Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Corintianach 13 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Is i seo an treas uair a tha mi a’ teachd dur n‑ionnsaigh: ann am beul dithis no triùir fhianaisean bidh gach facal seasmhach.

2 Dh’innis mi cheana, agus tha mi ro‑làimh ag innse dhuibh, mar gum bithinn an làthair an dara uair; agus a‑nis air dhomh a bhith as ur làthair, tha mi a’ sgrìobhadh a‑chum na dream a pheacaich roimhe seo, agus a‑chum chàich uile, ma thig mi a‑rìs, nach caomhain mi:

3 O tha sibh ag iarraidh dearbhaidh air Crìosd a’ labhairt annamsa, neach dur taobh-se nach eil anfhann, ach a tha cumhachdach annaibh.

4 Oir ged a cheusadh e tre anfhainneachd, gidheadh tha e beò tre chumhachd Dhè: oir tha sinne mar an ceudna anfhann annsan, gidheadh bidh sinn beò maille ris tre chumhachd Dhè dur taobh-se.

5 Ceasnaichibh sibh fhèin, a bheil sibh anns a’ chreideamh; dearbhaibh sibh fhèin: nach aithne dhuibh sibh fhèin, gu bheil Iosa Crìosd annaibh, mura daoine a chuireadh air cùl sibh?

6 Ach tha dòchas agam gum bi fhios agaibh nach daoine a chuireadh air cùl sinne.

7 A‑nis tha mi a’ guidhe air Dia gun sibhse a dhèanamh uilc air bith; chan ann a‑chum gum faicear sinne a bhith dearbhte, ach a‑chum gun dèanadh sibhse an nì sin a tha math, ged robh sinne mar dhaoine a chuireadh air cùl.

8 Oir chan urrainn sinn nì air bith a dhèanamh an aghaidh na fìrinn, ach airson na fìrinn.

9 Oir tha sinn subhach nuair a tha sinn fhèin anfhann, agus sibhse làidir: agus tha sinn a’ guidhe seo mar an ceudna, sibhse a bhith coileanta.

10 Is ann uime seo a sgrìobh mi na nithean seo dur n‑ionnsaigh air dhomh a bhith as ur làthair, a‑chum air dhomh a bhith an làthair nach bithinn garg, a rèir a’ chumhachd a thug an Tighearna dhomh a‑chum togail suas, ach chan ann a‑chum sgrios.

11 Fa‑dheòidh, a bhràithrean, slàn leibh: bithibh coileanta, bithibh subhach, bithibh a dh’aon inntinn, bithibh sìochail; agus bidh Dia a’ ghràidh agus na sìthe maille ribh.

12 Cuiribh fàilte air a chèile le pòig naoimh.

13 Tha na naoimh uile a’ cur beannachd dur n‑ionnsaigh.

14 Gràs an Tighearna Iosa Crìosd, agus gràdh Dhè, agus co‑chomann an Spioraid Naoimh, gu robh maille ribh uile. Amen.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan