1 Samuel 6 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus bha àirc an Tighearna ann am fearann nam Philisteach seachd mìosan. 2 Agus ghairm na Philistich air na sagartan agus air na fiosaichean, ag ràdh, Ciod a nì sinn ri àirc an Tighearna? Thugaibh fios dhuinn cionnas a chuireas sinn air falbh i da h‑àite fhèin. 3 Agus thubhairt iadsan, Ma chuireas sibh air falbh àirc Dia Israeil, na cuiribh uaibh falamh i; ach air gach uile chor ìocaibh dha tabhartas-easaontais: an sin slànaichear sibh, agus bidh fhios agaibh carson nach do thill a làmh uaibh. 4 An sin thubhairt iad, Ciod an tabhartas-easaontais a dh’ìocas sinn dha? Agus fhreagair iadsan, Còig neasgaidean òir, agus còig luchan òir, a rèir àireamh tighearnan nam Philisteach; oir bha aon phlàigh oirbh uile, agus air ur tighearnan. 5 Uime sin nì sibh dealbhan ur neasgaidean, agus dealbhan ur luchan, a tha a’ milleadh na tìre; agus bheir sibh glòir do Dhia Israeil: theagamh gun aotromaich e a làmh dhibh, agus de ur diathan, agus de ur tìr. 6 Carson uime sin a chruadhaicheas sibh ur cridhe, mar a chruadhaich na h‑Eiphitich agus Phàraoh an cridhe, nuair a rinn e gu h‑iongantach nam measg, nach do leig iad an sluagh air falbh, agus dh’imich iad? 7 A‑nis uime sin dèanaibh feun nodha, agus gabhaibh dà mhart-bhainne, air nach deachaidh cuing: agus ceanglaidh sibh na mairt ris an fheun, agus bheir sibh an laoigh dhachaigh uapa: 8 Agus gabhaidh sibh àirc an Tighearna, agus cuiridh sibh i air an fheun; agus cuiridh sibh na seudan òir, a dh’ìocas sibh dha mar thabhartas-easaontais, ann an cobhan ra taobh; agus cuiridh sibh air falbh i, a‑chum gun imich i. 9 Agus chì sibh, ma thèid i suas rathad a crìche fhèin gu Bet-semes, an sin rinn e an t‑olc mòr seo oirnn: ach mura tèid, an sin bidh fhios againn nach i a làmh-san a bhuail sinn; is tuiteamas a thàinig oirnn. 10 Agus rinn na daoine mar sin; agus ghabh iad dà mhart-bhainne agus cheangail iad ris an fheun iad, agus dhruid iad an laoigh a‑staigh: 11 Agus chuir iad àirc an Tighearna air an fheun, agus an cobhan leis na luchan òir, agus dealbhan an neasgaidean fala. 12 Agus ghabh na mairt an rathad dìreach gu slighe Bhet-semeis; air an rathad mhòr dh’imich iad, a’ geumnaich mar a dh’imich iad, agus cha do thionndaidh iad a lethtaobh a dh’ionnsaigh na làimhe deise no na làimhe clìthe; agus chaidh tighearnan nam Philisteach nan dèidh gu crìch Bhet-semeis. 13 Agus bha muinntir Bhet-semeis a’ buain an cruithneachd anns a’ ghleann; agus thog iad suas an sùilean, agus chunnaic iad an àirc, agus rinn iad gàirdeachas nuair a chunnaic iad i. 14 Agus thàinig am feun gu achadh Iosua, am Bet-semeseach, agus sheas e an sin, far an robh clach mhòr; agus sgoilt iad fiodh an fheuna, agus thug iad suas na mairt nan ìobairt-loisgte don Tighearna. 15 Agus thug na Lèbhithich sìos àirc an Tighearna, agus an cobhan a bha maille rithe, anns an robh na seudan òir, agus chuir iad air a’ chloich mhòir iad: agus thug daoine Bhet-semeis suas tabhartasan-loisgte, agus dh’ìobair iad ìobairtean an là sin fhèin don Tighearna. 16 Agus nuair a chunnaic còig tighearnan nam Philisteach e, thill iad gu Ecron anns an là sin fhèin. 17 Agus is iad seo na neasgaidean òir, a dh’ìoc na Philistich mar thabhartas-easaontais don Tighearna: airson Asdoid aon, airson Ghàsa aon, airson Asceloin aon, airson Ghat aon, airson Ecroin aon; 18 Agus na luchan òir, a rèir àireamh uile bhailtean nam Philisteach a bhuineadh do na còig tighearnan, araon bhailtean daingnichte agus bhailtean gun bhalla, eadhon gu ruig a’ chlach mhòr, air an do chuir iad sìos àirc an Tighearna, clach a tha an làthair gus an là‑an‑diugh ann an achadh Iosua, am Bet-semeseach. 19 Ach bhuail e daoine Bhet-semeis, a chionn gun do sheall iad air àirc an Tighearna; bhuail e eadhon den t‑sluagh trì-fichead agus deichnear fhear: agus rinn an sluagh caoidh, do bhrìgh gun do bhuail an Tighearna cuid den t‑sluagh le plàigh mhòir. 20 Agus thubhairt daoine Bhet-semeis, Cò as urrainn seasamh an làthair an Tighearna, an Dia naomh seo? Agus cò a dh’ionnsaigh an tèid i suas uainne? 21 Agus chuir iad teachdairean a dh’ionnsaigh luchd-àiteachaidh Chiriat-iearim, ag ràdh, Thug na Philistich air a h‑ais àirc an Tighearna; thigibh a‑nuas, thugaibh suas i dur n‑ionnsaigh. |