Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Eachdraidh 35 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus chùm Iosiah ann an Ierusalem càisg don Tighearna: agus mharbh iad a’ chàisg air a’ cheathramh-là‑deug den chiad mhìos.

2 Agus shuidhich e na sagartan nan cùram, agus thug e misneach dhaibh a‑chum seirbhis taigh an Tighearna.

3 Agus thubhairt e ris na Lèbhithich a theagaisg Israel uile, a bha naomh don Tighearna, Cuiribh an àirc naomh anns an taigh a thog Solamh, mac Dhaibhidh, rìgh Israeil; cha bhi i na h‑eallaich air ur guaillean: dèanaibh seirbhis a‑nis don Tighearna ur Dia, agus da shluagh Israel:

4 Agus deasaichibh sibh fhèin a rèir taigh ur n‑athraichean, a rèir ur roinnean, mar a sgrìobh Daibhidh rìgh Israeil, agus mar a sgrìobh Solamh a mhac;

5 Agus seasaibh anns an ionad naomh a rèir roinnean teaghlaichean athraichean ur bràithrean den t‑sluagh, agus a rèir roinn teaghlaichean athraichean nan Lèbhitheach.

6 Agus marbhaibh a’ chàisg, agus naomhaichibh sibh fhèin, agus deasaichibh ur bràithrean, a‑chum gun dèan iad a rèir facal an Tighearna le làimh Mhaois.

7 Agus thug Iosiah don t‑sluagh caoraich, uain agus minn, iad uile airson ìobairtean-càisge dhaibhsan uile a bha an làthair, gu ruig deich-mìle-fichead ann an àireamh, agus trì mìle damh: iad sin de mhaoin an rìgh.

8 Agus thug na h‑uachdarain aige gu toileach don t‑sluagh, do na sagartan, agus do na Lèbhithich. Thug Hilciah, agus Sechariah, agus Iehiel, uachdarain taigh Dhè, do na sagartan, airson ìobairtean na càisge, dà mhìle agus sia ceud caora agus trì cheud damh.

9 Agus thug Conaniah, agus Semaiah, agus Netaneel agus a bhràithrean, agus Hasabiah, agus Iehiel, agus Iosabad, uachdarain nan Lèbhitheach, do na Lèbhithich airson ìobairtean na càisge, còig mìle caora agus còig ceud damh.

10 Agus dh’ullaicheadh an t‑seirbhis, agus sheas na sagartan nan àite, agus na Lèbhithich nan roinnean, a rèir àithne an rìgh.

11 Agus mharbh iad a’ chàisg, agus chrath na sagartan an fhuil len làimh, agus dh’fhionn na Lèbhithich.

12 Agus thug iad air falbh na h‑ìobairtean-loisgte, a‑chum gun tugadh iad seachad a rèir roinnean teaghlaichean an t‑sluaigh, a dh’ìobradh don Tighearna, mar a tha e sgrìobhte ann an leabhar Mhaois: agus mar sin rinn iad ris a’ bhuar.

13 Agus ròist iad a’ chàisg le teine, a rèir na riaghailt; ach bhruith iad na tabhartasan naomha ann am poitean, agus ann an coireachan, agus ann an aighnean, agus roinn iad iad gu grad am measg an t‑sluaigh uile.

14 Agus na dhèidh sin dheasaich iad dhaibh fhèin agus do na sagartan. A chionn gu robh na sagartan, mic Aaroin, ag ìobradh ìobairtean-loisgte agus na saill gu oidhche, uime sin dheasaich na Lèbhithich dhaibh fhèin agus do na sagartan, mic Aaroin.

15 Agus bha luchd-seinn, mic Asaiph, nan àite fhèin, a rèir àithne Dhaibhidh, agus Asaiph, agus Hemain, agus Iedutuin, fear-seallaidh an rìgh, agus na dorsairean aig gach geata: chan fheumadh iad an seirbhis fhàgail, oir dheasaich am bràithrean na Lèbhithich air an son.

16 Agus dheasaicheadh uile sheirbhis an Tighearna air an là sin fhèin a‑chum a’ chàisg a chumail, agus ìobairtean-loisgte ìobradh air altair an Tighearna, a rèir àithne an rìgh Iosiah.

17 Agus chùm clann Israeil, a bha an làthair, a’ chàisg anns an àm sin, agus fèill an arain neo-ghortaichte, seachd làithean.

18 Agus cha do chumadh a leithid sin de chàisg ann an Israel o làithean Shamueil am fàidh: cha mhò a chùm uile rìghrean Israeil a leithid de chàisg is a chùm Iosiah, agus na sagartan, agus na Lèbhithich, agus Iùdah agus Israel uile a bha an làthair, agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim.

19 Anns an ochdamh-bliadhna-deug de rìoghachadh Iosiah chumadh a’ chàisg seo.

20 Na dhèidh seo uile nuair a dheasaich Iosiah an teampall, thàinig Necho rìgh na h‑Eiphit a‑nìos a chogadh an aghaidh Charchemis, làimh ri Euphràtes: agus chaidh Iosiah a‑mach na aghaidh.

21 Ach chuir esan teachdairean da ionnsaigh, ag ràdh, Ciod e mo ghnothach-sa riutsa, a rìgh Iùdah? Chan ann ad aghaidh-sa a tha mise a’ teachd an‑diugh, ach an aghaidh taighe ris a bheil mi a’ cogadh; agus dh’àithn Dia dhomh mi a dhèanamh cabhaig: leig dhìot a bhith ri Dia, a tha maille riumsa, a‑chum nach sgrios e thu.

22 Gidheadh cha do thionndaidh Iosiah a aghaidh uaithe, ach dh’fhàs e na bu dèine gu cogadh na aghaidh, agus cha d’èisd e ri briathran Necho o bheul Dhè, agus chaidh e a‑steach a chur catha ann an gleann Mhegido.

23 Agus thilg na fir-bhogha air rìgh Iosiah; agus thubhairt an rìgh ra sheirbhisich, Beiribh leibh mi, oir tha mi air mo lotadh gu mòr.

24 Agus thug a sheirbhisich e as a’ charbad sin, agus chuir iad e anns an dara carbad a bha aige; agus thug iad e gu Ierusalem, agus fhuair e bàs, agus dh’adhlaiceadh e ann an àit-adhlaic a athraichean: agus rinn Iùdah agus Ierusalem uile caoidh airson Iosiah.

25 Agus rinn Ieremiah tuireadh airson Iosiah: agus labhair na fir-sheinn agus na mnathan-seinn uile mu thimcheall Iosiah nan tuiridhean gu ruig an là‑an‑diugh, agus rinn iad iad nan reachd ann an Israel. Agus, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar nan tuireadh.

26 Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Iosiah, agus a mhaitheas mar a tha e sgrìobhte ann an lagh an Tighearna,

27 Eadhon a ghnìomharan an toiseach agus mu dheireadh, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar rìghrean Israeil agus Iùdah.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan