2 Samuel 13 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus thachair an dèidh seo gu robh aig Absalom mac Dhaibhidh piuthar mhaiseach dom b’ainm Tàmar; agus ghràdhaich Amnon mac Dhaibhidh i. 2 Agus bha Amnon ann an airc cho mòr is gun d’fhàs e tinn airson a pheathar Tàmar; oir b’òigh i, agus bha e cruaidh ann an sùilean Amnoin nì sam bith a dhèanamh oirre. 3 Ach bha aig Amnon caraid dom b’ainm Ionadab, mac Shimeah, bràthair Dhaibhidh: agus bha Ionadab na dhuine ro‑sheòlta. 4 Agus thubhairt e ris, Carson a tha thusa, agus gur mac don rìgh thu, tana mar seo o là gu là? Nach innis thu dhòmhsa? Agus thubhairt Amnon ris, Tha gràdh agam air Tàmar, piuthar mo bhràthar Absalom. 5 Agus thubhairt Ionadab ris, Laigh sìos air do leabaidh, agus leig ort a bhith tinn; agus nuair a thig d’athair gad fhaicinn, their thu ris, Thigeadh, guidheam ort, mo phiuthar Tàmar, agus thugadh i biadh dhomh, agus deasaicheadh i am biadh am fhianais, a‑chum gum faic mi e, agus gun ith mi as a làimh e. 6 Agus laigh Amnon sìos, agus leig e air a bhith tinn; agus nuair a thàinig an rìgh ga fhaicinn, thubhairt Amnon ris an rìgh, Thigeadh, guidheam ort, mo phiuthar Tàmar, agus dèanadh i dà bhreacaig am fhianais, a‑chum gun ith mi as a làimh. 7 An sin chuir Daibhidh fios dhachaigh a dh’ionnsaigh Thàmair, ag ràdh, Imich a‑nis gu taigh do bhràthar, Amnon, agus deasaich dha biadh. 8 Agus chaidh Tàmar do thaigh a bràthar, Amnon, (agus bha esan na laighe,) agus ghabh i min mhìn, agus thaoisinn i i, agus rinn i breacagan na fhianais, agus bhruith i na breacagan. 9 Agus ghabh i aghann, agus thaom i a‑mach iad na fhianais, ach dhiùlt esan ithe. Agus thubhairt Amnoin, Thugaibh a‑mach gach duine uam; agus thug iad a‑mach gach duine uaithe. 10 Agus thubhairt Amnon ri Tàmar, Thoir am biadh a‑steach don t‑seòmar, a‑chum gun ith mi as do làimh. Agus ghabh Tàmar na breacagan a rinn i, agus thug i iad don t‑seòmar a dh’ionnsaigh a bràthar, Amnon. 11 Agus nuair a thug i iad da ionnsaigh a‑chum an ithe, rug e oirre, agus thubhairt e rithe, Thig, laigh leam, a phiuthar. 12 Agus fhreagair i e, Chan eadh, a bhràthair, na èignich mi; oir cha chòir a leithid seo a bhith air a dhèanamh ann an Israel: na dèan-sa an amaideachd seo. 13 Agus mise, càit an cuir mi air falbh mo mhasladh? Agus air do shon-sa, bidh tu mar aon de na h‑amadain ann an Israel: a‑nis uime sin labhair, guidheam ort, ris an rìgh; oir cha chùm e uat mi. 14 Gidheadh, chan èisdeadh esan ra guth; ach a chionn gum bu treasa e na ise, dh’èignich e i, agus laigh e leatha. 15 An sin dh’fhuathaich Amnon i le fuath ro‑mhòr, air chor is gum bu mhò am fuath leis an d’fhuathaich e i na an gràdh leis an do ghràdhaich e i: agus thubhairt Amnon rithe, Eirich, bi ag imeachd. 16 Agus thubhairt ise ris, Na biodh e mar sin, a bhràthair; oir is mò an t‑olc seo nam chur air falbh na an t‑olc eile a rinn thu orm: ach chan èisdeadh esan rithe. 17 An sin ghairm e air a òglach a fhritheil dha, agus thubhairt e, Cuir a‑nis a’ bhean seo a‑mach uam, agus cuir an crann air an doras na dèidh. 18 Agus bha trusgan iomadh-dathach oirre; oir le a leithid seo de dheise bha nigheanan an rìgh, a bha nan òighean, air an sgeadachadh. An sin thug a sheirbhiseach a‑mach i, agus chrann e an doras na dèidh. 19 Agus chuir Tàmar luath air a ceann, agus reub i an trusgan iomadh-dathach a bha oirre, agus chuir i a làmh air a ceann, agus chaidh i air falbh a’ glaodhaich. 20 Agus thubhairt a bràthair Absalom rithe, An robh do bhràthair Amnon maille riut? Ach a‑nis, a phiuthar, bi ad thosd; is e do bhràthair e; na cuireadh an nì seo smuairean ort. Agus dh’fhan Tàmar gu h‑aonaranach ann an taigh a bràthar Absalom. 21 Ach nuair a chuala rìgh Daibhidh na nithean seo uile, bha fearg ro‑mhòr air. 22 Agus cha do labhair Absalom ri Amnon aon chuid olc no math: oir dh’fhuathaich Absalom Amnon, a chionn gun d’èignich e a phiuthar Tàmar. 23 Agus thachair an dèidh dà bhliadhna iomlan gu robh aig Absalom luchd-lomairt chaorach ann am Bàal-hasor, a tha làimh ri Ephraim: agus thug Absalom cuireadh do mhic an rìgh uile. 24 Agus thàinig Absalom a dh’ionnsaigh an rìgh, agus thubhairt e, Feuch a‑nis, tha luchd-lomairt chaorach aig do sheirbhiseach; thigeadh, guidheam ort, an rìgh agus a sheirbhisich maille rid sheirbhiseach. 25 Agus thubhairt an rìgh ri Absalom, Chan eadh, a mhic, na rachamaid uile a‑nis, a‑chum nach bi sinn trom ort. Agus chuir e impidh air: gidheadh cha b’àill leis imeachd, ach bheannaich e e. 26 An sin thubhairt Absalom, Mura tig thu fhèin, thigeadh, guidheam ort, mo bhràthair Amnon maille rinn. Agus thubhairt an rìgh, Carson a rachadh e maille riut? 27 Ach chuir Absalom impidh air; agus leig e le Amnon agus mic an rìgh uile dol maille ris. 28 A‑nis dh’àithn Absalom da òglaich, ag ràdh, Thugaibh fa‑near a‑nis nuair a bhios cridhe Amnoin subhach le fìon, agus nuair a their mise ribh, Buailibh Amnon, an sin marbhaibh e. Na biodh eagal oirbh: nach d’àithn mise dhuibh? Bithibh misneachail, agus bithibh treun. 29 Agus rinn òglaich Absaloim ri Amnon mar a dh’àithn Absalom: an sin dh’èirich mic an rìgh uile, agus chaidh gach fear dhiubh air a mhuileid, agus theich iad. 30 Agus nuair a bha iad air an t‑slighe, thàinig sgeul a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, ag ràdh, Bhuail Absalom mic an rìgh uile, agus cha d’fhàgadh aon dhiubh beò. 31 An sin dh’èirich an rìgh, agus reub e a aodach, agus laigh e air an talamh; agus sheas a sheirbhisich uile làimh ris len aodach reubte. 32 Agus fhreagair Ionadab mac Shimeah, bràthair Dhaibhidh, agus thubhairt e, Na smaoinicheadh mo thighearna gun do mharbh iad na h‑òganaich uile, mic an rìgh; oir tha Amnon a‑mhàin marbh: oir le Absalom shuidhicheadh an nì seo, on là anns an d’èignich e a phiuthar Tàmar. 33 Agus a‑nis na gabhadh mo thighearna an rìgh an nì thuige da chridhe, a’ smaoineachadh gu bheil mic an rìgh uile marbh; oir tha Amnon a‑mhàin marbh. 34 Ach theich Absalom. Agus thog an t‑òganach a bha a’ gleidheadh na faire a shùilean, agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha mòran sluaigh a’ teachd air an t‑slighe air a chùlaibh o thaobh an t‑slèibh. 35 Agus thubhairt Ionadab ris an rìgh, Feuch, tha mic an rìgh a’ teachd: a rèir facal do sheirbhisich, mar sin tha e. 36 Agus cho luath is a sguir e de labhairt, feuch, thàinig mic an rìgh, agus thog iad suas an guth agus ghuil iad: agus ghuil mar an ceudna an rìgh, agus a sheirbhisich uile, le gul ro‑mhòr. 37 Ach theich Absalom, agus chaidh e a dh’ionnsaigh Thalmai, mac Amihuid, rìgh Ghesuir: agus chuala Daibhidh sin, agus rinn e caoidh airson a mhic gach aon là. 38 Mar sin theich Absalom, agus chaidh e do Ghesur, agus bha e an sin trì bliadhna. 39 Agus mhiannaich anam rìgh Daibhidh dol a‑mach a dh’ionnsaigh Absaloim: oir fhuair e comhfhurtachd a‑thaobh bàs Amnoin. |