Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Samuel 31 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 A‑nis chog na Philistich an aghaidh Israeil; agus theich fir Israeil o fhianais nam Philisteach, agus thuit iad sìos marbh ann an sliabh Ghilbòa.

2 Agus lean na Philistich Saul agus a mhic gu teann; agus bhuail na Philistich Ionatan, agus Abinadab, agus Malchisua, mic Shauil.

3 Agus dh’fhàs an cath cruaidh an aghaidh Shauil, agus bhuail na fir-bhogha air; agus lotadh gu mòr e leis na fir-bhogha.

4 An sin thubhairt Saul ri fear-iomchair a airm, Rùisg do chlaidheamh agus sàth tromham e, air eagal gun tig na daoine neo-thimcheall-gheàrrte sin, agus gun sàth iad tromham, agus gun toir iad masladh dhomh. Ach cha b’àill le fear-iomchair a airm sin a dhèanamh, oir bha eagal mòr air: uime sin ghabh Saul claidheamh, agus thuit e air.

5 Agus nuair a chunnaic fear-iomchair a airm gu robh Saul marbh, thuit esan mar an ceudna air a chlaidheamh, agus fhuair e bàs maille ris.

6 Mar sin fhuair Saul bàs, agus a thriùir mhac, agus fear-iomchair a airm, agus a dhaoine uile air an là sin fhèin maille ri chèile.

7 Agus nuair a chunnaic fir Israeil, a bha air taobh a’ ghlinne, agus iadsan a bha air an taobh seo de Iòrdan, gun do theich fir Israeil, agus gu robh Saul agus a mhic marbh, thrèig iad na bailtean, agus theich iad; agus thàinig na Philistich, agus ghabh iad còmhnaidh annta.

8 Agus air an là màireach, nuair a thàinig na Philistich a dh’fhaobhachadh nam marbh, fhuair iad Saul agus a thriùir mhac air tuiteam ann an sliabh Ghilbòa.

9 Agus gheàrr iad dheth a cheann, agus rùisg iad a armachd dheth, agus chuir iad fios gu tìr nam Philisteach mun cuairt, ga chur an cèill ann an taigh an diathan brèige, agus am measg an t‑sluaigh.

10 Agus chuir iad a armachd ann an taigh Astaroit: agus spàrr iad a chorp ri balla Bhet-sain.

11 Agus nuair a chuala luchd-àiteachaidh Iabeis-ghilead an nì sin a rinn na Philistich ri Saul,

12 Dh’èirich na daoine treuna uile, agus dh’imich iad rè na h‑oidhche, agus thug iad corp Shauil, agus cuirp a chuid mhac, o bhalla Bhet-sain, agus thàinig iad gu Iabes, agus loisg iad an sin iad.

13 Agus ghabh iad an cnàimhean, agus dh’adhlaic iad iad fo chraoibh ann an Iabes, agus thraisg iad seachd làithean.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan