2 Samuel 12 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus chuir an Tighearna Nàtan a dh’ionnsaigh Dhaibhidh; agus nuair a thàinig e da ionnsaigh, thubhairt e ris, Bha dithis fhear ann an aon bhaile, fear dhiubh beartach, agus am fear eile bochd. 2 Aig an duine bheartach bha ro‑mhòran chaorach agus cruidh: 3 Ach aig an duine bhochd cha robh nì sam bith ach aon uan beag boireann a cheannaich e agus a bheathaich e: agus dh’fhàs e suas maille ris fhèin, agus maille ra chloinn; dh’ith e de a ghreim fhèin, agus dh’òl e as a chupan fhèin, agus laigh e na uchd, agus bha e dha mar nighinn. 4 Agus thàinig fear-turais a dh’ionnsaigh an duine bheartaich, agus chaomhain e gabhail de a chaoraich fhèin, agus de a chrodh fhèin, a dheasachadh airson an fhir-turais a thàinig da ionnsaigh, ach ghabh e uan an duine bhochd, agus dheasaich e e don fhear a thàinig da ionnsaigh. 5 Agus las fearg Dhaibhidh an aghaidh an duine gu mòr; agus thubhairt e ri Nàtan, Mar as beò an Tighearna, gu cinnteach cuirear gu bàs am fear a rinn an nì seo: 6 Agus dìolaidh e an t‑uan ceithir uairean, do bhrìgh gun do rinn e an nì seo, agus a chionn nach do chaomhain e. 7 Agus thubhairt Nàtan ri Daibhidh, Is tusa an duine. Mar seo tha an Tighearna, Dia Israeil, ag ràdh, Dh’ung mise thu ad rìgh os cionn Israeil, agus shaor mi thu à làimh Shauil: 8 Agus thug mi dhut taigh do mhaighistir, agus mnathan do mhaighistir ann ad uchd, agus thug mi dhut taigh Israeil agus Iùdah; agus nam bu bheag sin, bheirinn dhut cuideachd an leithid seo agus an leithid siud de nithean. 9 Carson a rinn thu tàir air àithne an Tighearna, le olc a dhèanamh na fhianais? Uriah an Hiteach bhuail thu leis a’ chlaidheamh, agus a bhean ghabh thu na mnaoi dhut fhèin, agus esan mharbh thu le claidheamh chloinn Amoin. 10 A‑nis uime sin cha dealaich an claidheamh rid thaigh gu bràth, do bhrìgh gun do rinn thu tàir orm, agus gun do ghabh thu bean Uriah an t‑Hiteach gu bhith na mnaoi dhut fhèin. 11 Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Feuch, togaidh mise suas olc ann ad aghaidh as do thaigh fhèin; agus gabhaidh mi do mhnathan fa chomhair do shùl, agus bheir mi iad dod choimhearsnach, agus laighidh e led mhnathan ann an sealladh na grèine seo: 12 Oir rinn thusa e gu diamhair; ach nì mise an nì seo am fianais Israeil uile, agus am fianais na grèine. 13 Agus thubhairt Daibhidh ri Nàtan, Pheacaich mi an aghaidh an Tighearna. Agus thubhairt Nàtan ri Daibhidh, Mar an ceudna chuir an Tighearna air falbh do pheacadh: chan fhaigh thu bàs. 14 Gidheadh, a chionn leis a’ ghnìomh seo gun tug thu air naimhdean an Tighearna mòr-thàir a dhèanamh air, gheibh mar an ceudna am mac a rugadh dhut gu cinnteach bàs. 15 Agus dh’fhalbh Nàtan da thaigh fhèin: agus bhuail an Tighearna an leanabh a rug bean Uriah do Dhaibhidh, agus bha e ro‑thinn. 16 Uime sin ghuidh Daibhidh air Dia airson an leinibh; agus thraisg Daibhidh, agus chaidh e a‑steach, agus laigh e rè na h‑oidhche air an talamh. 17 Agus thàinig seanairean a thaighe da ionnsaigh, ga thogail suas on talamh: ach cha b’àill leis, cha mhò a dh’ith e aran maille riu. 18 Agus air an t‑seachdamh là fhuair an leanabh bàs; agus bha eagal air seirbhisich Dhaibhidh innse dha gu robh an leanabh marbh: oir thubhairt iad, Feuch, nuair a bha an leanabh fhathast beò, labhair sinn ris, agus chan èisdeadh e ri ar guth: cionnas matà, ma dh’innseas sinn dha gu bheil an leanabh marbh, a chràidheas e e fhèin? 19 Ach nuair a chunnaic Daibhidh gu robh a sheirbhisich ri cagarsaich, thuig Daibhidh gu robh an leanabh marbh: uime sin thubhairt Daibhidh ra sheirbhisich, A bheil an leanabh marbh? Agus thubhairt iadsan, Tha e marbh. 20 An sin dh’èirich Daibhidh on talamh, agus dh’ionnlaid agus dh’ung e e fhèin, agus mhùth e a aodach, agus chaidh e a‑steach do thaigh an Tighearna, agus rinn e adhradh: an sin thàinig e da thaigh fhèin, agus nuair a dh’iarr e, chuir iad aran fa chomhair, agus dh’ith e. 21 An sin thubhairt a sheirbhisich ris, Ciod e an nì seo a rinn thu? Airson an leinibh, nuair a bha e beò, thraisg thu agus ghuil thu: ach nuair a dh’eug an leanabh, dh’èirich thu agus dh’ith thu aran. 22 Agus thubhairt esan, Nuair a bha an leanabh fhathast beò, thraisg mi agus ghuil mi: oir thubhairt mi, Cò aig a bheil fhios nach gabh Dia truas rium, agus nach mair an leanabh beò? 23 Ach a‑nis o fhuair e bàs, carson a thraisginn? An urrainn mi a thabhairt air ais tuilleadh? Thèid mise da ionnsaigh-san, ach cha till esan am ionnsaigh-sa. 24 Agus thug Daibhidh sòlas da mhnaoi Bat-sèba, agus chaidh e a‑steach da h‑ionnsaigh, agus laigh e leatha: agus rug i mac, agus thug e Solamh mar ainm air; agus ghràdhaich an Tighearna e. 25 Agus chuir e fios le làimh an fhàidh Nàtan, agus thug e Iedidiah mar ainm air, airson an Tighearna. 26 Agus chog Ioab an aghaidh Rabah chloinn Amoin, agus ghlac e am baile rìoghail. 27 Agus chuir Ioab teachdairean a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, agus thubhairt e, Chog mi an aghaidh Rabah, agus ghlac mi baile nan uisgeachan. 28 A‑nis uime sin cruinnich a’ chuid eile den t‑sluagh, agus campaich an aghaidh a’ bhaile, agus glac e, air eagal gun glac mise am baile, agus gun toirear m’ainm fhèin air. 29 Agus chruinnich Daibhidh an sluagh uile cuideachd, agus chaidh e gu Rabah, agus chog e na aghaidh, agus ghlac e e. 30 Agus thug e crùn an rìgh bhàrr a chinn, (agus b’e a chudthrom tàlann òir, maille ris na clachan luachmhor,) agus chuireadh e air ceann Dhaibhidh: agus thug e a‑mach creach a’ bhaile ann am mòr-phailteas. 31 Agus thug e a‑mach an sluagh a bha ann, agus chuir e iad fo shàbhan, agus fo innealan-bualaidh iarainn, agus fo thuaghan iarainn, agus thug e orra dol tro àth nan clachan-creadha; agus mar seo rinn e ri uile bhailtean chloinn Amoin. Agus thill Daibhidh agus an sluagh uile gu Ierusalem. |