Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Eachdraidh 29 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Thòisich Heseciah air rìoghachadh nuair a bha e còig-bliadhna-fichead a dh’aois, agus rìghich e naoi-bliadhna-fichead ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Abiah, nighean Shechariah.

2 Agus rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, a rèir nan uile nithean a rinn Daibhidh a athair.

3 Anns a’ chiad bhliadhna de a rìoghachadh, air a’ chiad mhìos, dh’fhosgail e dorsan taigh an Tighearna, agus chàraich e iad.

4 Agus thug e a‑steach na sagartan agus na Lèbhithich, agus chruinnich e iad don t‑sràid an ear.

5 Agus thubhairt e riu, Eisdibh rium, a Lèbhitheacha; a‑nis naomhaichibh sibh fhèin, agus naomhaichibh taigh an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, agus thugaibh a‑mach an salchar as an ionad naomh.

6 Oir pheacaich ar n‑athraichean, agus rinn iad an nì a bha olc ann an sùilean an Tighearna ar Dia, agus thrèig iad e, agus thionndaidh iad an aghaidhean o phàillean an Tighearna, agus chuir iad cùl ris.

7 Mar an ceudna dhruid iad dorsan an sgàth-thaighe, agus chuir iad as na lòchrain, agus cha do loisg iad tùis, agus cha tug iad ìobairtean-loisgte suas anns an ionad naomh, do Dhia Israeil.

8 Uime sin bha fearg an Tighearna ri Iùdah agus ri Ierusalem, agus thug e thairis iad do thuairgne, do uamhann, agus do sgeig, mar a chì sibh le ur sùilean.

9 Oir feuch, thuit ar n‑athraichean leis a’ chlaidheamh, agus tha ar mic, agus ar nigheanan, agus ar mnathan ann am braighdeanas airson seo.

10 A‑nis tha e ann am chridhe coicheangal a dhèanamh ris an Tighearna Dia Israeil, a‑chum gun tionndaidh a fhearg laiste uainn.

11 Mo mhic, na bithibh a‑nis dearmadach; oir thagh an Tighearna sibh gu seasamh na làthair a dhèanamh seirbhis dha, agus gu bhith a’ frithealadh dha agus a’ losgadh tùise.

12 An sin dh’èirich na Lèbhithich, Mahat mac Amasai, agus Ioel mac Asariah, de mhic nan Cohatach; agus de mhic Mherari, Cis mac Abdi, agus Asariah mac Iehaleleil: agus de na Gersonaich, Ioah mac Shimah, agus Eden mac Ioah:

13 Agus de mhic Elisaphain, Simri agus Iehiel: agus de mhic Asaiph, Sechariah agus Mataniah:

14 Agus de mhic Hemain, Iehiel agus Simei: agus de mhic Iedutuin, Semaiah agus Udsiel.

15 Agus chruinnich iad am bràithrean, agus naomhaich iad iad fhèin, agus thàinig iad a rèir àithne an rìgh ann am briathran an Tighearna, a ghlanadh taigh an Tighearna.

16 Agus chaidh na sagartan don chuid a b’fhaide a‑staigh de thaigh an Tighearna ga ghlanadh, agus thug iad a‑mach gach salchar a fhuair iad ann an teampall an Tighearna, gu cùirt taigh an Tighearna. Agus thog na Lèbhithich leo e, gu a thoirt a‑mach gu sruth Chidroin.

17 A‑nis thòisich iad air a’ chiad là den chiad mhìos air naomhachadh, agus air an ochdamh là den mhìos thàinig iad gu sgàth-thaigh an Tighearna, agus naomhaich iad taigh an Tighearna ann an ochd làithean, agus air an t‑siathamh-là‑deug den chiad mhìos chrìochnaich iad an obair.

18 An sin chaidh iad a‑steach a dh’ionnsaigh Heseciah an rìgh, agus thubhairt iad, Ghlan sinn taigh an Tighearna uile, agus altair na h‑ìobairt-loisgte maille ra soithichean uile, agus bòrd an arain thaisbeanta maille ra shoithichean uile.

19 Agus na soithichean sin uile a chuir rìgh Ahas, nuair a rìghich e, air falbh na easaontas, dheasaich sinne agus naomhaich sinn, agus, feuch, tha iad fa chomhair altair an Tighearna.

20 An sin dh’èirich Heseciah an rìgh gu moch, agus chruinnich e uachdarain a’ bhaile, agus chaidh e suas do thaigh an Tighearna.

21 Agus thug iad leo seachd tairbh òga, agus seachd reitheachan, agus seachd uain, agus seachd buic-ghoibhre mar ìobairt-pheacaidh airson na rìoghachd, agus airson an ionaid naoimh, agus airson Iùdah: agus dh’àithn e do na sagartan, mic Aaroin, an ìobradh air altair an Tighearna.

22 Uime sin mharbh iadsan na tairbh, agus ghabh na sagartan an fhuil, agus chrath iad i air an altair: mharbh iad mar an ceudna na reitheachan, agus chrath iad an fhuil air an altair: mharbh iad cuideachd na h‑uain, agus chrath iad an fhuil air an altair.

23 Agus thug iad leo na buic-ghoibhre airson na h‑ìobairt-pheacaidh an làthair an rìgh agus a’ choitheanail, agus chuir iad an làmhan orra:

24 Agus mharbh na sagartan iad, agus chrath iad am fuil air an altair a‑chum rèite a dhèanamh airson Israeil uile: oir dh’àithn an rìgh an ìobairt-loisgte agus an ìobairt-pheacaidh airson Israeil uile.

25 Agus chuir e na Lèbhithich ann an taigh an Tighearna le ciombalan, le saltairean, agus le clàrsaichean, a rèir àithne Dhaibhidh agus Ghaid, fear-seallaidh an rìgh, agus Nàtain am fàidh: oir b’i sin àithne an Tighearna le làimh a fhàidhean.

26 Agus sheas na Lèbhithich le innealan Dhaibhidh, agus na sagartan leis na trompaidean.

27 Agus dh’àithn Heseciah an ìobairt-loisgte ìobradh air an altair: agus nuair a thòisich an ìobairt-loisgte, thòisich mar an ceudna laoidh an Tighearna leis na trompaidean, agus le innealan Dhaibhidh rìgh Israeil.

28 Agus rinn an coitheanal uile adhradh, agus sheinn an luchd-seinn, agus shèid na trompadairean: mhair seo uile gus an do chrìochnaicheadh an ìobairt-loisgte.

29 Agus nuair a chuir iad crìoch air ìobradh, chrom an rìgh agus iadsan uile a bha maille ris iad fhèin, agus rinn iad adhradh.

30 Agus dh’àithn Heseciah an rìgh agus na h‑uachdarain do na Lèbhithich gum moladh iad an Tighearna ann am briathran Dhaibhidh, agus Asaiph am fear-seallaidh: agus mhol iad le subhachas, agus chrom iad an cinn, agus rinn iad adhradh.

31 An sin fhreagair Heseciah, agus thubhairt e, A‑nis choisrig sibh sibh fhèin don Tighearna: thigibh am fagas, agus thugaibh leibh ìobairtean, agus tabhartasan buidheachais do thaigh an Tighearna. Agus thug an coitheanal a‑steach ìobairtean, agus tabhartasan buidheachais, agus iadsan uile a bha toileach nan cridhe, tabhartasan-loisgte.

32 Agus b’e àireamh nan tabhartas-loisgte a thug an coitheanal leo, trì-fichead agus deich tairbh òga, ceud reithe, dà cheud uan; iad sin uile a‑chum ìobairt-loisgte don Tighearna.

33 Agus na nithean coisrigte, sia ceud damh, agus trì mìle caora.

34 Ach bha na sagartan tearc, agus cha b’urrainn iad na tabhartasan loisgte uile fhionnadh: uime sin chuidich am bràithrean na Lèbhithich leo, gus an do chrìochnaicheadh an obair, agus gus an do naomhaich na sagartan iad fhèin: oir bha na Lèbhithich na bu deise nan cridhe a‑chum iad fhèin a naomhachadh na na sagartan.

35 Agus mar an ceudna bha na tabhartasan loisgte ann am pailteas, maille ri saill nan tabhartas-sìthe agus nan tabhartas-dibhe, a‑chum na h‑ìobairt-loisgte. Agus dheasaicheadh seirbhis taigh an Tighearna.

36 Agus rinn Heseciah agus an sluagh uile gàirdeachas, a chionn gun do dheasaich Dia airson an t‑sluaigh: oir rinneadh an nì gu grad.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan