Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Eachdraidh 6 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 An sin thubhairt Solamh, Thubhairt an Tighearna gun gabhadh e còmhnaidh ann an dorchadas tiugh.

2 Ach thog mise taigh-còmhnaidh dhut, agus àite a‑chum thu a dh’fhantainn ann gu bràth.

3 Agus thionndaidh an rìgh a aghaidh, agus bheannaich e uile choitheanal Israeil (agus uile choitheanal Israeil nan seasamh),

4 Agus thubhairt e, Guma beannaichte an Tighearna Dia Israeil, a choilean le a làimh na labhair e le a bheul rim athair Daibhidh, ag ràdh,

5 On là air an tug mi mo shluagh a‑mach à tìr na h‑Eiphit, cha do thagh mi baile sam bith à uile threubhan Israeil a thogail taighe, a‑chum gum biodh m’ainm an sin, agus cha do thagh mi duine sam bith gu bhith na uachdaran os cionn mo shluaigh Israel.

6 Ach a‑nis thagh mi Ierusalem, a‑chum gum biodh m’ainm an sin; agus thagh mi Daibhidh gu bhith os cionn mo shluaigh Israel.

7 Agus bha e ann an cridhe Dhaibhidh m’athair taigh a thogail do ainm an Tighearna Dia Israeil.

8 Agus thubhairt an Tighearna ri Daibhidh m’athair, A chionn gu robh e ann ad chridhe taigh a thogail dom ainm-sa, is math a rinn thu gu robh e ann ad chridhe:

9 Gidheadh, cha tog thusa an taigh, ach do mhac a thig a‑mach as do leasraidh, togaidh esan an taigh dom ainm-sa.

10 Agus choilean an Tighearna a fhacal a labhair e, agus dh’èirich mise suas an àite Dhaibhidh m’athair, agus tha mi am shuidhe air rìgh-chathair Israeil, mar a labhair an Tighearna, agus thog mi an taigh do ainm an Tighearna Dia Israeil:

11 Agus shuidhich mi an sin an àirc, anns a bheil coicheangal an Tighearna, a rinn e ri cloinn Israeil.

12 Agus sheas e ro altair an Tighearna, an làthair uile choitheanail Israeil, agus sgaoil e a‑mach a làmhan:

13 (Oir rinn Solamh bonn umha, agus chuir e e ann am meadhon na cùirte, còig làmhan-coille air fad, agus còig làmhan-coille air leud, agus trì làmhan-coille air àirde; agus sheas e air, agus leig e e fhèin air a ghlùinean an làthair coitheanal Israeil uile, agus sgaoil e a‑mach a làmhan gu nèamh),

14 Agus thubhairt e, A Thighearna Dhè Israeil, chan eil Dia ann cosmhail riutsa anns na nèamhan, no air an talamh, a chumas coicheangal agus tròcair rid sheirbhisich, a ghluaiseas ad fhianais len uile chridhe:

15 A chùm rid òglach Daibhidh m’athair an nì a labhair thu ris; oir labhair thu led bheul, agus led làimh choilean thu, mar air an là‑an‑diugh.

16 A‑nis uime sin, a Thighearna Dhè Israeil, cùm rid òglach Daibhidh m’athair an nì a labhair thu ris, ag ràdh, Cha bhi duine a dhìth ort am fhianais-sa, a shuidheas air rìgh-chathair Israeil, ma choimheadas a‑mhàin do chlann an slighe, a’ gluasad ann am lagh, mar a ghluais thusa am fhianais.

17 Agus a‑nis, a Thighearna Dhè Israeil, daingnichear d’fhacal a labhair thu rid òglach Daibhidh.

18 Ach an gabh Dia da‑rìribh còmhnaidh maille ri daoine air an talamh? Feuch, cha chùm na nèamhan agus nèamhan nan nèamh thusa; cia as ro‑lugha na sin an taigh seo a thog mise?

19 Gidheadh, amhairc air ùrnaigh do sheirbhisich, agus air a athchuinge, a Thighearna mo Dhia, a dh’èisdeachd ris a’ ghlaodh agus ris an ùrnaigh a tha do sheirbhiseach a’ dèanamh ad fhianais;

20 A‑chum gum bi do shùilean fosgailte ris an taigh seo a dh’oidhche agus a là, eadhon ris an àite mun dubhairt thu gun cuireadh tu d’ainm an sin, a dh’èisdeachd ris an ùrnaigh a nì do sheirbhiseach a dh’ionnsaigh an àite seo.

21 Eisd air an adhbhar sin ri athchuinge do sheirbhisich, agus do sluaigh Israeil, nuair a nì iad ùrnaigh a dh’ionnsaigh an àite seo; agus èisd thusa od àite-còmhnaidh, o na nèamhan; agus nuair a dh’èisdeas tu, maith dhaibh.

22 Ma pheacaicheas duine an aghaidh a choimhearsnaich, agus ma dh’iarras e mionnan air, a’ toirt air mionnachadh, agus gun tig na mionnan an làthair d’altarach anns an taigh seo;

23 An sin èisd thusa o na nèamhan, agus dèan, agus thoir breith air do sheirbhisich, ag ìocadh don aingidh, a’ toirt a shlighe air a cheann fhèin; agus a’ fìreanachadh an fhìrein, a’ tabhairt dha a rèir a fhìreantachd.

24 Agus ma bhuailear do shluagh Israel an làthair an nàmhaid, a chionn gun do pheacaich iad ad aghaidh, agus ma thilleas iad agus gun aidich iad d’ainm, agus gun dèan iad ùrnaigh, agus gun guidh iad ad làthair anns an taigh seo;

25 An sin èisd thusa o na nèamhan, agus maith peacadh do shluaigh Israel, agus thoir a‑rìs iad don fhearann a thug thu dhaibh fhèin agus dan athraichean.

26 Nuair a dhruidear na nèamhan, agus nach bi uisge ann, a chionn gun do pheacaich iad ad aghaidh-sa, agus a nì iad ùrnaigh a dh’ionnsaigh an àite seo, agus a dh’aidicheas iad d’ainm, agus a dh’iompaichear iad o am peacadh, nuair a chuireas tu fo àmhghar iad;

27 An sin èisd thusa o na nèamhan, agus maith peacadh do sheirbhiseach, agus do shluaigh Israel, a‑chum gun teagaisg thu dhaibh an t‑slighe mhath air an còir dhaibh gluasad, agus gun cuir thu uisge air an fhearann a thug thu dod shluagh mar oighreachd.

28 Nuair a bhios gorta anns an tìr, nuair a bhios plàigh ann, nuair a bhios seargadh ann, no fuar-dhealt, lòcast, no burrais; nuair a theannaicheas a nàmhaid e ann an tìr a bhailtean, ciod air bith plàigh, agus ciod air bith easlaint a bhios ann;

29 Ge bè ùrnaigh, ge bè athchuinge a chuirear suas le duine sam bith, no led shluagh Israel uile, nuair a bhios fhios aig gach aon air a phlàigh fhèin, agus a dhoilgheas fhèin, agus a sgaoileas e a‑mach a làmhan a dh’ionnsaigh an taighe seo;

30 An sin èisd thusa o na nèamhan, od àite-còmhnaidh, agus maith, agus thoir do gach duine a rèir a shlighean uile, a tha fhios agad air a chridhe (oir is ann agadsa, agadsa a‑mhàin, a tha fhios air cridheachan clann nan daoine);

31 A‑chum gum bi eagal orra romhadsa, a ghluasad ann ad shlighean rè an làithean uile a bhios iad beò anns an tìr a thug thu dar n‑athraichean.

32 Os bàrr, a‑thaobh a’ choigrich, nach eil ded shluagh Israel, ach a thig à tìr chèin air sgàth do mhòr-ainme-sa, agus do làimhe làidir, agus do ghàirdein sìnte a‑mach, agus a thig agus a nì ùrnaigh anns an taigh seo;

33 An sin èisd thusa o na nèamhan, od àite-còmhnaidh, agus dèan a rèir nan uile nithean mun glaodh an coigreach riut; a‑chum gum bi eòlas aig uile shlòigh na talmhainn air d’ainm, agus gum bi eagal orra romhad, mar a tha air do shluagh Israel, agus gum bi fhios aca gun goirear d’ainm-sa air an taigh seo a thog mise.

34 Nuair a thèid do shluagh a‑mach a chogadh an aghaidh an naimhdean air an t‑slighe air an cuir thu iad, agus a nì iad ùrnaigh riut a làimh a’ bhaile seo a roghnaich thusa, agus an taighe a thog mise dod ainm;

35 An sin èisd thusa o na nèamhan rin ùrnaigh agus rin athchuinge, agus cùm ceartas riu.

36 Nuair a pheacaicheas iad ad aghaidh (oir chan eil duine ann nach peacaich), agus a lasas d’fhearg nan aghaidh, agus a bheir thu thairis iad dan naimhdean, agus a bheir iad leo nam braighdean iad do thìr am fad no am fagas;

37 Gidheadh ma thig iad gu inntinn cheirt anns an tìr don tugadh nam braighdean iad, agus ma dh’iompaichear iad, agus ma nì iad ùrnaigh riut ann an tìr am braighdeanais, ag ràdh, Pheacaich sinn, rinn sinn gu h‑eucorach, agus rinn sinn gu h‑aingidh;

38 Ma thilleas iad ad ionnsaigh-sa len uile chridhe, agus len uile anam, ann an tìr am braighdeanais, don tugadh iad nam braighdean, agus ma nì iad ùrnaigh a làimh an tìre fhèin a thug thu dan athraichean, agus a làimh a’ bhaile a roghnaich thu, agus a làimh an taighe a thog mise dod ainm;

39 An sin èisd thusa o na nèamhan, od àite-còmhnaidh, rin ùrnaigh agus rin athchuinge, agus cùm ceartas riu, agus maith dod sluagh a pheacaich ad aghaidh.

40 A‑nis, mo Dhia, biodh, guidheam ort, do shùilean fosgailte, agus thugadh do chluasan an aire do ùrnaigh an àite seo.

41 Ach a‑nis èirich thusa, a Thighearna Dhè, dod àite-suaimhneis, thu fhèin, agus àirc do neirt. Biodh do shagartan, a Thighearna Dhè, air an sgeadachadh le slàinte, agus dèanadh do naoimh gàirdeachas ann am maitheas.

42 A Thighearna Dhè, na tionndaidh air falbh gnùis d’aoin ungte: cuimhnich tròcairean Dhaibhidh do sheirbhiseach.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan