2 Samuel 10 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus na dhèidh seo fhuair rìgh chloinn Amoin bàs, agus rìghich a mhac Hanun na àite. 2 An sin thubhairt Daibhidh, Nochdaidh mi coibhneas do Hanun mac Nahais, mar a nochd a athair-san dhòmhsa. Agus chuir Daibhidh uaithe a sheirbhisich, a thoirt sòlais dha airson a athar. Agus thàinig seirbhisich Dhaibhidh a‑steach do thìr chloinn Amoin. 3 Agus thubhairt ceannardan chloinn Amoin ri Hanun, an tighearna, An saoil thu gur ann a‑chum urram a thabhairt dod athair a chuir Daibhidh ad ionnsaigh luchd-sòlais? Nach ann a rannsachadh a’ bhaile, agus a ghabhail beachd air, agus ga sgrios, a chuir Daibhidh a sheirbhisich ad ionnsaigh? 4 Uime sin ghlac Hanun seirbhisich Dhaibhidh, agus bheàrr e dhiubh leth am feusaig, agus gheàrr e an aodach anns a’ mheadhon, gu ruig am màsan; agus chuir e air falbh iad. 5 Agus nuair a dh’innseadh sin do Dhaibhidh chuir e daoine nan coinneamh, a chionn gu robh nàire mhòr air na daoine: agus thubhairt an rìgh, Fanaibh ann an Iericho gus am fàs ur feusag, agus an sin tillibh. 6 Agus nuair a chunnaic clann Amoin gu robh iad gràineil am fianais Dhaibhidh, chuir clann Amoin teachdairean uapa, agus thuarasdalaich iad Sirianaich Bhet-rehoib, agus Sirianaich Shoba, fichead mìle coisiche, agus o rìgh Mhaacah mìle fear, agus o Istob dà‑mhìle-dheug fear. 7 Agus nuair a chuala Daibhidh sin, chuir e a‑mach Ioab, agus uile shluagh nan daoine treuna. 8 Agus thàinig clann Amoin a‑mach, agus chuir iad an cath an òrdagh aig dol a‑steach a’ gheata: agus bha Sirianaich Shoba, agus Rehoib, agus Istoib, agus Mhaacah, leo fhèin anns a’ mhachair. 9 Agus nuair a chunnaic Ioab gu robh aghaidh a’ chatha ris air a bheulaibh agus air a chùlaibh, thagh e a‑mach cuid de uile dhaoine taghte Israeil, agus chuir e ann an òrdagh catha iad an aghaidh nan Sirianach: 10 Agus a’ chuid eile den t‑sluagh thug e thairis do làimh a bhràthar Abisai, a‑chum gun cuireadh e an òrdagh iad an aghaidh chloinn Amoin. 11 Agus thubhairt e, Ma bhios na Sirianaich nas treasa na mise, an sin nì thusa còmhnadh riumsa; ach ma bhios clann Amoin nas treasa na thusa an sin thig mise a dhèanamh còmhnaidh leatsa. 12 Bi misneachail, agus bitheamaid gaisgeil airson ar sluaigh, agus airson bailtean ar Dè; agus dèanadh an Tighearna an nì a tha math na shùilean. 13 Agus thàinig Ioab am fagas, agus an sluagh a bha maille ris, gu cath an aghaidh nan Sirianach: agus theich iad roimhe. 14 Agus nuair a chunnaic clann Amoin gun do theich na Sirianaich, an sin theich iadsan mar an ceudna ro Abisai, agus chaidh iad a‑steach don bhaile: agus thill Ioab o chloinn Amoin, agus thàinig e gu Ierusalem. 15 Agus nuair a chunnaic na Sirianaich gun do bhuaileadh iad ro Israel, chruinnich iad iad fhèin an ceann a chèile. 16 Agus chuir Hadadeser fios uaithe, agus thug e a‑mach na Sirianaich a bha air an taobh thall den abhainn, agus thàinig iad gu Helam; agus chaidh Sobach, ceannard armailt Hadareseir, romhpa. 17 Agus nuair a dh’innseadh sin do Dhaibhidh, chruinnich e Israel uile an ceann a chèile, agus chaidh e thar Iòrdan, agus thàinig e gu Helam; agus chuir na Sirianaich iad fhèin an òrdagh catha an aghaidh Dhaibhidh, agus chog iad ris. 18 Agus theich na Sirianaich ro Israel; agus mharbh Daibhidh de na Sirianaich fir sheachd ceud carbad, agus dà‑fhichead mìle marcaiche; agus bhuail e Sobach, ceannard an armailte, a fhuair bàs an sin. 19 Agus nuair a chunnaic na rìghrean uile, a bha nan seirbhisich aig Hadareser, gun do bhuaileadh iad ro Israel, rinn iad sìth ri Israel, agus rinn iad seirbhis dhaibh. Agus bha eagal air na Sirianaich còmhnadh a dhèanamh tuilleadh ri cloinn Amoin. |