Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Samuel 16 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus nuair a chaidh Daibhidh beagan thar mullach an t‑slèibh, feuch, thàinig Siba, òglach Mhephiboset, na choinneamh le dà asail air an dìollaideachadh, agus dà cheud buileann arain orra, agus ceud bagaid de fhìondhearcan tiormaichte, agus ceud de mheas samhraidh, agus searrag fhìona.

2 Agus thubhairt an rìgh ri Siba, Ciod as ciall dhut leo sin? Agus thubhairt Siba, Tha na h‑asail airson teaghlach an rìgh a‑chum marcachd; agus an t‑aran agus am meas samhraidh airson nan òganach a‑chum an ithe; agus am fìon, a‑chum gun òl esan a bhios sgìth anns an fhàsach.

3 Agus thubhairt an rìgh, Agus càit a bheil mac do mhaighistir? Agus thubhairt Siba ris an rìgh, Feuch, tha e a’ fantainn ann an Ierusalem: oir thubhairt e, An‑diugh aisigidh taigh Israeil dhòmhsa rìoghachd m’athar.

4 An sin thubhairt an rìgh ri Siba, Feuch, is leatsa gach nì a bha aig Mephiboset. Agus thubhairt Siba, Tha mi le mòr-ùmhlachd a’ guidhe ort gum faigh mi deagh-ghean ad shùilean, a thighearna, a rìgh.

5 Agus nuair a thàinig rìgh Daibhidh gu Bahurim, feuch, à sin thàinig a‑mach duine de theaghlach taigh Shauil, dom b’ainm Simei, mac Ghera; thàinig e a‑mach, a’ teachd air aghaidh agus a’ mallachadh.

6 Agus thilg e clachan air Daibhidh, agus air seirbhisich rìgh Daibhidh uile; agus bha an sluagh uile, agus na daoine treuna uile, air a làimh dheis agus air a làimh chlì.

7 Agus mar seo thubhairt Simei nuair a mhallaich e e, Thig a‑mach, thig a‑mach, thusa a dhuine fhuileachdaich, agus a dhuine le Belial:

8 Dhìol an Tighearna ortsa uile fhuil taigh Shauil, an àit an do rìghich thu; agus thug an Tighearna an rìoghachd do làimh do mhic Absalom: agus, feuch, ghlacadh thu ann ad olc fhèin, a chionn gur duine fuileachdach thu.

9 An sin thubhairt Abisai mac Sheruiah ris an rìgh, Carson a mhallaicheadh an cù marbh seo mo thighearna, an rìgh? Leig dhomh dol a‑null, guidheam ort, agus a cheann a thoirt dheth.

10 Agus thubhairt an rìgh, Ciod e mo ghnothach-sa ribhse, a mhaca Sheruiah? Leigibh leis mallachadh, a chionn gun dubhairt an Tighearna ris, Mallaich Daibhidh: agus cò a their, Carson a rinn thu mar seo?

11 Agus thubhairt Daibhidh ri Abisai, agus ra sheirbhisich uile, Feuch, mo mhac, a thàinig a‑mach à m’innibh, ag iarraidh m’anama; agus cia mòr as mò a‑nis a dh’fhaodas am Beniàmineach seo? Leigibh leis, agus mallaicheadh e, oir dh’iarr an Tighearna air.

12 Theagamh gun amhairc an Tighearna air m’àmhghar, agus gun dìol an Tighearna dhomh math airson a mhallachaidh air an là‑an‑diugh.

13 Agus nuair a dh’imich Daibhidh agus a dhaoine air an t‑slighe, dh’imich Simei air slios an t‑slèibh làimh ris, a’ dol air aghaidh agus a’ mallachadh, agus thilg e clachan agus ùir air.

14 Agus thàinig an rìgh agus an sluagh uile a bha maille ris, sgìth; agus leig iad an anail an sin.

15 Agus thàinig Absalom, agus uile shluagh fir Israeil, gu Ierusalem, agus Ahitophel maille ris.

16 Agus nuair a thàinig Husai an t‑Arcach, caraid Dhaibhidh, a dh’ionnsaigh Absaloim, thubhairt Husai ri Absalom, Guma fada beò an rìgh, guma fada beò an rìgh.

17 Agus thubhairt Absalom ri Husai, An e seo do choibhneas rid charaid? Carson nach deachaidh tu maille rid charaid?

18 Agus thubhairt Husai ri Absalom, Chan eadh; ach ge bè neach a thaghas an Tighearna, agus an sluagh seo, agus fir Israeil uile, leis-san bidh mise, agus maille ris fanaidh mi.

19 Agus anns an dara àite, cò dha a dhèanainn seirbhis? Nach ann an làthair a mhic? Mar a rinn mi seirbhis ann an làthair d’athar, mar sin bidh mi ad làthair-sa.

20 An sin thubhairt Absalom ri Ahitophel, Thugaibh comhairle nur measg ciod a nì sinn.

21 Agus thubhairt Ahitophel ri Absalom, Gabh a‑steach a dh’ionnsaigh coileabaich d’athar, a dh’fhàg e a ghleidheadh an taighe; agus cluinnidh Israel uile gu bheil thu air fàs gràineil dod athair, agus neartaichear làmhan gach neach a tha maille riut.

22 Agus sgaoil iad bùth do Absalom air mullach an taighe; agus chaidh Absalom a‑steach a dh’ionnsaigh coileabaich a athar ann an sealladh Israeil uile.

23 Agus bha comhairle Ahitopheil a thug e seachad anns na làithean sin mar gum fiosraicheadh duine de fhacal Dhè: mar sin bha uile chomhairle Ahitopheil araon aig Daibhidh agus aig Absalom.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan