Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Eachdraidh 24 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Seachd bliadhna a dh’aois bha Iòas nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e dà‑fhichead bliadhna ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Sibia o Bheer-sèba.

2 Agus rinn Iòas an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna rè uile làithean Iehoiada an sagart.

3 Agus ghabh Iehoiada air a shon dà mhnaoi, agus ghin e mic agus nigheanan.

4 Agus na dhèidh seo bha e ann an inntinn Iòais taigh an Tighearna a chàradh.

5 Agus chruinnich e ri chèile na sagartan agus na Lèbhithich, agus thubhairt e riu, Rachaibh a‑mach do bhailtean Iùdah, agus cruinnichibh o Israel uile airgead a chàradh taigh ur Dè o bhliadhna gu bliadhna, agus faicibh gun dèan sibh cabhag anns a’ ghnothach. Gidheadh cha do rinn na Lèbhithich cabhag.

6 Agus ghairm an rìgh Iehoiada an t‑àrd-shagart, agus thubhairt e ris, Carson nach d’iarr thu air na Lèbhithich cìs Mhaois, òglach an Tighearna, a thoirt a‑steach o Iùdah, agus o Ierusalem, agus o choitheanal Israeil, airson pàillean na fianais?

7 Oir bhris mic na droch mhnà Ataliah sìos taigh Dhè; agus mar an ceudna uile nithean coisrigte taigh an Tighearna thug iad seachad do Bhàalim.

8 An sin air àithne an rìgh rinn iad ciste, agus chuir iad i aig geata taigh an Tighearna air an taobh a‑muigh.

9 Agus thug iad gairm air feadh Iùdah agus Ierusaleim, cìs Mhaois òglach Dhè, a chuir e air Israel anns an fhàsach, a thoirt a‑steach don Tighearna.

10 Agus rinn na h‑uachdarain uile, agus an sluagh uile, gàirdeachas, agus thug iad leo, agus thilg iad anns a’ chiste, gus an do lìonadh i.

11 Agus nuair a thugadh a’ chiste a‑steach a dh’ionnsaigh luchd-riaghlaidh an rìgh le làimh nan Lèbhitheach, agus a chunnaic iad gu robh mòran airgid innte, an sin thàinig sgrìobhaiche an rìgh agus fear-riaghlaidh an àrd-shagairt, agus dh’fhalamhaich iad a’ chiste, agus ghabh iad i, agus thug iad air a h‑ais i da h‑àite fhèin. Mar sin rinn iad o là gu là, agus chruinnich iad airgead ann am pailteas.

12 Agus thug an rìgh agus Iehoiada e dhaibhsan a rinn obair seirbhis taigh an Tighearna, agus thuarasdalaich iad luchd-snaithidh chlach agus saoir a chàradh taigh an Tighearna, agus mar an ceudna luchd-obrach ann an iarann agus ann an umha a dhèanamh suas taigh an Tighearna.

13 Agus dh’obraich an luchd-obrach, agus choileanadh an obair len làimh; agus rinn iad suas taigh an Tighearna cho ceart is a bha e roimhe, agus dhaingnich iad e.

14 Agus nuair a chrìochnaich iad an obair, thug iad na dh’fhàgadh den airgead an làthair an rìgh agus Iehoiada, agus rinn iad soithichean dheth do thaigh an Tighearna, soithichean-frithealaidh nan ìobairtean-loisgte, agus spàinean, agus soithichean òir agus airgid: agus dh’ìobair iad ìobairtean-loisgte a‑ghnàth ann an taigh an Tighearna, rè uile làithean Iehoiada.

15 Ach dh’fhàs Iehoiada sean, agus bha e làn de làithean, agus fhuair e bàs: ceud agus deich-bliadhna-fichead a dh’aois bha e nuair a fhuair e bàs.

16 Agus dh’adhlaic iad e ann am baile Dhaibhidh maille ris na rìghrean, a chionn gun do rinn e math ann an Israel, araon a‑thaobh Dhè, agus a‑thaobh a thaighe.

17 Agus an dèidh bàs Iehoiada, thàinig uachdarain Iùdah, agus rinn iad ùmhlachd don rìgh. An sin dh’èisd an rìgh riu.

18 Agus thrèig iad taigh an Tighearna, Dia an athraichean, agus rinn iad seirbhis do dhoireachan agus do dhealbhan: agus thàinig fearg air Iùdah agus Ierusalem airson an cionta.

19 Gidheadh chuir e fàidhean dan ionnsaigh, gu an toirt air an ais a dh’ionnsaigh an Tighearna; agus rinn iad fianais nan aghaidh, ach cha d’èisd iadsan riu.

20 Agus thàinig spiorad an Tighearna air Sechariah mac Iehoiada an sagart, agus sheas e os cionn an t‑sluaigh, agus thubhairt e riu, Mar seo tha Dia ag ràdh, Carson a tha sibh a’ briseadh àitheantan an Tighearna? Uime sin cha soirbhich leibh. A chionn gun do thrèig sibhse an Tighearna, trèigidh esan sibhse.

21 Agus chaidh iad ann an co‑bhainn na aghaidh, agus chlach iad le clachan e, air àithne an rìgh, ann an cùirt taigh an Tighearna:

22 Oir cha do chuimhnich Iòas an rìgh an coibhneas a rinn Iehoiada a athair ris, ach mharbh e a mhac: agus nuair a bha esan a’ faghail a’ bhàis, thubhairt e, Chì an Tighearna, agus agraidh e.

23 Agus aig ceann na bliadhna thàinig armailt Shiria a‑nìos na aghaidh: agus thàinig iad gu Iùdah agus gu Ierusalem, agus sgrios iad uile uachdarain an t‑sluaigh o mheasg an t‑sluaigh, agus chuir iad an creach uile a dh’ionnsaigh rìgh Dhamascais.

24 Oir le beagan dhaoine thàinig armailt Shiria, agus thug an Tighearna thairis nan làimh sluagh ro‑mhòr, a chionn gun do thrèig iad an Tighearna, Dia an athraichean: uime sin rinn iad breitheanas an aghaidh Iòais.

25 Agus nuair a dh’imich iad uaithe, a chionn gun d’fhàg iad e ann an eucailean mòra, rinn a sheirbhisich fhèin ceannairc na aghaidh airson fuil mac Iehoiada an sagart, agus mharbh iad e air leabaidh, agus nuair a fhuair e bàs, dh’adhlaic iad e ann am baile Dhaibhidh, ach cha d’adhlaic iad e ann an àitean-adhlaic nan rìghrean.

26 Agus is iad seo iadsan a rinn ceannairc na aghaidh: Sabad mac Shimeait a’ bhan-Amonach, agus Iehosabad mac Shimrit a’ bhan-Mhòabach, agus a mhic.

27 A‑nis a‑thaobh meud na cìse a thog e, agus mar a rinn e suas taigh Dhè, feuch, tha iad sgrìobhte ann an eachdraidh leabhar nan rìgh. Agus rìghich Amasiah a mhac na àite.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan