Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Corintianach 12 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Gu deimhinn chan eil e iomchaidh dhòmhsa uaill a dhèanamh: ach thig mi a‑chum seallaidhean agus taisbeanaidhean an Tighearna.

2 B’aithne dhomh duine ann an Crìosd ceithir-bliadhna-deug roimhe seo (mas ann anns a’ cholainn, chan fhios dhomh; no as a’ cholainn, chan fhios dhomh; aig Dia tha fhios); a leithid sin de dhuine thogadh a‑chum an treas nèimh.

3 Agus b’aithne dhomh a leithid sin de dhuine (mas anns a’ cholainn, no as a’ cholainn, chan fhios dhomh: aig Dia tha fhios);

4 Gun do thogadh suas e gu Pàrras, agus gun cuala e briathran do‑labhairt, nach faod duine a labhairt.

5 Mu a leithid sin de dhuine nì mi uaill: ach asam fhèin cha dèan mi uaill, mura dèan mi am anfhainneachdan.

6 Oir ged b’àill leam uaill a dhèanamh, cha bhi mi am amadan; oir labhraidh mi an fhìrinn: gidheadh tha mi a’ cumail orm fhèin, air eagal gum bi meas aig duine orm thar mar tha e gam fhaicinn, no a’ cluinntinn umam.

7 Agus air eagal gum bithinn air m’àrdachadh thar tomhas, tre ro‑mheud nan taisbeanaidhean, thugadh dhomh sgolb anns an fheòil, teachdaire Shàtain a‑chum gum buaileadh e mi, air eagal gum bithinn air m’àrdachadh thar tomhas.

8 Air a shon seo ghuidh mi an Tighearna trì uairean, gun imicheadh seo uam.

9 Agus thubhairt e rium, Is leòr mo ghràs-sa dhut: oir tha mo chumhachd air a dhèanamh foirfe ann an anfhainneachd. Uime sinn is ro‑thoilichte a nì mi uaill am anfhainneachdan, a‑chum gun gabh cumhachd Chrìosd còmhnaidh orm.

10 Uime sin tha mi a’ gabhail tlachd ann an anfhainneachdan, ann am masladh, ann an uireasbhaidhean, ann an geur-leanmhainnean, ann an teanntachdan airson Chrìosd: oir nuair a tha mi lag, an sin tha mi làidir.

11 Rinneadh am amadan mi le uaill a dhèanamh; cho-èignich sibhse mi: oir bu chòir dhomh a bhith air mo mholadh leibhse: oir cha robh mi a’ bheag sam bith goirid air na h‑abstoil as àirde, ged nach eil annam ach neoni.

12 Gu deimhinn dh’obraicheadh comharraidhean abstoil nur measg-se anns gach uile fhoighidinn, ann an comharraidhean agus ann an iongantais, agus ann an cumhachdan.

13 Oir ciod an nì anns an robh sibh na bu lugha na eaglaisean eile, mura e nach do leig mi fhèin mo throm oirbh? Thugaibh maitheanas dhomh anns an eucoir seo.

14 Feuch, tha mi ullamh a‑nis an treas uair gu teachd dur n‑ionnsaigh; agus cha chuir mi mo throm oirbh; oir chan e ur cuid a tha mi ag iarraidh, ach sibh fhèin: oir chan eil e mar fhiachan air a’ chloinn ionmhas a chruinneachadh fa chomhair nam pàrantan, ach air na pàrantan fa chomhair na cloinne.

15 Agus is ro‑thogarrach a nì mise caitheamh, agus a chaithear mi airson ur n‑anama-se, ged mar is ro‑phailte tha gràdh agam dhuibh, is lugha ur gràdh-se dhomh.

16 Ach biodh e mar sin, nach do chuir mi trom oirbh: gidheadh, air dhomh a bhith innleachdach, ghlac mi le seòltachd sibh.

17 An do rinn mise tre aon neach dhiubhsan a chuir mi dur n‑ionnsaigh buannachd dhibh?

18 Ghuidh mi air Tìtus dol dur n‑ionnsaigh, agus chuir mi bràthair maille ris: an do rinn Tìtus buannachd dhibh? Nach do ghluais sinn anns an aon spiorad? Agus anns na h‑aon cheuman?

19 A‑rìs, a bheil sibh a’ saoilsinn gu bheil sinne a’ gabhail ar leisgeil ribh? Tha sinn a’ labhairt am fianais Dhè ann an Crìosd: ach tha an t‑iomlan, a chàirdean, a‑chum ur fòghlaim-se.

20 Oir is eagal leam, air dhomh teachd, nach faigh mi sibh mar as miann leam, agus gum faighear mise dhuibhse mar nach bu mhiann leibh: air eagal gum bi connsachadh, farmad, fearg, còmhstri, cùl-chàineadh, cogarsaich, àrdan, ceannairce nur measg:

21 Air eagal, nuair a thig mi a‑rìs, gun ìslich mo Dhia mi nur measg, agus gun dèan mi caoidh airson mòran den dream a pheacaich cheana, agus nach do ghabh aithreachas den neòghlaine, agus strìopachas, agus mhacnas, a rinn iad.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan