2 Eachdraidh 25 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Còig-bliadhna-fichead a dh’aois bha Amasiah nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e naoi-bliadhna-fichead ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Iehoadan o Ierusalem. 2 Agus rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, ach cha b’ann le cridhe iomlan. 3 A‑nis nuair a dhaingnicheadh an rìoghachd dha, mharbh e a sheirbhisich a mharbh an rìgh a athair. 4 Ach an clann cha do mharbh e, a rèir mar tha e sgrìobhte anns an lagh ann an leabhar Mhaois, far an d’àithn an Tighearna, ag ràdh, Cha chuirear na h‑athraichean gu bàs airson nam mac, agus cha chuirear na mic gu bàs airson nan athraichean; ach cuirear gach duine gu bàs airson a pheacaidh fhèin. 5 Agus chruinnich Amasiah Iùdah ri chèile, agus rinn e iad, a rèir taigh an athraichean, nan ceannardan mhìltean agus nan ceannardan cheud, ann an Iùdah agus ann am Beniàmin uile; agus ghabh e an àireamh o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, agus fhuair e ann dhiubh trì cheud mìle fear taghte, a rachadh a‑mach gu cath, a làimhsicheadh sleagh agus sgiath. 6 Thuarasdalaich e mar an ceudna à Israel ceud mìle fear comasach gaisgeil air ceud tàlann airgid. 7 Ach thàinig duine le Dia da ionnsaigh, ag ràdh, A rìgh, na rachadh armailt Israeil maille riut: oir chan eil an Tighearna maille ri Israel, eadhon maille ri cloinn Ephraim uile. 8 Ach mas àill leat imeachd, dèan; bi làidir airson a’ chatha; bheir Dia ort tuiteam ron nàmhaid; oir tha Dia comasach air còmhnadh a dhèanamh, agus air tilgeadh sìos. 9 Agus thubhairt Amasiah ris an duine le Dia, Ach ciod a nì sinn mun cheud tàlann a thug mi do armailt Israeil? Agus fhreagair an duine le Dia, Tha an Tighearna comasach air mòran tuilleadh na sin a thabhairt dhutsa. 10 An sin sgaoil Amasiah iadsan den armailt a thàinig da ionnsaigh à Ephraim, a‑chum gun rachadh iad dan àite fhèin. Agus las am fearg gu mòr an aghaidh Iùdah, agus thill iad dan àite fhèin ann an corraich mhòir. 11 Agus neartaich Amasiah e fhèin, agus thug e a‑mach a shluagh, agus chaidh e gu gleann an t‑salainn, agus bhuail e de chloinn Sheir deich mìle. 12 Agus deich mìle dhiubh ghlac clann Iùdah beò, agus thug iad leo iad gu mullach carraig, agus thilg iad sìos iad o mhullach na carraig, agus bhriseadh iad gu tur. 13 Ach bhris fir na h‑armailt a chuir Amasiah air an ais, a‑chum nach rachadh iad maille ris gu cath, a‑steach air bailtean Iùdah, o Shamaria eadhon gu ruig Bet-horon, agus bhuail iad trì mìle dhiubh, agus thug iad leo creach mhòr. 14 A‑nis an dèidh do Amasiah teachd o àr nan Edomach, thug e leis diathan chloinn Sheir, agus chuir e suas iad dha fhèin mar dhiathan, agus chrom e e fhèin sìos romhpa, agus loisg e tùis dhaibh. 15 Uime sin las fearg an Tighearna an aghaidh Amasiah, agus chuir e da ionnsaigh fàidh, a thubhairt ris, Carson a dh’iarr thu an dèidh diathan an t‑sluaigh, nach b’urrainn an sluagh fhèin a shaoradh as do làimh-sa? 16 Agus nuair a bha e a’ labhairt ris, fhreagair esan e, An do rinneadh thusa ad chomhairliche don rìgh? Leig dhìot; carson a bhiodh tu air do bhualadh? Agus leig am fàidh dheth, agus thubhairt e, Tha fhios agam gun do shònraich Dia air do sgrios, a chionn gun do rinn thu seo agus nach d’èisd thu rim chomhairle-sa. 17 An sin ghabh Amasiah rìgh Iùdah comhairle, agus chuir e teachdairean a dh’ionnsaigh Iòais, mhic Iehoahais, mhic Iehu rìgh Israeil, ag ràdh, Thig, faiceamaid aghaidh a chèile. 18 Agus chuir Iòas rìgh Israeil teachdairean gu Amasiah rìgh Iùdah, ag ràdh, Chuir am fòghnan a bha ann an Lebanon teachdaire a dh’ionnsaigh an t‑seudair a bha ann an Lebanon, ag ràdh, Thoir do nighean dom mhac-sa na mnaoi: agus chaidh fiadh-bheathach seachad a bha ann an Lebanon, agus shaltair e sìos am fòghnan. 19 Thubhairt thu, Feuch, bhuail mi Edom, agus thog do chridhe suas thu a‑chum uaill a dhèanamh; fan a‑nis aig do thaigh: carson a bhiodh làmh agad ann an nì a‑chum d’aimhleis, air chor is gun tuiteadh tu fhèin agus Iùdah maille riut? 20 Ach cha d’èisd Amasiah ris; oir bha e o Dhia an toirt thairis na làimh, a chionn gun d’iarr iad an dèidh diathan Edoim. 21 Uime sin chaidh Iòas rìgh Israeil suas, agus chunnaic e fhèin agus Amasiah rìgh Iùdah aghaidh a chèile aig Bet-semes, a bhuineas do Iùdah. 22 Agus bhuaileadh Iùdah ro Israel, agus theich iad gach fear a dh’ionnsaigh a bhùtha. 23 Agus ghlac Iòas rìgh Israeil Amasiah rìgh Iùdah mac Iòais, mhic Ahasiah, aig Bet-semes, agus thug e e gu Ierusalem, agus bhris e sìos balla Ierusaleim, o gheata Ephraim gu geata na h‑oisne, ceithir cheud làmh-choille. 24 Agus ghabh e an t‑òr agus an t‑airgead uile, agus na soithichean uile a fhuaireadh ann an taigh Dhè aig Obed-edom, agus ionmhasan taigh an rìgh, agus braighdean-gill, agus thill e gu Samaria. 25 Agus mhair Amasiah mac Iòais, rìgh Iùdah, beò an dèidh bàs Iòais mhic Iehoahais, rìgh Israeil, còig-bliadhna-deug. 26 Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Amasiah, an toiseach agus mu dheireadh, feuch, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar rìghrean Iùdah agus Israeil? 27 Ach on àm anns an do thionndaidh Amasiah o leantainn an Tighearna, rinn iad ceannairc na aghaidh ann an Ierusalem, agus theich e gu Lachis: ach chuir iad daoine na dhèidh gu Lachis, agus mharbh iad e an sin. 28 Agus thug iad leo air eich e, agus dh’adhlaic iad e maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh. |