Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Timòteus 2 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Tha mi ag iarraidh uime sin, ro na h‑uile nithean, gun dèanar athchuinge, ùrnaighean, eadar-ghuidhe, agus breith-buidheachais airson nan uile dhaoine:

2 Airson rìghrean, agus airson nan uile a tha ann an ùghdarras: a‑chum gun caith sinn ar beatha gu foisneach agus gu sìochail, anns an uile dhiadhachd agus chiatachd.

3 Oir tha seo math agus taitneach am fianais Dhè ar Slànaighear:

4 Neach leis an àill na h‑uile dhaoine a bhith air an tèarnadh, agus iad a theachd a‑chum eòlas na fìrinn.

5 Oir is aon Dia a tha ann, agus aon eadar-mheadhonair eadar Dia agus daoine, an duine Iosa Crìosd;

6 A thug e fhèin na èirig airson nan uile, mar fhianais ann an àm iomchaidh:

7 A‑chum an d’òrdaicheadh mise am shearmonaiche, agus am abstol (tha mi a’ labhairt na fìrinn ann an Crìosd, chan eil mi a’ dèanamh brèige), am fhear-teagaisg nan Cinneach ann an creideamh agus ann am fìrinn.

8 Uime sin is àill leam na fir a dhèanamh ùrnaigh anns gach àit, a’ togail suas làmhan naomha gun fheirg, gun amharas:

9 Air an dòigh cheudna, na mnathan a chur aodaich iomchaidh umpa, gan sgeadachadh fhèin le nàisneachd agus stuaim: chan ann le casadh an gruaige, no le òr, no le neamhnaidean, no le culaidhean luachmhor;

10 Ach (mar as cubhaidh do mhnathan a tha ag aideachadh diadhachd), le deagh obraichean.

11 Fòghlamadh a’ bhean ann an ciùineas leis an uile ùmhlachd.

12 Ach chan eil mi a’ ceadachadh do mhnaoi teagasg a thoirt uaipe, no ceannas a ghlacadh air an fhear, ach i a bhith na tosd.

13 Oir is e Adhamh a chruthaicheadh air tùs, agus na dhèidh sin Eubha.

14 Agus cha b’e Adhamh a mhealladh, ach air don mhnaoi a bhith air a mealladh, bha i anns a’ chionta.

15 Gidheadh tèarnar i tre bhreith cloinne, ma bhuanaicheas iad ann an creideamh, agus ann an gràdh, agus ann an naomhachd, maille ri stuaim.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan