Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Eachdraidh 12 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus nuair a dhaingnicheadh rìoghachd Rehobòaim, agus a dh’fhàs e cumhachdach, thrèig e lagh an Tighearna, agus Israel uile maille ris.

2 Agus anns a’ chòigeamh bliadhna de rìgh Rehobòam, thàinig Sisac rìgh na h‑Eiphit a‑nìos an aghaidh Ierusaleim (a chionn gun do pheacaich iad an aghaidh an Tighearna),

3 Le mìle agus dà cheud carbad, agus le trì-fichead mìle marcaiche: agus bha an sluagh gun àireamh a thàinig maille ris as an Eiphit; na Lubaich, na Sucaich, agus na h‑Etiopaich.

4 Agus ghlac e na bailtean daingnichte a bhuineadh do Iùdah, agus thàinig e gu Ierusalem.

5 An sin thàinig Semaiah am fàidh gu Rehobòam, agus gu uachdarain Iùdah, a bha air cruinneachadh gu Ierusalem air eagal Shisaic, agus thubhairt e riu, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Dh’fhàg sibhse mise, agus air an adhbhar sin dh’fhàg mise sibhse ann an làimh Shisaic.

6 An sin dh’irioslaich uachdarain Israeil agus an rìgh iad fhèin, agus thubhairt iad, Tha an Tighearna ceart.

7 Agus nuair a chunnaic an Tighearna gun d’irioslaich iad iad fhèin, thàinig facal an Tighearna gu Semaiah, ag ràdh, Dh’irioslaich iad iad fhèin; cha sgrios mi iad, ach bheir mi dhaibh càil-eigin de shaorsa; agus cha taomar mo chorraich a‑mach air Ierusalem le làimh Shisaic.

8 Gidheadh, bidh iad nan seirbhisich aige, agus bidh aithne aca air mo sheirbhis-sa, agus air seirbhis rìoghachdan nan dùthchannan.

9 Uime sin thàinig Sisac rìgh na h‑Eiphit a‑nìos an aghaidh Ierusaleim, agus thug e leis ionmhasan taigh an Tighearna, agus ionmhasan taigh an rìgh; bhuin e leis an t‑iomlan: thug e leis mar an ceudna na targaidean òir a rinn Solamh.

10 Agus rinn rìgh Rehobòam targaidean umha nan àite, agus thug e thairis iad do làimh ceannardan an fhreiceadain, a ghlèidh doras taigh an rìgh.

11 Agus nuair a chaidh an rìgh a‑steach do thaigh an Tighearna, thàinig am freiceadan agus thog iad iad, agus thug iad air an ais iad gu seòmar an fhreiceadain.

12 Agus nuair a dh’irioslaich e e fhèin, thionndaidh corraich an Tighearna uaithe, a‑chum nach sgriosadh e e gu tur. Agus mar an ceudna ann an Iùdah bha nithean gu math.

13 Agus dhaingnich rìgh Rehobòam e fhèin ann an Ierusalem, agus rìghich e. A‑nis bha Rehobòam aon agus dà‑fhichead bliadhna a dh’aois nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e seachd-bliadhna-deug ann an Ierusalem, am baile a thagh an Tighearna a‑mach à uile threubhan Israeil a chur a ainme an sin: agus b’e ainm a mhàthar Nàamah, Ban-Amonach.

14 Agus rinn e olc, a chionn nach d’ullaich e a chridhe a dh’iarraidh an Tighearna.

15 A‑nis gnìomharan Rehobòaim, an toiseach agus mu dheireadh, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar Shemaiah am fàidh, agus Ido am fear-seallaidh, mu thimcheall ghinealach? Agus bha cogadh eadar Rehobòam agus Ierobòam rè an làithean uile.

16 Agus chaidil Rehobòam maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e ann am baile Dhaibhidh: agus rìghich Abiah a mhac na àite.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan