2 Eachdraidh 21 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus chaidil Iehosaphat maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh: agus rìghich Iehoram a mhac na àite. 2 Agus bha bràithrean aigesan, mic Iehosaphait, Asariah, agus Iehiel, agus Sechariah, agus Asariah, agus Micheal, agus Sephatiah: b’iad sin uile mic Iehosaphait, rìgh Iùdah. 3 Agus thug an athair dhaibh iomadh tìodhlac airgid agus òir, agus nithean luachmhor, maille ri bailtean daingnichte ann an Iùdah: ach thug e an rìoghachd do Iehoram, a chionn gum b’e an ciad-ghin e. 4 Agus nuair a dh’èirich Iehoram suas gu rìoghachd a athar, agus a dhaingnich e e fhèin, mharbh e a bhràithrean uile leis a’ chlaidheamh, agus mar an ceudna cuid de uachdarain Israeil. 5 Dà‑bhliadhna-dheug ar fhichead a dh’aois bha Iehoram nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e ochd bliadhna ann an Ierusalem. 6 Agus ghluais e ann an slighe rìghrean Israeil, mar a rinn taigh Ahaib; oir bha nighean Ahaib na mnaoi aige: agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna. 7 Gidheadh, cha b’àill leis an Tighearna taigh Dhaibhidh a sgrios, air sgàth a’ choicheangail a rinn e ri Daibhidh, agus gun do gheall e solas a thabhairt dha fhèin agus da mhic gu bràth. 8 Na làithean-san dh’èirich na h‑Edomaich o bhith fo làimh Iùdah, agus rinn iad rìgh os an cionn fhèin. 9 Agus chaidh Iehoram a‑mach le a cheannardan, agus a charbadan uile maille ris: agus dh’èirich e anns an oidhche, agus bhuail e na h‑Edomaich a thàinig mun cuairt air, agus ceannardan nan carbad. 10 Gidheadh, dh’èirich na h‑Edomaich o bhith fo làimh Iùdah gus an là‑an‑diugh. Agus dh’èirich Libnah anns an àm cheudna o bhith fo a làimh, a chionn gun do thrèig e an Tighearna, Dia a athraichean. 11 Mar an ceudna rinn e àitean àrda ann an slèibhtean Iùdah, agus thug e air luchd-àiteachaidh Ierusaleim strìopachas a dhèanamh, agus tharraing e Iùdah a dh’ionnsaigh sin. 12 Agus thàinig sgrìobhadh da ionnsaigh o Eliah am fàidh, ag ràdh, Mar seo tha an Tighearna, Dia Dhaibhidh d’athair, ag ràdh, A chionn nach do ghluais thu ann an slighean Iehosaphait, d’athair, no ann an slighean Asa rìgh Iùdah, 13 Ach gun do ghluais thu ann an slighe rìghrean Israeil, agus gun tug thu air Iùdah agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim strìopachas a dhèanamh, cosmhail ri strìopachas taigh Ahaib, agus mar an ceudna gun do mharbh thu do bhràithrean de thaigh d’athar, a b’fheàrr na thu fhèin: 14 Feuch, buailidh an Tighearna le plàigh mhòir do shluagh, agus do chlann, agus do mhnathan, agus do mhaoin uile: 15 Agus bidh tu ann an tinneas mòr le eucail do mhionaich, gus an tuit do mhionach a‑mach leis an eucail, o là gu là. 16 Uime sin bhrosnaich an Tighearna an aghaidh Iehoraim spiorad nam Philisteach, agus nan Arabach, a bha làimh ris na h‑Etiopaich: 17 Agus thàinig iad a‑nìos gu Iùdah, agus bhris iad a‑steach innte, agus thug iad leo a’ mhaoin uile a fhuaireadh ann an taigh an rìgh, agus mar an ceudna a mhic agus a mhnathan; air chor is nach d’fhàgadh mac aige ach Ahasiah a mhac a b’òige. 18 Agus na dhèidh seo uile, bhuail an Tighearna e na mhionach le eucail nach gabhadh leigheas. 19 Agus an dèidh làithean àraidh, an ceann dà bhliadhna, thuit a mhionach a‑mach le a eucail, agus fhuair e bàs le droch ghalaran; agus cha do rinn a shluagh losgadh air a shon cosmhail ri losgadh a athraichean. 20 Dà‑bhliadhna-dheug ar fhichead a dh’aois bha e nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e ochd bliadhna ann an Ierusalem, agus shiubhail e gun dèidh sam bith air, agus dh’adhlaic iad e ann am baile Dhaibhidh, ach cha b’ann an àitean-adhlaic nan rìgh. |