Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Eachdraidh 15 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus thàinig spiorad Dhè air Asariah mac Odeid:

2 Agus chaidh e suas an coinneamh Asa, agus thubhairt e ris, Eisdibh riumsa, Asa, agus Iùdah uile, agus a Bheniàmin: Tha an Tighearna maille ribh, am feadh a tha sibhse maille ris-san: agus ma dh’iarras sibh e, gheibhear leibh e: ach ma thrèigeas sibhse esan, trèigidh esan sibhse.

3 A‑nis rè iomadh là bidh Israel as eugmhais Dia na fìrinn, agus as eugmhais sagairt a theagaisgeas, agus as eugmhais lagha.

4 Ach nuair a thilleas iad nan airc a dh’ionnsaigh an Tighearna Dia Israeil, agus a dh’iarras iad e, gheibhear leo e.

5 Agus anns na h‑àmannan sin, cha bhi sìth ann dhàsan a thèid a‑mach, no dhàsan a thig a‑steach, ach buaireas mòr air uile luchd-àiteachaidh nan dùthchannan.

6 Agus sgriosar cinneach le cinneach, agus baile le baile; oir claoidhidh Dia iad leis gach airc.

7 Ach bithibh-se làidir, agus na biodh ur làmhan lag; oir tha duais ann airson ur n‑obrach.

8 Agus nuair a chuala Asa na briathran sin, agus fàidheadaireachd Asariah mhic Odeid am fàidh, ghabh e misneach, agus chuir e air falbh na h‑iodhalan gràineil à tìr Iùdah agus Bheniàmin uile, agus as na bailtean a ghlac e de shliabh Ephraim, agus dh’athnuadhaich e altair an Tighearna, a bha air beulaibh sgàth-thaigh an Tighearna.

9 Agus chruinnich e Iùdah uile agus Beniàmin, agus na coigrich maille riu à Ephraim, agus à Manaseh, agus à Simeon: oir thàinig iad thairis da ionnsaigh à Israel ann am pailteas, nuair a chunnaic iad gu robh an Tighearna a Dhia maille ris.

10 Agus chruinnich iad an ceann a chèile aig Ierusalem anns an treas mìos, anns a’ chòigeamh-bliadhna-deug de rìoghachadh Asa.

11 Agus dh’ìobair iad don Tighearna anns an àm sin den chreich a thug iad leo, seachd ceud bò, agus seachd mìle caora.

12 Agus rinn iad coicheangal gun iarradh iad an Tighearna, Dia an athraichean, len uile chridhe, agus len uile anam:

13 Agus gun rachadh gach neach nach iarradh an Tighearna Dia Israeil a chur gu bàs, co‑dhiù bu bheag no mòr, fear no bean, e.

14 Agus mhionnaich iad don Tighearna le guth àrd, agus le gàir, agus le trompaidean, agus le buabhallan.

15 Agus rinn Iùdah uile gàirdeachas a‑thaobh nam mionnan sin: oir mhionnaich iad len uile chridhe, agus dh’iarr iad e len uile rùn; agus fhuaireadh e leo. Agus thug an Tighearna fois dhaibh air gach taobh.

16 Agus mar an ceudna a‑thaobh Mhaachah, màthair rìgh Asa, chuir e i o bhith na bànrighinn, a chionn gun do rinn i dealbh uamhasach ann an doire: agus gheàrr Asa sìos a dealbh uamhasach, agus mhìn-phronn e e, agus loisg e e aig sruth Chidroin.

17 Ach cha do chuireadh na h‑àitean àrda air falbh à Israel: gidheadh bha cridhe Asa iomlan rè a làithean uile.

18 Agus thug e a‑steach na nithean a naomhaich a athair, agus na nithean a naomhaich e fhèin, do thaigh an Tighearna, airgead, agus òr, agus soithichean.

19 Agus cha robh cogadh tuilleadh ann gu ruig an còigeamh-bliadhna-deug ar fhichead de rìoghachadh Asa.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan