2 Eachdraidh 28 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Fichead bliadhna a dh’aois bha Ahas nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e sia-bliadhna-deug ann an Ierusalem: agus cha do rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, mar a rinn Daibhidh a athair: 2 Ach dh’imich e ann an slighean rìghrean Israeil, agus mar an ceudna rinn e dealbhan leaghte do Bhàalim. 3 Agus loisg e tùis ann an gleann Bhen-hinoim, agus loisg e a chlann anns an teine, a rèir gràinealachd nan cinneach a thilg an Tighearna a‑mach ro chloinn Israeil. 4 Agus dh’ìobair e agus loisg e tùis anns na h‑àitean àrda, agus air na cnuic, agus fo gach craoibh uaine. 5 Uime sin thug an Tighearna a Dhia thairis e an làimh rìgh nan Sirianach; agus bhuail iad e, agus thug iad leo mòran dhiubh nam braighdean, agus thug iad iad gu Damascas: agus thugadh mar an ceudna thairis e an làimh rìgh Israeil, a bhuail e le àr mòr. 6 Agus mharbh Pecah mac Remaliah ann an Iùdah ceud agus fichead mìle ann an aon là, fir threuna uile; a chionn gun do thrèig iad an Tighearna, Dia an athraichean. 7 Agus mharbh Sichri, duine treun de Ephraim, Maaseiah mac an rìgh, agus Asricam, uachdaran an taighe, agus Elcanah a b’fhaisge don rìgh. 8 Agus thug clann Israeil leo nam braighdean dem bràithrean dà cheud mìle bean, mac agus nighean, agus thog iad mar an ceudna creach mhòr uapa, agus thug iad a’ chreach gu Samaria. 9 Ach bha fàidh leis an Tighearna an sin dam b’ainm Oded, agus chaidh e a‑mach am fianais an t‑slòigh a thàinig gu Samaria, agus thubhairt e riu, Feuch, a chionn gu robh fearg air an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, ri Iùdah, thug e thairis iad nur làimh-se agus mharbh sibh iad le buirbe a ràinig suas gu nèamh. 10 Agus a‑nis tha sibh a’ cur romhaibh clann Iùdah agus Ierusaleim a chur fodhaibh mar thràillean agus mar bhan-tràillean agaibh. Nach eil idir agaibhse, eadhon agaibhse, peacaidhean an aghaidh an Tighearna ur Dia? 11 A‑nis, matà, èisdibh riumsa, agus thugaibh air an ais na braighdean a thug sibh leibh ann am braighdeanas o ur bràithrean; oir tha fearg laiste an Tighearna ribh. 12 An sin dh’èirich daoine àraidh de chinn chloinn Ephraim, Asariah mac Iohanain, Berechiah mac Mhesilemoit, agus Iehisciah mac Shaluim, agus Amasa mac Hadlai, suas nan aghaidh-san a thàinig on chogadh. 13 Agus thubhairt iad riu, Cha toir sibh na braighdean a‑steach an seo; oir bhiodh sin na chionta an aghaidh an Tighearna oirnne. Tha sibhse a’ cur romhaibh tuilleadh a chur ri ar peacaidhean, agus ri ar cionta, nuair a tha ar cionta cheana mòr agus fearg laiste ri Israel. 14 An sin dh’fhàg na daoine a bha fon airm na braighdean agus a’ chreach am fianais nan uachdaran agus a’ cho-chruinneachaidh uile. 15 Agus dh’èirich na daoine a ghairmeadh air an ainm, agus ghabh iad na braighdean, agus dh’èidich iad leis a’ chreich iadsan uile a bha lomnochd dhiubh, agus nuair a chuir iad aodach agus brògan orra, thug iad orra ithe agus òl, agus dh’ung iad iad, agus chuir iad air asail iadsan uile a bha anfhann dhiubh, agus thug iad iad gu Iericho, baile nan craobh-pailme, a dh’ionnsaigh am bràithrean; agus thill iad gu Samaria. 16 Anns an àm sin chuir rìgh Ahas fios a dh’ionnsaigh rìgh Asiria e a chuideachadh leis. 17 Oir thàinig na h‑Edomaich a‑rìs, agus bhuail iad Iùdah, agus thug iad leo braighdean. 18 Thug na Philistich mar an ceudna ionnsaigh air bailtean a’ chòmhnaird, agus air an taobh a deas de Iùdah, agus ghlac iad Bet-semes, agus Aialon, agus Gederot, agus Socho le a bhailtean beaga, agus Timnah le a bhailtean beaga, agus Gimso le a bhailtean beaga; agus ghabh iad còmhnaidh an sin. 19 Oir rinn an Tighearna Iùdah ìosal airson Ahais rìgh Iùdah, a chionn gun do rinn e Iùdah lomnochd, agus gun do rinn e cionta mòr an aghaidh an Tighearna. 20 Uime sin thàinig Tilgat-pilneser rìgh Asiria da ionnsaigh, agus shàraich, ach cha do neartaich e e. 21 Oir ghabh Ahas cuibhreann à taigh an Tighearna, agus à taigh an rìgh, agus o na h‑uachdarain, agus thug e sin do rìgh Asiria; ach cha do chuidich e leis. 22 Agus an àm a theanntachd rinn e fhathast tuilleadh cionta an aghaidh an Tighearna, an rìgh seo fhèin Ahas. 23 Oir dh’ìobair e do dhiathan Dhamascais a bhuail e, agus thubhairt e, A chionn gun cuidich diathan rìghrean Shiria leo, ìobraidh mise dhaibh a‑chum gun cuidich iad leamsa: ach is ann a bha iad nan adhbhar sgrios dha fhèin, agus do Israel uile. 24 Agus chruinnich Ahas soithichean taigh Dhè, agus gheàrr e nam mìrean soithichean taigh Dhè, agus dhruid e dorsan taigh an Tighearna. Agus rinn e dha fhèin altairean anns gach ceàrn de Ierusalem. 25 Agus anns gach baile fa leth de Iùdah rinn e àitean àrda, a‑chum tùis a losgadh do dhiathan coimheach, agus bhrosnaich e gu feirg an Tighearna, Dia a athraichean. 26 Agus a chuid eile de a ghnìomharan agus de a shlighean uile, an toiseach agus mu dheireadh, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar rìghrean Iùdah agus Israeil. 27 Agus chaidil Ahas maille ra athraichean, agus dh’adhlaic iad e anns a’ bhaile, ann an Ierusalem; ach cha tug iad e do àitean-adhlaic rìghrean Israeil; agus rìghich Heseciah a mhac na àite. |