Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Eachdraidh 10 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus chaidh Rehobòam do Shechem: oir thàinig Israel uile do Shechem ga dhèanamh na rìgh.

2 Agus nuair a chuala Ierobòam mac Nebait sin, a bha anns an Eiphit, far an do theich e o ghnùis rìgh Solamh, thill Ierobòam as an Eiphit.

3 Agus chuir iad fios, agus ghairm iad e: agus thàinig Ierobòam agus Israeil uile, agus labhair iad ri Rehobòam, ag ràdh,

4 Dh’antromaich d’athair ar cuing-ne, ach aotromaich thusa a‑nis seirbhis chruaidh d’athar, agus a’ chuing throm a chuir e oirnn, agus nì sinn seirbhis dhut.

5 Agus thubhairt e riu, An ceann trì làithean thigibh a‑rìs am ionnsaigh. Agus dh’fhalbh an sluagh.

6 Agus chuir rìgh Rehobòam a chomhairle ris na seann daoine a sheas an làthair Sholaimh a athair, nuair a bu bheò e, ag ràdh, Cionnas a chomhairlicheas sibh dhomh freagradh a thabhairt don t‑sluagh seo?

7 Agus labhair iadsan ris, ag ràdh, Ma bhios tusa coibhneil ris an t‑sluagh seo, agus gun toilich thu iad, agus gun labhair thu riu briathran matha, bidh iadsan agadsa nan seirbhisich gu bràth.

8 Ach thrèig esan comhairle nan seann daoine, a thug iad air; agus chuir e a chomhairle ris na daoine òga a dh’fhàs suas maille ris fhèin agus a sheas na làthair.

9 Agus thubhairt e riu, Ciod a tha sibhse a’ comhairleachadh, a‑chum is gun toir sinn freagradh don t‑sluagh seo, a labhair rium, ag ràdh, Aotromaich a’ chuing a chuir d’athair oirnn?

10 Agus labhair na daoine òga a dh’fhàs suas maille ris fhèin ris, ag ràdh, Mar seo their thu ris an t‑sluagh a labhair riut, ag ràdh, Dh’antromaich d’athair ar cuing-ne, ach aotromaich thusa dhuinn i; mar seo their thu riu, Is gairbhe mo lùdag-sa na leasraidh m’athar.

11 Agus a‑nis chuir m’athair gun amharas oirbh cuing throm, ach cuiridh mise ri ur cuing; smachdaich m’athair sibh le slatan, ach smachdaichidh mise sibh le sgorpionan.

12 Agus thàinig Ierobòam agus an sluagh uile gu Rehobòam air an treas là, mar a dh’àithn an rìgh, ag ràdh, Thigibh a‑rìs am ionnsaigh air an treas là.

13 Agus fhreagair an rìgh iad gu garbh; agus thrèig rìgh Rehobòam comhairle nan seann daoine,

14 Agus labhair e riu a rèir comhairle nan daoine òga, ag ràdh, Dh’antromaich m’athair ur cuing, ach cuiridh mise rithe; smachdaich m’athair sibh le slatan, ach smachdaichidh mise sibh le sgorpionan.

15 Mar seo cha d’èisd an rìgh ris an t‑sluagh; oir bha an t‑adhbhar o Dhia, a‑chum gun coileanadh an Tighearna a fhacal fhèin, a labhair e le làimh Ahiah an Silonach ri Ierobòam mac Nebait.

16 Agus nuair a chunnaic Israel uile nach d’èisd an rìgh riu, fhreagair an sluagh an rìgh, ag ràdh, Ciod a’ chuibhreann a tha againne ann an Daibhidh? Agus chan eil oighreachd againn ann am mac Iese: gach fear dod bhùthan, O Israeil; a‑nis thoir an aire air do thaigh fhèin, a Dhaibhidh. Agus dh’fhalbh Israel uile dam bùthan.

17 Ach a‑thaobh chloinn Israeil a bha a chòmhnaidh ann am bailtean Iùdah, rìghich Rehobòam os an cionn.

18 An sin chuir rìgh Rehobòam Adoram a bha os cionn na cìse dan ionnsaigh; agus chlach clann Israeil e le clachan, agus fhuair e bàs: agus rinn Rehobòam cabhag gu dol suas da charbad, a‑chum is gun teicheadh e do Ierusalem.

19 Agus rinn Israel ceannairc an aghaidh taigh Dhaibhidh gus an là‑an‑diugh.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan