2 Eachdraidh 22 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus rinn luchd-àiteachaidh Ierusaleim Ahasiah, a mhac a b’òige, na rìgh na àite: oir mharbh a’ bhuidheann a thàinig maille ris na h‑Arabaich don champ na mic a bu shine uile. Agus rìghich Ahasiah mac Iehoraim, rìgh Iùdah. 2 Dà bhliadhna ar fhichead a dh’aois bha Ahasiah nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e aon bhliadhna ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Ataliah, nighean Omri. 3 Ghluais esan mar an ceudna ann an slighean taigh Ahaib; oir b’i a mhàthair a chomhairliche a dhèanamh uilc. 4 Air an adhbhar sin rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, cosmhail ri taigh Ahaib, oir b’iad sin a chomhairlichean an dèidh bàs a athar, a‑chum a sgrios. 5 Ghluais e mar an ceudna a rèir an comhairle, agus chaidh e maille ri Iehoram, mac Ahaib rìgh Israeil, a chogadh an aghaidh Hasaeil rìgh Shiria ann an Ramot-gilead: agus lot na Sirianaich Ioram. 6 Agus thill e gu bhith air a leigheas ann an Iesreel o na lotan a thug iad dha ann an Ramah, nuair a chòmhraig e an aghaidh Hasaeil rìgh Shiria. Agus chaidh Ahasiah mac Iehoraim, rìgh Iùdah, sìos a dh’fhaicinn Ioraim mhic Ahaib ann an Iesreel, a chionn gu robh e tinn. 7 Agus b’ann o Dhia a bha sgrios Ahasiah, le a theachd gu Ioram: oir nuair a thàinig e, chaidh e a‑mach maille ri Iehoram an aghaidh Iehu mhic Nimsi, a dh’ung an Tighearna a ghearradh as taigh Ahaib. 8 Agus nuair a bha Iehu a’ dèanamh breitheanais air taigh Ahaib, agus a fhuair e uachdarain Iùdah, agus mic bràithrean Ahasiah, a fhritheil do Ahasiah, mharbh e iad. 9 Agus dh’iarr e Ahasiah; agus ghlac iad e, agus e am falach ann an Samaria: agus thug iad e a dh’ionnsaigh Iehu, agus mharbh iad e, agus dh’adhlaic iad e, a chionn, thubhairt iad, gur e mac Iehosaphait e, a dh’iarr an Tighearna le a uile chridhe. Agus cha robh e an comas do thaigh Ahasiah an rìoghachd a ghleidheadh na b’fhaide. 10 Agus nuair a chunnaic Ataliah, màthar Ahasiah, gu robh a mac marbh, dh’èirich i, agus sgrios i uile shliochd rìoghail taigh Iùdah. 11 Agus ghabh Iehosabet, nighean an rìgh, Iòas mac Ahasiah, agus ghoid i e à measg mic an rìgh a mharbhadh, agus chuir i e fhèin agus a bhanaltram ann an seòmar nan leapaichean. Mar sin dh’fhalaich Iehosabet, nighean rìgh Iehoraim, bean Iehoiada an sagart, e (oir b’i piuthar Ahasiah i) o Ataliah, air chor is nach do mharbh i e. 12 Agus bha e maille riu am falach ann an taigh Dhè rè sia bliadhna; agus Ataliah a’ rìoghachadh os cionn na tìre. |