Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Eachdraidh 5 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus chrìochnaicheadh an obair uile a rinn Solamh airson taigh an Tighearna: agus thug Solamh a‑steach nithean naomhaichte Dhaibhidh a athair: an t‑airgead, agus an t‑òr, agus na h‑innealan uile, chuir e am measg ionmhasan taigh Dhè.

2 An sin chruinnich Solamh seanairean Israeil, agus cinn nan treubh uile, ceannardan athraichean chloinn Israeil, gu Ierusalem, a‑chum gun tugadh iad a‑nìos àirc coicheangal an Tighearna à baile Dhaibhidh, as e Sion.

3 Agus chruinnich fir Israeil uile iad fhèin a dh’ionnsaigh an rìgh air an fhèill, ann am mìos Etanim, is e sin an seachdamh mìos.

4 Agus thàinig uile sheanairean Israeil; agus thog na Lèbhithich an àirc.

5 Agus thug iad suas an àirc, agus pàillean a’ choitheanail, agus na soithichean naomha uile a bha anns a’ phàillean: thug na sagartan agus na Lèbhithich iad sin suas.

6 Agus dh’ìobair rìgh Solamh, agus coitheanal Israeil uile a chruinnich da ionnsaigh ron àirc, caoraich agus crodh, nach robh e an comas àireamh no a mheas, a‑thaobh lìonmhorachd.

7 Agus thug na sagartan a‑steach àirc coicheangal an Tighearna da h‑àite fhèin, do ghuth-àit an taighe, don ionad as ro‑naoimhe, eadhon fo sgiathan nan cerub:

8 Oir sgaoil na ceruban a‑mach an sgiathan os cionn àite na h‑àirce, agus chòmhdaich na ceruban an àirc agus a lunnan gu h‑àrd.

9 Agus tharraing iad a‑mach na lunnan, air chor is gum faicte cinn nan lunn on àirc fa chomhair a’ ghuth-àite; ach chan fhaicte a‑muigh iad: agus tha iad an sin gus an là‑an‑diugh.

10 Cha robh nì air bith anns an àirc ach an dà chlàr a chuir Maois an sin ann an Hòreb, nuair a rinn an Tighearna coicheangal ri cloinn Israeil, aig teachd a‑mach dhaibh as an Eiphit.

11 Agus nuair a thàinig na sagartan a‑mach as an ionad naomh (oir naomhaicheadh na sagartan uile a bha an làthair: cha robh iad a’ feitheamh anns an àm sin a rèir an roinnean:

12 An sin bha na Lèbhithich, an luchd-seinn, agus iad uile de chloinn Asaiph, Hemain, agus Iedutuin, maille rim mic agus am bràithrean, air dhaibh a bhith air an sgeadachadh ann an lìon-aodach geal, le ciombalan, agus le saltairean, agus le clàrsaichean, nan seasamh aig a’ cheann an ear den altair, agus maille riu ceud agus fichead sagart a’ dèanamh fuaim le trompaidean);

13 Agus bha iad mar aon a’ dèanamh fuaim le trompaidean, agus a’ seinn, a thoirt air aon ghuth a bhith air a chluinntinn a mholadh agus a thoirt buidheachais don Tighearna. Ach nuair a thog iad suas an guth leis na trompaidean, agus na ciombalan, agus na h‑innealan-ciùil, agus a bha iad a’ moladh an Tighearna, a chionn gu bheil e math, a chionn gum mair a thròcair gu bràth; an sin lìonadh an taigh le neul, taigh an Tighearna.

14 Agus cha b’urrainn na sagartan seasamh a fhrithealadh air sgàth an neòil: oir lìon glòir an Tighearna taigh Dhè.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan