2 Eachdraidh 7 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus nuair a chuir Solamh crìoch air ùrnaigh a dhèanamh, thàinig an teine a‑nuas o nèamh, agus loisg e suas an tabhartas-loisgte agus na h‑ìobairtean; agus lìon glòir an Tighearna an taigh. 2 Agus cha b’urrainn na sagartan dol a‑steach do thaigh an Tighearna, a chionn gun do lìon glòir an Tighearna taigh an Tighearna. 3 Agus nuair a chunnaic clann Israeil uile mar a thàinig an teine a‑nuas, agus glòir an Tighearna, air an taigh, chrom iad iad fhèin len aghaidhean a‑chum na talmhainn air an ùrlar, agus rinn iad adhradh, agus mhol iad an Tighearna, a chionn gu bheil e math, gum mair a thròcair gu bràth. 4 An sin dh’ìobair an rìgh agus an sluagh uile ìobairtean am fianais an Tighearna. 5 Agus dh’ìobair rìgh Solamh mar ìobairt dà‑mhìle-fichead damh, agus ceud agus fichead mìle caora: agus choisrig an rìgh agus an sluagh uile taigh Dhè. 6 Agus dh’fheith na sagartan air an dreuchd; na Lèbhithich mar an ceudna le innealan-ciùil an Tighearna, a rinn Daibhidh an rìgh a mholadh an Tighearna, a chionn gum mair a thròcair gu bràth, nuair a bha Daibhidh a’ cliùthachadh len làimh-san: agus shèid na sagartan trompaidean romhpa, agus sheas Israel uile. 7 Agus naomhaich Solamh meadhon na cùirte a bha fa chomhair taigh an Tighearna: oir thug e suas an sin ìobairtean-loisgte, agus saill nan tabhartas-sìthe, a chionn nach b’urrainn an altair umha a rinn Solamh na h‑ìobairtean-loisgte, agus na tabhartasan-bìdh, agus an t‑saill, a ghabhail. 8 Agus chùm Solamh anns an àm sin an fhèill seachd làithean, agus Israel uile maille ris, co‑chruinneachadh ro‑mhòr, o dhol a‑steach Hamait gu ruig abhainn na h‑Eiphit. 9 Agus air an ochdamh là chùm iad àrd-choitheanal; oir chùm iad coisrigeadh na h‑altarach seachd làithean, agus an fhèill seachd làithean. 10 Agus air an treas-là‑fichead den t‑seachdamh mìos leig e an sluagh air falbh dam bùthan, aoibhinn agus subhach nan cridhe airson a’ mhaitheis a nochd an Tighearna do Dhaibhidh, agus do Sholamh, agus do Israel a shluagh. 11 Agus chrìochnaich Solamh taigh an Tighearna, agus taigh an rìgh; agus gach nì a thàinig ann an cridhe Sholaimh a dhèanamh ann an taigh an Tighearna, agus na thaigh fhèin, shoirbhich leis na dhèanamh. 12 Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin do Sholamh anns an oidhche, agus thubhairt e ris, Chuala mi d’ùrnaigh, agus thagh mi an t‑àite seo dhomh fhèin airson taigh ìobairte. 13 Ma dhruideas mi na nèamhan, agus nach bi uisge ann, no ma dh’àithneas mi do na lòcaist am fearann ithe suas, no ma chuireas mi plàigh am measg mo shluaigh; 14 Ma dh’irioslaicheas mo shluagh, air an goirear m’ainm, iad fhèin, agus gun dèan iad ùrnaigh, agus gun iarr iad mo ghnùis, agus gun till iad on droch shlighean, an sin cluinnidh mise o na nèamhan, agus maithidh mi am peacadh, agus lèighsidh mi am fearann. 15 A‑nis bidh mo shùilean fosgailte, agus bheir mo chluasan an aire do ùrnaigh an àite seo: 16 Oir a‑nis thagh mi agus naomhaich mi an taigh seo, a‑chum gum bi m’ainm an sin gu bràth; agus bidh mo shùilean agus mo chridhe an sin gach là. 17 Agus ma ghluaiseas tusa ann am fhianais mar a ghluais Daibhidh d’athair, agus ma nì thu a rèir gach nì a dh’àithn mi dhut, agus gun glèidh thu mo reachdan agus mo bhreitheanais: 18 An sin daingnichidh mise rìgh-chathair do rìoghachd, mar a rinn mi coicheangal ri Daibhidh d’athair, ag ràdh, Cha bhi duine a dhìth ort gu bhith na uachdaran ann an Israel. 19 Ach ma thionndaidheas sibh uam, agus gun trèig sibh mo reachdan agus m’àitheantan a chuir mi romhaibh, agus gun tèid sibh agus gun dèan sibh seirbhis do dhiathan eile, agus gun sleuchd sibh dhaibh: 20 An sin spìonaidh mise sibh as m’fhearann a thug mi dhuibh; agus an taigh seo a naomhaich mi dom ainm, tilgidh mi as mo shealladh, agus nì mi e na shamhladh agus na leth-fhacal am measg nan uile chinneach. 21 Agus an taigh seo a bha cho àrd, bidh iongantas air gach neach a thèid seachad air, agus their e, Carson a rinn an Tighearna mar seo ris an tìr seo, agus ris an taigh seo? 22 Agus freagrar, A chionn gun do thrèig iad an Tighearna, Dia an athraichean, a thug a‑mach iad à tìr na h‑Eiphit, agus gun do ghabh iad dan ionnsaigh diathan eile, agus gun do shleuchd iad dhaibh, agus gun do rinn iad seirbhis dhaibh; uime sin thug e an t‑olc seo uile orra. |