2 Corintianach 7 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Uime sin, a mhuinntir mo ghràidh, air dhuinn na geallaidhean seo a bhith againn, glanamaid sinn fhèin o gach uile shalchar feòla agus spioraid, a’ coileanadh naomhachd ann an eagal Dhè. 2 Gabhaibh rinne: cha do rinn sinn eucoir air aon duine, cha do thruaill sinn aon duine, cha do mheall sinn aon duine. 3 Chan ann a‑chum ur dìtidh a tha mi a’ labhairt seo: oir thubhairt mi roimhe gu bheil sibh nar cridheachan-ne a‑chum bàsachadh maille ribh, agus a bhith beò maille ribh. 4 Is mòr mo dhànachd cainnte dur taobh-se, is mòr m’uaill as ur leth: lìonadh le comhfhurtachd mi, tha mi thar tomhas aoibhneach nar n‑uile àmhghar. 5 Oir nuair a thàinig sinn do Mhacedònia, cha d’fhuair ar feòil fois sam bith, ach bha sinn fo àmhghar air gach taobh; an leth a‑muigh bha còmhrag, an leth a‑staigh bha eagal. 6 Ach Dia a bheir comhfhurtachd dhaibhsan a tha air an leagadh sìos, thug e comhfhurtachd dhuinne le teachd Thìtuis: 7 Agus chan ann le a theachd-san a‑mhàin, ach mar an ceudna leis a’ chomhfhurtachd a fhuair esan uaibhse, nuair a chuir e an cèill dhuinn ur dian-thogradh, ur caoidh, ur teas-ghràdh dhòmhsa; air chor is gur mò a rinn mi gàirdeachas. 8 Oir ged a chuir mi doilgheas oirbh leis an litir, chan eil aithreachas orm, ged a bha aithreachas orm: oir tha mi a’ faicinn gun do chuir an litir sin doilgheas oirbh, ged nach do rinn i seo ach rè tamaill. 9 A‑nis tha gàirdeachas orm, chan ann airson sibh a bhith duilich, ach gu robh sibh duilich a‑chum aithreachais: oir bha doilgheas oirbh air mhodh diadhaidh, a‑chum nach tigeadh call oirbh ann an aon nì dar taobh-ne. 10 Oir obraichidh am bròn diadhaidh aithreachas a‑chum slàinte de nach gabhar aithreachas; ach obraichidh doilgheas an t‑saoghail bàs. 11 Oir feuch, an nì seo fhèin, doilgheas diadhaidh a bhith oirbh, ciod e meud an dùrachd a dh’obraich e annaibh, seadh, ciod an glanadh oirbh fhèin, seadh, ciod an ro‑dhiomb, seadh, ciod an t‑eagal, seadh, ciod an dian-thogradh, seadh, ciod an t‑eud, seadh, ciod an togradh dìoghaltais? Anns gach nì dhearbh sibh sibh fhèin a bhith glan anns a’ chùis seo. 12 Uime sin ged a sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh, cha b’ann air a shon-san a rinn an eucoir, no air a shon-san air an do rinneadh an eucoir, ach a‑chum gum foillsichte dhuibh ar cùram-ne mur timcheall-se ann am fianais Dhè. 13 Uime sin fhuair sinn comhfhurtachd airson ur comhfhurtachd-se: seadh, bu ro‑mhò a rinn sinn gàirdeachas, airson gàirdeachas Thìtuis, do bhrìgh gun d’fhuair a spiorad suaimhneas uaibhse uile. 14 Oir ma rinn mi bòsd sam bith ris-san asaibhse, chan eil nàire orm; ach mar a labhras sinn na h‑uile nithean ann am fìrinn ribhse, is amhail sin a fhuaireadh fìrinneach ar bòsd asaibhse ri Tìtus. 15 Agus tha dùrachd a chridhe-san nas pailte dur taobh-se, air dha a bhith a’ cuimhneachadh ur n‑ùmhlachd uile, mar a ghabh sibh ris le eagal agus ball-chrith. 16 Uime sin tha gàirdeachas orm gu bheil muinghinn agam annaibh anns gach nì. |