Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Eachdraidh 30 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus chuir Heseciah fios gu Israel uile agus gu Iùdah, agus mar an ceudna sgrìobh e litrichean gu Ephraim agus gu Manaseh, iad a theachd gu taigh an Tighearna ann an Ierusalem, a chumail na càisge don Tighearna Dia Israeil.

2 Agus ghabh an rìgh comhairle, agus a uachdarain, agus an coitheanal uile ann an Ierusalem, a’ chàisg a chumail air an dara mìos.

3 Oir cha b’urrainn iad a cumail anns an àm sin, a chionn nach do naomhaich na sagartan iad fhèin gu leòr, agus nach robh an sluagh air cruinneachadh gu Ierusalem.

4 Agus thaitinn an nì ris an rìgh, agus ris a’ choitheanal uile.

5 Agus shuidhich iad reachd, gairm a thabhairt air feadh Israeil uile o Bheer-sèba eadhon gu Dan, iad a theachd a chumail na càisge don Tighearna Dia Israeil ann an Ierusalem; oir cha do chùm mòran i mar a bha e sgrìobhte.

6 Agus chaidh na gillean-ruith le litrichean on rìgh agus o a uachdarain air feadh Israeil uile agus Iùdah, agus a rèir àithne an rìgh, ag ràdh, A chlann Israeil, tillibh a dh’ionnsaigh an Tighearna, Dia Abrahàim, Isaaic, agus Israeil, agus tillidh esan a dh’ionnsaigh na fuidhill dhibh a chaidh as o làimh rìghrean Asiria.

7 Agus na bithibh cosmhail ri ur n‑athraichean, agus cosmhail ri ur bràithrean a pheacaich an aghaidh an Tighearna, Dia an athraichean, agus thug esan thairis iad gu lèirsgrios, mar a chì sibh.

8 A‑nis na bithibh-se cruaidh-mhuinealach cosmhail ri ur n‑athraichean: thugaibh sibh fhèin thairis don Tighearna, agus rachaibh a‑steach da ionad naomh, a naomhaich e gu bràth; agus dèanaibh seirbhis don Tighearna ur Dia, a‑chum gun tionndaidh lasan a fheirge air falbh uaibh.

9 Oir ma thilleas sibh a dh’ionnsaigh an Tighearna, gheibh ur bràithrean agus ur clann iochd nam fianais-san a thug leo am braighdeanas iad, air chor is gun till iad a dh’ionnsaigh na tìre seo; oir gràsmhor agus tròcaireach tha an Tighearna ur Dia, agus cha tionndaidh e a ghnùis air falbh uaibh, ma thilleas sibh da ionnsaigh.

10 Agus chaidh na gillean-ruith thairis o bhaile gu baile, air feadh tìr Ephraim agus Mhanaseh, eadhon gu ruig Sebulun: ach bha iad a’ fanaid orra, agus a’ dèanamh ball-magaidh dhiubh.

11 Gidheadh, dh’irioslaich daoine àraidh de Aser, de Mhanaseh, agus de Shebulun iad fhèin, agus thàinig iad gu Ierusalem.

12 Mar an ceudna ann an Iùdah bha làmh Dhè a thoirt aon chridhe dhaibh, a dhèanamh àithne an rìgh agus nan uachdaran, a rèir facal an Tighearna.

13 Agus chruinnich ann an Ierusalem mòran sluaigh, a chumail fèill an arain neo-ghortaichte anns an dara mìos, co‑chruinneachadh ro‑mhòr.

14 Agus dh’èirich iad, agus thug iad air falbh na h‑altairean a bha ann an Ierusalem, agus na h‑altairean uile airson tùise thug iad air falbh, agus thilg iad iad ann an sruth Chidroin.

15 Agus mharbh iad a’ chàisg air a’ cheathramh-là‑deug den dara mìos; agus bha nàire air na sagartan agus air na Lèbhithich, agus naomhaich iad iad fhèin, agus thug iad a‑steach ìobairtean-loisgte do thaigh an Tighearna.

16 Agus sheas iad nan àit a rèir an riaghailt, a rèir lagh Mhaois, òglach Dhè: agus chrath na sagartan an fhuil a ghabh iad o làimh nan Lèbhitheach.

17 Oir bha mòran anns a’ choitheanal nach robh air an naomhachadh: uime sin bha cùram marbhadh na càisge air na Lèbhithich, airson gach neach nach robh glan, a‑chum an naomhachadh don Tighearna.

18 Oir cha do ghlan mòran den t‑sluagh, mòran de Ephraim, agus de Mhanaseh, de Isachar, agus de Shebulun iad fhèin; gidheadh, dh’ith iad a’ chàisg, cha b’ann mar a tha e sgrìobhte.

19 Ach rinn Heseciah ùrnaigh air an son, ag ràdh, Gun tugadh an Tighearna math maitheanas do gach aon, a dheasaich a chridhe a dh’iarraidh an Tighearna, Dia a athraichean, ged nach eil e glan a rèir glanadh an ionaid naoimh.

20 Agus dh’èisd an Tighearna ri Heseciah, agus leighis e an sluagh.

21 Agus chùm clann Israeil a bha an làthair ann an Ierusalem fèill an arain neo-ghortaichte seachd làithean le mòr-ghàirdeachas: agus mhol na Lèbhithich agus na sagartan an Tighearna o là gu là, a’ seinn le innealan fuaimneach don Tighearna.

22 Agus labhair Heseciah gu coibhneil ris na Lèbhithich uile, a theagaisg eòlas math an Tighearna; agus dh’ith iad air an fhèill rè seachd làithean, ag ìobradh ìobairtean-sìth, agus a’ cliùthachadh an Tighearna, Dia an athraichean.

23 Agus ghabh an coitheanal uile comhairle seachd làithean eile a chumail: agus chùm iad seachd làithean eile le aoibhneas.

24 Oir thug Heseciah rìgh Iùdah suas don choitheanal mìle tarbh òg, agus seachd mìle caora; agus thug na h‑uachdarain suas don choitheanal mìle tarbh òg, agus deich mìle caora: agus naomhaich mòran shagart iad fhèin.

25 Agus rinn coitheanal Iùdah uile gàirdeachas, agus na sagartan, agus na Lèbhithich, agus an coitheanal uile a thàinig à Israel, agus na coigrich a thàinig à tìr Israeil, agus a bha a chòmhnaidh ann an Iùdah.

26 Mar sin bha mòr-aoibhneas ann an Ierusalem: oir o làithean Sholaimh mhic Dhaibhidh, rìgh Israeil, cha robh a leithid ann an Ierusalem.

27 An sin dh’èirich na sagartan agus na Lèbhithich, agus bheannaich iad an sluagh: agus chuala Dia an guth, agus thàinig an ùrnaigh suas da àite-còmhnaidh naomh-san, do nèamh.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan