Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

2 Corintianach 10 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 A‑nis tha mise fhèin Pòl a’ guidhe oirbh, tre mhacantas agus shèimheachd Chrìosd, neach air dhomh a bhith an làthair a tha ìosal nur measg, ach air dhomh a bhith uaibh a tha dàn oirbh:

2 Ach tha mi ag iarraidh oirbh a dh’athchuinge, gun sibh a thoirt orm nuair a bhios mi an làthair a bhith dàn, leis a’ mhuinghinn leis an saoilear mi a bhith dàn an aghaidh dream àraidh a tha a’ toirt meas oirnn, mar gum bitheamaid ag imeachd a rèir na feòla.

3 Oir ged tha sinn ag imeachd anns an fheòil, chan ann a rèir na feòla a tha sinn a’ cogadh:

4 (Oir ar n‑airm-chogaidh chan eil iad feòlmhor, ach cumhachdach o Dhia a‑chum daingnichean a leagail:)

5 A’ tilgeadh sìos reusonachaidh, agus gach nì àrd a dh’àrdaicheas e fhèin an aghaidh eòlas Dhè, agus a’ toirt ann am braighdeanas gach smuain a‑chum ùmhlachd Chrìosd:

6 Agus dìoghaltas ullamh againn ri dhèanamh air gach uile eas-ùmhlachd, nuair a choileanar ur n‑ùmhlachd-se.

7 An amhairc sibh air nithean a rèir an coslais? Ma tha dòchas aig aon neach as fhèin, gur le Crìosd e, smaoinicheadh e seo a‑rìs uaithe fhèin, mar as le Crìosd esan, gur le Crìosd sinne mar an ceudna.

8 Oir ged dhèanainn càil-eigin nas mò de uaill as ar cumhachd-ne (a thug an Tighearna dhuinn a‑chum ur togail-se suas, agus chan ann a‑chum ur sgrios), cha bhiodh nàire orm:

9 A‑chum nach measar mi mar gum bithinn a’ cur eagail oirbh le litrichean.

10 Oir tha a litrichean (tha iadsan ag ràdh) cudthromach agus làidir, ach tha an làthaireachd chorporra anfhann, agus a chainnt tàireil.

11 Smaoinicheadh a leithid sin de dhuine seo, mar a tha sinn ann am facal tre litrichean, agus sinn as làthair, mar sin gum bi sinn ann an gnìomh air dhuinn a bhith an làthair.

12 Oir chan eil de dhànadas againn sinn fhèin a chur an àireamh, no a choimeas ri dream àraidh a mholas iad fhèin: ach air dhaibhsan a bhith gan tomhas fhèin eatorra fhèin, agus gan coimeas fhèin riu fhèin, chan eil iad glic.

13 Ach cha dèan sinne uaill à nithean a tha thar ar tomhas, ach a rèir tomhas na riaghailt a roinn Dia dhuinn, eadhon tomhas a ruigeas oirbhse.

14 Oir chan eil sinn gar sìneadh fhèin thar ar tomhas, mar nach ruigeamaid sibhse; oir thàinig sinn eadhon dur n‑ionnsaigh-se le soisgeul Chrìosd:

15 Gun sinn a bhith a’ dèanamh uaill à nithean a tha thar ar tomhas, eadhon à saothairean dhaoine eile; ach tha dòchas againn, nuair a mheudaichear ur creideamh-se, gum faigh sinn farsaingeachd gu pailt annaibh a rèir ar riaghailt-ne,

16 A‑chum an soisgeul a shearmonachadh anns na h‑ionadan an taobh thall dhibhse, agus chan ann a‑chum uaill a dhèanamh ann an riaghailt duine eile, à nithean a tha ullamh cheana.

17 Ach an tì a nì uaill, dèanadh e uaill anns an Tighearna.

18 Oir chan e an tì a mholas e fhèin a tha ionmholta, ach an tì a mholas an Tighearna.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan