2 Eachdraidh 13 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 A‑nis anns an ochdamh-bliadhna-deug de rìgh Ierobòam, thòisich Abiah air rìoghachadh os cionn Iùdah. 2 Trì bliadhna rìghich e ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Maachah, nighean Urieil o Ghilbeah. Agus bha cogadh eadar Abiah agus Ierobòam. 3 Agus chuir Abiah an cath an òrdagh le armailt de dhaoine treuna ann an cogadh, ceithir cheud mìle fear taghte: agus chuir Ierobòam an cath an òrdagh na aghaidh le ochd ceud mìle fear taghte, daoine treuna gaisgeil. 4 Agus sheas Abiah suas air sliabh Shemaraim, a tha ann an sliabh Ephraim, agus thubhairt e, Eisdibh rium, a Ierobòaim, agus Israeil uile. 5 Nach bu chòir dhuibhse fios a bhith agaibh gun tug an Tighearna Dia Israeil an rìoghachd os cionn Israeil thairis do Dhaibhidh gu bràth, eadhon dhàsan agus da mhic le coicheangal salainn? 6 Gidheadh, dh’èirich Ierobòam mac Nebait, seirbhiseach Sholaimh mhic Dhaibhidh, suas, agus rinn e ceannairc an aghaidh a thighearna: 7 Agus chruinnich da ionnsaigh daoine faoine, mic Bheliail, agus neartaich iad iad fhèin an aghaidh Rehobòaim mhic Sholaimh, nuair a bha Rehobòam òg agus tais-chridheach, agus nach b’urrainn e cur nan aghaidh. 8 Agus a‑nis tha sibh a’ smaoineachadh air cur an aghaidh rìoghachd an Tighearna ann an làimh mic Dhaibhidh; agus tha sibh nur sluagh mòr, agus tha agaibh laoigh òir, a rinn Ierobòam dhuibh mar dhiathan. 9 Nach do thilg sibh a‑mach sagartan an Tighearna, mic Aaroin, agus na Lèbhithich, agus nach do rinn sibh dhuibh fhèin sagartan mar chinnich eile an domhain? Gach neach a thig ga choisrigeadh fhèin le tarbh òg agus le seachd reitheachan, bidh esan air ball na shagart dhaibhsan nach eil nan diathan. 10 Ach dar taobh-ne, is e an Tighearna ar Dia, agus cha do thrèig sinn e: agus is iad mic Aaroin na sagartan a tha a’ frithealadh don Tighearna, agus tha na Lèbhithich a’ feitheamh air an obair fhèin; 11 Agus tha iad a’ losgadh don Tighearna ìobairtean-loisgte air gach madainn agus air gach feasgar, agus tùis chùbhraidh; agus tha aran na fianais air a’ bhòrd fhìorghlan, agus an coinnleir òir maille ra lòchrain a’ lasadh air gach feasgar: oir tha sinne a’ gleidheadh cùram an Tighearna ar Dia; ach thrèig sibhse e. 12 Agus, feuch, maille rinne tha Dia fhèin na cheannard oirnn, agus a shagartan le trompaidean fuaimneach a thoirt caismeachd nur n‑aghaidh-se. A chlann Israeil, na cogaibh-se an aghaidh an Tighearna, Dia ur n‑athraichean; oir cha soirbhich leibh. 13 Ach thug Ierobòam air luchd feall-fhalaich teachd mun cuairt air an cùlaibh, air chor is gu robh iad fhèin fa chomhair Iùdah, agus an luchd feall-fhalaich air an cùlaibh. 14 Agus nuair a sheall Iùdah nan dèidh, feuch, bha an cath air am beulaibh agus air an cùlaibh: agus ghlaodh iad ris an Tighearna, agus rinn na sagartan fuaim le trompaidean. 15 Agus rinn fir Iùdah iolach: agus nuair a rinn fir Iùdah iolach, air ball bhuail Dia Ierobòam agus Israel uile ro Abiah agus Iùdah. 16 Agus theich clann Israeil ro Iùdah; agus thug Dia thairis iad nan làimh. 17 Agus mharbh Abiah agus a shluagh iad le àr mòr: oir thuit sìos marbh de Israel còig ceud mìle fear taghte. 18 Agus dh’irioslaicheadh clann Israeil air an àm sin, agus neartaicheadh clann Iùdah, a chionn gun d’earb iad as an Tighearna, Dia an athraichean. 19 Agus lean Abiah an ruaig air Ierobòam, agus ghlac e uaithe mòr-bhailtean: Betel le a bhailtean beaga, agus Iesanah le a bhailtean beaga, agus Ephron le a bhailtean beaga. 20 Agus cha d’fhuair Ierobòam neart nas mò ann an làithean Abiah: agus bhuail an Tighearna e, agus fhuair e bàs. 21 Ach dh’fhàs Abiah cumhachdach, agus phòs e ceithir-mnathan-deug, agus ghin e dà mhac ar fhichead, agus sia-nigheanan-deug. 22 Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Abiah, agus a shlighean, agus a bhriathran, tha iad sgrìobhte ann an eachdraidh an fhàidh Ido. |