2 Eachdraidh 26 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus ghabh sluagh Iùdah uile Udsiah, agus e sia-bliadhna-deug a dh’aois, agus rinn iad e na rìgh an àit a athar Amasiah. 2 Thog esan Elat, agus dh’aisig e e do Iùdah, an dèidh don rìgh cadal maille ra athraichean. 3 Sia-bliadhna-deug a dh’aois bha Udsiah nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e dà‑bhliadhna-dheug agus dà‑fhichead ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Iecoliah o Ierusalem. 4 Agus rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, a rèir gach nì a rinn Amasiah a athair. 5 Agus dh’iarr e Dia ann an làithean Shechariah, a theagaisg e ann an eagal Dhè: agus fhad is a dh’iarr e an Tighearna, thug Dia air soirbheachadh. 6 Agus chaidh e a‑mach, agus chog e an aghaidh nam Philisteach, agus bhris e sìos balla Ghait, agus balla Iabneith, agus balla Asdoid; agus thog e bailtean ann an Asdod, agus am measg nam Philisteach. 7 Agus chuidich Dia leis an aghaidh nam Philisteach, agus an aghaidh nan Arabach a bha nan còmhnaidh ann an Gur-bàal, agus nan Amonach. 8 Agus thug na h‑Amonaich tìodhlacan do Udsiah; agus chaidh a ainm a‑mach gu ruig dol a‑steach na h‑Eiphit, oir dh’fhàs e ro‑chumhachdach. 9 Agus thog Udsiah tùir ann an Ierusalem aig geata na h‑oisne, agus aig geata a’ ghlinne, agus aig an oisinn, agus dhaingnich e iad. 10 Agus thog e tùir anns an fhàsach, agus chladhaich e mòran thobar; oir bha mòran sprèidhe aige, agus anns an tìr ìosail agus anns a’ chòmhnard treabhaichean, agus fìonliosadairean anns na slèibhtean agus ann an Carmel, a chionn gum bu toigh leis tuathanachas. 11 Bha aig Udsiah mar an ceudna armailt de dhaoine a dhèanadh cogadh, a rachadh a‑mach gu cath nam buidhnean, a rèir uibhir an àireimh, le làimh Ieieil an sgrìobhaiche, agus Mhaaseiah am fear-riaghlaidh, fo làimh Hananiah aon de uachdarain an rìgh. 12 B’e àireamh iomlan prìomh-athraichean nan daoine comasach gaisgeil, dà mhìle agus sia ceud. 13 Agus fon làimh-san bha armailt, trì cheud mìle agus seachd mìle agus còig ceud, a dhèanadh cogadh le treun neart, a chuideachadh leis an rìgh an aghaidh an nàmhaid. 14 Agus dheasaich Udsiah air an son, eadhon don fheachd uile, targaidean, agus sleaghan, agus clogaidean, agus lùirichean, agus boghachan, agus croinn-tabhaill a thilgeadh chlach. 15 Agus rinn e ann an Ierusalem innealan-cogaidh, a dhealbhadh le daoine ealanta, gu bhith air na tùir agus air oisnean nam ballachan, a thilgeadh shaighead agus chlach mòra leo; agus chaidh a ainm a‑mach an cèin, oir b’iongantach an dòigh air an do chuidicheadh leis gus an d’fhàs e cumhachdach. 16 Ach nuair a dh’fhàs e cumhachdach, thogadh a chridhe suas a‑chum aimhleis, agus pheacaich e an aghaidh an Tighearna a Dhia: oir chaidh e a‑steach do theampall an Tighearna, a losgadh tùise air altair na tùise. 17 Agus chaidh Asariah an sagart a‑steach na dhèidh, agus maille ris ceithir-fichead sagart leis an Tighearna, fir threuna; 18 Agus sheas iad an aghaidh Udsiah an rìgh, agus thubhairt iad ris, Cha bhuin e dhutsa, Udsiah, tùis a losgadh don Tighearna, ach do na sagartan, mic Aaroin, a tha air an naomhachadh a losgadh tùise: imich a‑mach as an ionad naomh, oir pheacaich thu, agus cha bhi e dhut a‑chum urraim on Tighearna Dia. 19 Agus bha fearg air Udsiah, agus tùiseir aige na làimh a losgadh tùise: agus nuair a bha fearg air ris na sagartan, air ball dh’èirich luibhre suas ann an clàr a aodainn, am fianais nan sagartan ann an taigh an Tighearna, os cionn altair na tùise. 20 Agus dh’amhairc Asariah an t‑àrd-shagart, agus na sagartan uile air, agus, feuch, bha luibhre air ann an clàr a aodainn, agus ghreas iad a‑mach as a sin e; agus rinn e fhèin mar an ceudna cabhag gu dol a‑mach, a chionn gun do bhuail an Tighearna e. 21 Agus bha Udsiah an rìgh na lobhar gu là a bhàis, agus ghabh e còmhnaidh ann an taigh air leth, mar fhear a bha na lobhar, nuair a dhruideadh a‑mach e à taigh an Tighearna; agus bha Iotam a mhac os cionn taigh an rìgh, a’ toirt breith air sluagh na tìre. 22 Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Udsiah, an toiseach agus mu dheireadh, sgrìobh Isaiah am fàidh, mac Amois. 23 Agus chaidil Udsiah maille ra athraichean, agus dh’adhlaic iad e maille ra athraichean ann am magh àit-adhlacaidh nan rìghrean: oir thubhairt iad, Tha e na lobhar. Agus rìghich Iotam a mhac na àite. |