2 Eachdraidh 3 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus thòisich Solamh air togail taigh an Tighearna ann an Ierusalem air sliabh Mhoriah, far an d’fhoillsicheadh an Tighearna do Dhaibhidh a athair, anns an àit a dh’ullaich Daibhidh ann an ùrlar-bualaidh Ornain an t‑Iebusach. 2 Agus thòisich e air togail air an dara mìos, anns a’ cheathramh bliadhna de a rìoghachadh. 3 Agus is iad seo na nithean a shuidhicheadh le Solamh a‑chum taigh Dhè a thogail: am fad ann an làmhan-coille, a rèir a’ chiad tomhais, trì-fichead làmh-choille, agus an leud fichead làmh-choille. 4 Agus an sgàth-thaigh a bha air beulaibh an taighe, fichead làmh-choille a fhad, a rèir leud an taighe, agus ceud agus fichead làmh-choille a àirde: agus chòmhdaich e thairis e air an taobh a‑staigh le òr fìorghlan. 5 Agus an taigh mòr chòmhdaich e le fiodh giuthais, agus chòmhdaich e thairis e le òr fìorghlan, agus thug e air craobhan-pailme èirigh suas air, agus slabhraidhean. 6 Agus sgeadaich e an taigh le clachan uasal air sgàth sgèimhe; agus b’e an t‑òr òr Pharbhaim. 7 Agus chòmhdaich e thairis an taigh, na sailthean, na puist, agus a bhallachan, agus a dhorsan, le òr; agus gheàrr e ceruban air na ballachan. 8 Agus rinn e an taigh as ro‑naoimhe: a fhad a rèir leud an taighe, fichead làmh-choille, agus a leud fichead làmh-choille: agus chòmhdaich e thairis e le òr fìorghlan, a thàinig gu sia ceud tàlann. 9 Agus b’e cothrom nan tàirngean lethcheud secel òr; agus chòmhdaich e thairis na seòmraichean uachdarach le òr. 10 Agus anns an taigh as ro‑naoimhe rinn e dà cherub de obair sho-ghluaiste, agus chòmhdaich e thairis le òr iad. 11 Agus bha sgiathan nan cerub fichead làmh-choille air fad: aon sgiath còig làmhan-coille, a’ ruigheachd gu balla an taighe; agus an sgiath eile còig làmhan-coille, a’ ruigheachd gu sgiath a’ cheruib eile: 12 Agus sgiath a’ cheruib eile còig làmhan-coille, a’ ruigheachd gu balla an taighe; agus an sgiath eile còig làmhan-coille, tàthte ri sgiath a’ cheruib eile. 13 Sgaoil sgiathan nan cerub sin iad fhèin a‑mach fichead làmh-choille: agus sheas iad air an casan, agus an aghaidhean ris an taobh a‑staigh. 14 Agus rinn e am brat de ghorm, agus de chorcar, agus de dhearg, agus de anart grinn, agus dh’obraich e ceruban air. 15 Agus rinn e air beulaibh an taighe dà phost còig-làmhan-coille-deug ar fhichead air àirde, agus an ceann a bha air mullach gach aoin dhiubh còig làmhan-coille. 16 Agus rinn e slabhraidhean, mar anns a’ ghuth-àite, agus chuir e iad air mullach nam post; agus rinn e ceud pomgranat, agus chuir e iad air na slabhraidhean. 17 Agus chuir e suas na puist air beulaibh an teampaill, aon air an làimh dheis, agus aon air an làimh chlì. Agus thug e Iachin mar ainm air a’ phost air an làimh dheis, agus Bòas mar ainm a’ phost air an làimh chlì. |