Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Corintianach 8 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 A‑nis, a bhràithrean, tha sinn a’ toirt fios dhuibh air gràs Dhè, a thugadh do eaglaisean Mhacedònia:

2 Eadhon gu robh, ann am mòr-dhearbhadh àmhghair, pailteas an aoibhneis, agus doimhne am bochdainn, ro‑phailt a‑chum saoibhreas am fialaidheachd.

3 Oir tha mi a’ toirt fianais gu robh iad uapa fhèin toileach a rèir an comais, seadh, thar an comas:

4 A’ guidhe oirnne gu dùrachdach, gun gabhamaid an tìodhlac, agus co‑roinn an fhrithealaidh do na naoimh.

5 Agus chan ann mar a shaoil sinne, ach thug iad iad fhèin air tùs don Tighearna, agus na dhèidh sin dhuinne a rèir toil Dhè:

6 Air chor is gun do chuir sinn impidh air Tìtus, a rèir mar a thòisich e roimhe, mar sin gun crìochnaicheadh e annaibhse an gràs sin fhèin mar an ceudna.

7 Uime sin mar a tha sibh pailt anns gach uile nì, ann an creideamh, ann an ùr‑labhradh, agus ann an eòlas, agus anns an uile dhìcheall, agus nur gràdh dhuinne, bithibh pailt anns a’ ghràs seo mar an ceudna.

8 Chan eil mi a’ labhairt seo mar àithne, ach a‑thaobh dùrachd dhaoine eile, agus a dhearbhadh treibhdhireas ur gràidh-se.

9 Oir is aithne dhuibh gràs ar Tighearna Iosa Crìosd, ged a bha e saoibhir, gidheadh gun do rinneadh bochd e air ur son-se, a‑chum gum biodh sibhse saoibhir tre a bhochdainn-san.

10 Agus anns an nì seo tha mi a’ toirt mo chomhairle: oir tha seo tairbheach dhuibhse, a thòisich roimhe, chan ann a‑mhàin air dèanamh, ach air a bhith togarrach o chionn bliadhna.

11 A‑nis air an adhbhar sin coileanaibh an gnìomh; ionnas mar a bha sibh ullamh a‑chum na toile, mar sin gum bi sibh ullamh a‑chum coileanaidh as na bheil agaibh.

12 Oir ma bhios air tùs inntinn thoileach ann, gabhar ris a rèir mar a tha aig neach, agus chan ann a rèir nan nithean nach eil aige.

13 Chan ann a‑chum gum biodh socair aig daoine eile, agus àmhghar agaibhse.

14 Ach a‑thaobh co‑cheartais, a‑chum anns an àm seo a‑nis gum bi ur pailteas-se na choileasachadh air an uireasbhaidh-san, agus mar an ceudna a‑chum gum bi am pailteas-san na choileasachadh air ur n‑uireasbhaidh-se, air chor is gum bi co‑cheartas eadaraibh;

15 A rèir mar a tha e sgrìobhte, An tì a thionail mòran, cha robh anabarr aige: agus an tì a thionail beagan, cha robh easbhaidh air.

16 Ach buidheachas do Dhia, a chuir an cùram dùrachdach sin fhèin dur taobh-se ann an cridhe Thìtuis.

17 Oir gu deimhinn ghabh e ris an impidh; ach air dha a bhith na bu togarraiche, chaidh e de a thoil fhèin dur n‑ionnsaigh.

18 Agus chuir sinne maille ris am bràthair aig a bheil a chliù anns an t‑soisgeul feadh nan eaglaisean uile:

19 (Agus chan e seo a‑mhàin, ach thaghadh e leis na h‑eaglaisean mar an ceudna mar chompanach-turais dhuinne, leis an tìodhlac seo a fhrithealadh leinn a‑chum glòir an Tighearna sin fhèin, agus a‑chum foillseachadh ur n‑inntinn ullaimh-se.)

20 A’ seachnadh seo, gun tugadh neach air bith mì‑chliù dhuinn a‑thaobh a’ phailteis seo a fhrithealadh leinn:

21 Air dhuinn a bhith a’ solar nithean ciatach, chan ann a‑mhàin am fianais an Tighearna, ach mar an ceudna am fianais dhaoine.

22 Agus chuir sinn maille riu ar bràthair, a dhearbh sinn gu minig dùrachdach ann am mòran nithean, ach a‑nis nas ro‑dhùrachdaiche, a‑thaobh an ro‑earbsa tha aige asaibh-se.

23 Ma dh’fhiosraichear nì sam bith mu Thìtus, is e mo chompanach-sa e, agus mo cho-obraiche dur taobh-se: no mu thimcheall nam bràithrean, is iad teachdairean nan eaglaisean, agus glòir Chrìosd.

24 Uime sin nochdaibh dhaibhsan, agus am fianais nan eaglaisean, dearbhadh ur gràidh-se, agus ar n‑uaill-ne dur taobh.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan