2 Eachdraidh 1 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus dhaingnicheadh Solamh mac Dhaibhidh na rìoghachd, agus bha an Tighearna a Dhia maille ris, agus dh’àrdaich e e gu mòr. 2 Agus dh’àithn Solamh do Israel uile, do na ceannardan mhìltean agus cheud, agus do na britheamhan, agus do gach uachdaran air Israel uile, cinn nan athraichean. 3 Agus chaidh Solamh agus an coitheanal uile maille ris don àit àrd a bha ann an Gibeon; oir an sin bha pàillean coitheanal Dhè, a rinn Maois, òglach an Tighearna, anns an fhàsach. 4 Ach àirc Dhè thug Daibhidh a‑nìos o Chiriat-iearim don àit a dh’ullaich Daibhidh dhi; oir shuidhich e pàillean air a son ann an Ierusalem. 5 Mar an ceudna, bha an altair umha, a rinn Besalil mac Uri mhic Huir, an sin fa chomhair pàillean an Tighearna; agus dh’iarr Solamh agus an coitheanal i. 6 Agus chaidh Solamh suas an sin a dh’ionnsaigh na h‑altair umha am fianais an Tighearna, a bha aig pàillean a’ choitheanail, agus dh’ìobair e oirre mìle ìobairt-loisgte. 7 Air an oidhche sin dh’fhoillsich Dia e fhèin do Sholamh, agus thubhairt e ris, Iarr ciod a bheir mi dhut. 8 Agus thubhairt Solamh ri Dia, Nochd thu do Dhaibhidh m’athair coibhneas mòr, agus rinn thu mise ann am rìgh na àite. 9 A‑nis, a Thighearna Dhè, coileanar do ghealladh do Dhaibhidh m’athair: oir rinn thu mise ann am rìgh air sluagh, lìonmhor mar dhuslach na talmhainn. 10 Thoir dhomh a‑nis gliocas agus eòlas, a‑chum gun tèid mi a‑mach agus gun tig mi a‑steach ron t‑sluagh seo: oir cò as urrainn breith a thabhairt air do shluagh seo a tha cho mòr? 11 Agus thubhairt Dia ri Solamh, A chionn gu robh seo ad chridhe, agus nach d’iarr thu beartas, maoin, no cliù, no anam do naimhdean, agus mar an ceudna nach d’iarr thu saoghal fada; ach gun d’iarr thu dhut fhèin gliocas agus eòlas, leis an tugadh tu breith air mo shluagh-sa, air an do rinn mi thu ad rìgh: 12 Tha gliocas agus eòlas air an tabhairt dhut, agus bheir mise dhut beartas, agus maoin, agus cliù, air chor is nach robh a leithid aig na rìghrean a bha romhad, agus ad dhèidh nach bi a lethid. 13 Agus thàinig Solamh on àit àrd a bha ann an Gibeon gu Ierusalem, o làthair pàillean a’ choitheanail, agus rìghich e os cionn Israeil. 14 Agus chruinnich Solamh carbadan agus marc-shluagh: agus bha mìle agus ceithir cheud carbad aige, agus dà‑mhìle-dheug marcaiche; agus chuir e iad ann am bailtean nan carbad, agus maille ris an rìgh ann an Ierusalem. 15 Agus thug an rìgh air airgead agus air òr a bhith ann an Ierusalem mar na clachan, agus air na croinn seudair thug e a bhith mar na croinn shicomoir a tha anns an t‑srath, air lìonmhorachd. 16 Agus thugadh eich do Sholamh a‑mach as an Eiphit, agus snàth-lìn: ghabh ceannaichean an rìgh an snàth-lìn air luach. 17 Agus thàinig iad a‑nìos, agus thug iad a‑mach as an Eiphit carbad air sia ceud secel airgid, agus each air ceud agus lethcheud: agus mar sin do uile rìghrean nan Hiteach, agus do rìghrean Shiria, len làimh-san thugadh a‑mach iad. |