Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Eachdraidh 8 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus thàrladh an ceann fichead bliadhna, anns an do thog Solamh taigh an Tighearna agus a thaigh fhèin,

2 Na bailtean a thug Huram do Sholamh, gun do thog Solamh iad, agus thug e air cloinn Israeil còmhnaidh a ghabhail an sin.

3 Agus chaidh Solamh gu Hamat-sobah, agus thug e buaidh air.

4 Agus thog e Tadmor anns an fhàsach, agus na bailtean-ionmhais uile a thog e ann an Hamat.

5 Mar an ceudna thog e Bet-horon uachdarach, agus Bet-horon ìochdarach, bailtean daingnichte, le ballachan, geatachan, agus croinn:

6 Agus Bàalat, agus na h‑uile bhailtean-ionmhais a bha aig Solamh, agus uile bhailtean nan carbad, agus bailtean a’ mharc-shluaigh, agus uile mhiann Sholaimh a mhiannaich e a thogail ann an Ierusalem, agus ann an Lebanon, agus ann an uile thìr a thighearnais.

7 A‑thaobh an t‑sluaigh uile a dh’fhàgadh de na Hitich, agus de na h‑Amoraich, agus de na Peridsich, agus de na Hibhich, agus de na h‑Iebusaich, nach robh de Israel,

8 Den cloinn a dh’fhàgadh nan dèidh anns an tìr, nach do sgrios clann Israeil, dhiubhsan thog Solamh cìs gus an là‑an‑diugh.

9 Ach de chloinn Israeil cha do rinn Solamh tràill sam bith airson a obrach; oir bha iad nam fir-chogaidh, agus nan uachdarain, agus nan ceannardan aige, agus nam fir-riaghlaidh a charbad agus a mharc-shluaigh.

10 Agus b’iad seo uachdarain an luchd-dreuchd a bha aig rìgh Solamh, dà cheud agus lethcheud a riaghail os cionn an t‑sluaigh.

11 Agus thug Solamh suas nighean Phàraoh à baile Dhaibhidh a dh’ionnsaigh an taighe a thog e dhi: oir thubhairt e, Cha ghabh mo bhean-sa còmhnaidh ann an taigh Dhaibhidh rìgh Israeil; oir is naomh na h‑àitean don tàinig àirc an Tighearna a‑steach.

12 An sin dh’ìobair Solamh ìobairtean-loisgte don Tighearna, air altair an Tighearna, a thog e fa chomhair an sgàth-thaighe;

13 A dhlighe fhèin air gach là, agus ìobradh a rèir àithne Mhaois, air na sàbaidean, agus air na gealaichean nodha, agus air na fèillean sònraichte, trì uairean anns a’ bhliadhna, air fèill an arain neo-ghortaichte, agus air fèill nan seachdain, agus air fèill nam pàillean.

14 Agus shuidhich e, a rèir riaghailt Dhaibhidh a athair, roinnean nan sagart a‑chum an seirbhis, agus na Lèbhithich a‑chum an cùraim, a mholadh agus a fhrithealadh am fianais nan sagart, a rèir dlighe gach là; agus na dorsairean a rèir an roinnean aig gach geata: oir mar sin dh’àithn Daibhidh, òglach Dhè.

15 Agus cha do chlaon iad o àithne an rìgh mu na sagartan agus na Lèbhithich, a‑thaobh nì air bith, no a‑thaobh nan ionmhas.

16 Agus dheasaicheadh obair Sholaimh uile gu ruig an là anns an do leagadh bunait taigh an Tighearna, agus gus an do chrìochnaicheadh e. Mar sin rinneadh taigh an Tighearna gu h‑iomlan.

17 An sin chaidh Solamh gu Esion-geber, agus gu Elot, air taobh na mara ann an tìr Edoim.

18 Agus chuir Huram da ionnsaigh le làimh a sheirbhiseach longan, agus seirbhisich aig an robh eòlas na fairge; agus chaidh iad maille ri seirbhisich Sholaimh gu Ophir, agus thug iad as a sin ceithir cheud agus lethcheud tàlann òir, agus thug iad gu rìgh Solamh iad.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan