Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Eachdraidh 31 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus nuair a chrìochnaicheadh seo uile, chaidh Israel uile a bha an làthair a‑mach do bhailtean Iùdah, agus bhris iad na dealbhan, agus gheàrr iad sìos na doireachan, agus thilg iad sìos na h‑ionadan àrda agus na h‑altairean à Iùdah uile agus à Beniàmin, agus ann an Ephraim agus Manaseh, gus an do sgrios iad gu tur iad. An sin thill clann Israeil uile, gach duine a dh’ionnsaigh a sheilbhe fhèin, dam bailtean fhèin.

2 Agus shuidhich Heseciah roinnean nan sagart agus nan Lèbhitheach a rèir an roinnean, gach duine a rèir a sheirbhis fhèin, na sagartan agus na Lèbhithich airson nan ìobairt-loisgte, agus airson nan ìobairt-shìth, a fhrithealadh, agus a thabhairt buidheachais, agus a chliùthachadh ann an geatachan camp an Tighearna:

3 Cuibhreann an rìgh mar an ceudna de a mhaoin, airson nan ìobairt-loisgte, airson ìobairt-loisgte na maidne agus an fheasgair, agus ìobairt-loisgte nan sàbaid, agus nan gealach nodha, agus nam fèill suidhichte, mar a tha e sgrìobhte ann an lagh an Tighearna.

4 Dh’àithn e cuideachd don t‑sluagh a bha a chòmhnaidh ann an Ierusalem gun tugadh iad seachad cuibhreann nan sagart agus nan Lèbhitheach a‑chum gum biodh iad air an daingneachadh ann an lagh an Tighearna.

5 Agus cho luath is a thàinig an àithne a‑mach, thug clann Israeil seachad gu pailt ciad-thoradh an arbhair, an fhìona, agus na h‑ola, agus na meala, agus uile fhàs an fhearainn; agus deicheamh nan uile nithean thug iad a‑steach ann am pailteas.

6 Agus a‑thaobh chloinn Israeil agus Iùdah a bha a chòmhnaidh ann am bailtean Iùdah, thug iadsan mar an ceudna a‑steach deicheamh a’ bhuair agus nan caorach, agus deicheamh nan nithean naomha a bha air an naomhachadh don Tighearna an Dia, agus rinn iad mòran chruach dhiubh.

7 Anns an treas mìos thòisich iad air bunaitean nan cruach a leagadh, agus anns an t‑seachdamh mìos chrìochnaich iad iad.

8 Agus thàinig Heseciah agus na h‑uachdarain, agus chunnaic iad na cruachan, agus bheannaich iad an Tighearna agus a shluagh Israel.

9 Agus dh’fhiosraich Heseciah de na sagartan agus na Lèbhithich mu thimcheall nan cruach.

10 Agus fhreagair Asariah an t‑àrd-shagart de thaigh Shadoic e, agus thubhairt e, On thòisich iad air na tabhartasan a thoirt a‑steach do thaigh an Tighearna, dh’ith sinn gus an do shàsaicheadh sinn, agus dh’fhàg sinn pailteas: oir bheannaich an Tighearna a shluagh, agus dh’fhàgadh am pailteas mòr seo.

11 An sin dh’àithn Heseciah seòmraichean ullachadh ann an taigh an Tighearna; agus dh’ullaich iad iad;

12 Agus thug iad a‑steach na tabhartasan, agus an deicheamh, agus na nithean naomhaichte gu fìrinneach; agus os an cionn bha Cononiah an Lèbhitheach na fhear-riaghlaidh, agus Simei a bhràthair anns an àit a b’fhaisge.

13 Agus bha Iehiel, agus Asariah, agus Nahat, agus Asahel, agus Ierimot, agus Iosabad, agus Eliel, agus Ismahiah, agus Mahat, agus Benaiah, nan luchd-amhairc-thairis fo làimh Chononiah, agus Shimei a bhràthair, air àithne Heseciah an rìgh, agus Asariah, uachdaran taigh Dhè.

14 Agus bha Core mac Imnah an Lèbhitheach, an dorsair a làimh na h‑àird an ear, os cionn saor-thìodhlacan Dhè a‑chum gun tugadh e seachad tabhartasan an Tighearna, agus na nithean ro‑naomha.

15 Agus làimh ris-san Eden, agus Beniàmin, agus Iesua, agus Semaiah, agus Amariah, agus Secaniah, ann am bailtean nan sagart, nan cùram, a thabhairt dam bràithrean, nan roinnean, mar don mhòr mar sin don bheag.

16 A thuilleadh air àireamh nam fireannach a rèir an ginealaichean o thrì bliadhna a dh’aois agus os a chionn, do gach neach a thèid a‑steach do thaigh an Tighearna, a chuibhreann làitheil, airson an seirbhis nan cùram, a rèir an roinnean;

17 Araon do àireamh nan sagart a rèir an ginealaichean, a rèir taigh an athraichean, agus nan Lèbhitheach o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, nan cùram, a rèir an roinnean:

18 Agus do àireamh an cloinne bige uile a rèir an ginealaichean, am ban, agus am mac, agus an nigheanan den choitheanal uile: oir nan cùram naomhaich iad iad fhèin gu mòr:

19 Agus de mhic Aaroin na sagartan ann am fearann co‑roinn am bailtean, anns gach baile fa leth, na daoine a dh’ainmicheadh air an ainm, a thabhairt an cuibhreann do gach fireannach am measg nan sagart, agus dhaibhsan uile a bha air an àireamh a rèir an ginealaichean am measg nan Lèbhitheach.

20 Agus rinn Heseciah mar seo air feadh Iùdah uile: agus rinn e an nì sin a bha math, agus ceart, agus fìrinneach ann am fianais an Tighearna a Dhia.

21 Agus a‑thaobh gach obrach air an do thòisich e ann an seirbhis taigh Dhè, agus anns an lagh, agus anns na h‑àitheantan, a dh’iarraidh a Dhè, rinn e i le a uile chridhe, agus shoirbhich e.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan