2 Eachdraidh 34 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Ochd bliadhna a dh’aois bha Iosiah, nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e ann an Ierusalem aon-bhliadhna-deug ar fhichead. 2 Agus rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, agus dh’imich e ann an slighean Dhaibhidh a athair, agus cha do chlaon e a dh’ionnsaigh na làimhe deise no na làimhe clìthe. 3 Oir anns an ochdamh bliadhna de a rìoghachadh nuair a bha e fhathast òg, thòisich e air Dia Dhaibhidh a athair iarraidh, agus anns an dara-bliadhna-deug thòisich e air Iùdah agus Ierusalem a ghlanadh o na h‑àitean àrda, agus na doireachan, agus na dealbhan snaidhte, agus na dealbhan leaghte. 4 Agus bhris iad sìos altairean Bhàalim na fhianais, agus na dealbhan grèine a bha gu h‑àrd os an cionn gheàrr e sìos, agus na doireachan; agus na dealbhan snaidhte, agus na dealbhan leaghte bhris e nam mìrean, agus phronn e gu luaithre, agus chrath e i air uaighean na muinntir a dh’ìobair dhaibh. 5 Agus loisg e cnàmhan nan sagart air an altairean, agus ghlan e Iùdah agus Ierusalem. 6 Mar an ceudna ann am bailtean Mhanaseh, agus Ephraim, agus Shimeoin, eadhon gu ruig Naphtali, nan àitean fàsaichte mun cuairt. 7 Agus nuair a bhris e sìos na h‑altairean agus na doireachan, agus a phronn e na dealbhan snaidhte gu luaithre, agus a gheàrr e sìos na dealbhan grèine uile air feadh tìr Israeil uile, thill e gu Ierusalem. 8 Agus anns an ochdamh-bliadhna-deug de a rìoghachadh, nuair a ghlan e an tìr agus an taigh, chuir e Saphan mac Asaliah, agus Maaseiah uachdaran a’ bhaile, agus Ioah mac Ioahais an seanchaidh, a chàradh taigh an Tighearna a Dhia. 9 Agus thàinig iad gu Hilciah an t‑àrd-shagart, agus thugadh dhaibh an t‑airgead a thugadh a‑steach do thaigh Dhè, a chruinnich na Lèbhithich a ghlèidh na dorsan o làimh Mhanaseh agus Ephraim, agus o uile fhuidheall Israeil, agus o Iùdah uile, agus o Bheniàmin, agus o luchd-àiteachaidh Ierusaleim. 10 Agus thug iad e do làimh luchd-dèanamh na h‑obrach, a chuireadh os cionn taigh an Tighearna, agus thug iadsan e don luchd-obrach a dh’obraich ann an taigh an Tighearna, a chàradh agus a leasachadh an taighe: 11 Thug iad e eadhon do na saoir agus don luchd-togail, a cheannach chlach snaidhte, agus fiodha a‑chum nan ceangal, agus gu ùrlar a chur anns na taighean a mhill rìghrean Iùdah. 12 Agus rinn na daoine an obair gu fìrinneach: agus b’iad an luchd-amhairc thairis orra Iahat agus Obadiah, na Lèbhithich, de mhic Mherari; agus Sechariah agus Mesulam, de mhic nan Cohatach, a chur na h‑obrach air a h‑aghaidh; mar an ceudna de na Lèbhithich gach neach a bha eòlach air innealan-ciùil. 13 Bha iad cuideachd os cionn an luchd-iomchair eallach, agus nan luchd-amhairc thairis orrasan uile a rinn obair ann an gnè seirbhis air bith; agus de na Lèbhithich bha sgrìobhaichean, agus riaghladairean, agus dorsairean. 14 Agus nuair a bha iad a’ toirt a‑mach an airgid a thugadh a‑steach do thaigh an Tighearna, fhuair Hilciah an sagart leabhar lagh an Tighearna le làimh Mhaois. 15 Agus fhreagair Hilciah, agus thubhairt e ri Saphan an sgrìobhaiche, Fhuair mi leabhar an lagha ann an taigh an Tighearna. Agus thug Hilciah an leabhar do Shaphan. 16 Agus thug Saphan an leabhar a dh’ionnsaigh an rìgh, agus dh’aithris e an gnothach don rìgh, ag ràdh, Gach nì a dh’àithneadh dod sheirbhisich, tha iad a’ dèanamh. 17 Chruinnich iad an t‑airgead a fhuaireadh ann an taigh an Tighearna, agus thug iad e do làimh an luchd-amhairc-thairis, agus do làimh luchd-dèanamh na h‑obrach. 18 Agus dh’innis Saphan an sgrìobhaiche don rìgh, ag ràdh, Thug Hilciah an sagart leabhar dhomh. Agus leugh Saphan e an làthair an rìgh. 19 Agus nuair a chuala an rìgh briathran an lagha, reub e a aodach. 20 Agus dh’àithn an rìgh do Hilciah, agus do Ahicam mac Shapain, agus do Abdon mac Mhicah, agus do Shaphan an sgrìobhaiche, agus do Asaiah, seirbhiseach an rìgh, ag ràdh, 21 Rachaibh, fiosraichibh den Tighearna air mo shon-sa, agus air an son-san a dh’fhàgadh ann an Israel agus ann an Iùdah, a‑thaobh briathran an leabhair a fhuaireadh: oir is mòr fearg an Tighearna, a tha air a taomadh a‑mach oirnn, a chionn nach do choimhead ar n‑athraichean facal an Tighearna, a dhèanamh a rèir gach nì a tha sgrìobhte anns an leabhar seo. 22 Agus chaidh Hilciah agus iadsan a dh’òrdaich an rìgh gu Huldah a’ bhan-fhàidh, bean Shaluim, mhic Thicbhah, mhic Hasrah, fear-ghleidhidh an aodaich; (a‑nis bha i a chòmhnaidh ann an Ierusalem ann an oilthaigh;) agus labhair iad rithe mar sin. 23 Agus fhreagair i iad, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Innsibh don duine a chuir sibh am ionnsaigh-sa, 24 Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Feuch, bheir mise olc air an àite seo, agus air a luchd-àiteachaidh, eadhon gach mallachadh a tha sgrìobhte anns an leabhar a leugh iad am fianais rìgh Iùdah; 25 A chionn gun do thrèig iad mise, agus gun do loisg iad tùis do dhiathan eile, a‑chum mo bhrosnachadh gu corraich le uile obraichean an làmh; uime sin taomar m’fhearg a‑mach air an àite seo, agus cha mhùchar i. 26 Ach a‑thaobh rìgh Iùdah, a chuir sibh a dh’fhiosrachadh den Tighearna, mar seo their sibh ris, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, A‑thaobh nam briathar a chuala tu, 27 A chionn gun do thiomaich do chridhe, agus gun d’irioslaich thu thu fhèin an làthair Dhè, nuair a chuala tu a bhriathran an aghaidh an àite seo, agus an aghaidh a luchd-àiteachaidh, agus gun d’irioslaich thu thu fhèin am làthair-sa, agus gun do reub thu d’aodach, agus gun do ghuil thu am làthair, chuala mise mar an ceudna thusa, arsa an Tighearna. 28 Feuch, cruinnichidh mi thu a‑chum d’athraichean, agus cruinnichear thu dod uaigh ann an sìth, agus chan fhaic do shùilean an t‑olc sin uile a bheir mise air an àite seo, agus air a luchd-àiteachaidh. Agus thug iad fios a‑rìs a dh’ionnsaigh an rìgh. 29 Agus chuir an rìgh teachdairean uaithe, agus chruinnich e ri chèile uile sheanairean Iùdah agus Ierusaleim. 30 Agus chaidh an rìgh suas do thaigh an Tighearna, agus fir Iùdah uile, agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim, agus na sagartan agus na Lèbhithich, agus an sluagh uile eadar bheag agus mhòr; agus leugh e nan èisdeachd uile bhriathran leabhar a’ choicheangail, a fhuaireadh ann an taigh an Tighearna. 31 Agus sheas an rìgh na àite fhèin, agus rinn e coicheangal am fianais an Tighearna gun gluaiseadh e an dèidh an Tighearna, agus gun gleidheadh e a àitheantan, agus a theisteis agus a reachdan, le a uile chridhe agus le a uile anam, a choileanadh briathran a’ choicheangail, a tha sgrìobhte anns an leabhar seo. 32 Agus thug e orrasan uile a fhuaireadh ann an Ierusalem agus Beniàmin, seasamh: agus rinn luchd-àiteachaidh Ierusaleim a rèir coicheangal Dhè, Dia an athraichean. 33 Agus chuir Iosiah air falbh na gràinealachdan uile as na tìrean uile a bhuineadh do chloinn Israeil, agus thug e orrasan uile a fhuaireadh ann an Israel seirbhis a dhèanamh don Tighearna an Dia. Rè a làithean uile cha do chlaon iad o leantainn an Tighearna, Dia an athraichean. |