briathran fir Iùdah na briathran fir Israeil.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan