2 Corintianach 2 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Ach chuir mi seo romham annam fhèin, gun teachd a‑rìs fo dhoilgheas dur n‑ionnsaigh. 2 Oir ma nì mise duilich sibhse, cò e matà a nì subhach mise, ach an tì air an do chuireadh doilgheas leam? 3 Agus sgrìobh mi an nì seo fhèin dur n‑ionnsaigh, a‑chum air dhomh teachd, nach cuirte doilgheas orm leis a’ mhuinntir sin om bu chòir dhomh aoibhneas fhaotainn, air dhomh a bhith muinghinneach asaibh uile, gur e m’aoibhneas ur n‑aoibhneas uile. 4 Oir à trioblaid mhòir agus cràdh cridhe, sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh le iomadh deur; chan ann a‑chum gum biodh doilgheas oirbh, ach a‑chum gum biodh fios agaibh air a’ ghràdh a tha agam gu ro‑phailt dhuibh. 5 Ach ma thug neach sam bith adhbhar doilgheis, cha do chuir e doilgheas ormsa, ach ann an cuid; a‑chum nach cuirinn ro‑uallach oirbh uile. 6 Is leòr da leithid sin de dhuine am peanas seo, a leagadh air le mòran. 7 Ionnas air an làimh eile, gur mò as còir dhuibh maitheanas agus comhfhurtachd a thoirt dha, air eagal gum biodh a leithid seo de dhuine air a shlugadh suas le anabarr doilgheis. 8 Uime sin guidheam oirbh gun daingnicheadh sibh ur gràdh dha. 9 Oir is ann a‑chum na crìche seo a sgrìobh mi dur n‑ionnsaigh, a‑chum gum biodh fios ur dearbhaidh agam, a bheil sibh umhail anns na h‑uile nithean. 10 Ge bè neach don toir sibhse maitheanas ann an nì sam bith, bheir mise mar an ceudna: oir ma thug mise maitheanas ann an nì sam bith, ge bè don tug mi am maitheanas, is ann air ur son-se a thug mi e, am fianais Chrìosd; 11 Air eagal gum faigheadh Sàtan an cothrom oirnn: oir chan eil sinn aineolach air a innleachdan. 12 Os bàrr, nuair a thàinig mi gu Tròas a‑chum soisgeul Chrìosd a shearmonachadh, agus a dh’fhosgladh doras dhomh leis an Tighearna, 13 Cha robh fois agam ann am spiorad, do bhrìgh nach d’fhuair mi Tìtus mo bhràthair: ach air gabhail mo chead dhiubh, dh’imich mi o sin do Mhacedònia. 14 A‑nis buidheachas do Dhia, a tha a‑ghnàth a’ toirt oirnne buadhachadh ann an Crìosd, agus a tha a’ foillseachadh deagh fhàile a eòlais fhèin leinn anns gach àite. 15 Oir tha sinne do Dhia nar fàile cùbhraidh Chrìosd, anns an dream a thèarnar, agus anns an dream a sgriosar: 16 Don aon dream tha sinn nar boltrach bàis a‑chum bàis; agus don dream eile, nar boltrach beatha a‑chum beatha: agus cò a tha foghainteach a‑chum nan nithean seo? 17 Oir chan eil sinne mar mhòran, a thruailleas facal Dhè: ach mar o threibhdhireas, ach mar o Dhia, tha sinn a’ labhairt am fianais Dhè ann an Crìosd. |