Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Samuel 30 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus nuair a bha Daibhidh agus a dhaoine air teachd gu Siclag air an treas là, bhris na h‑Amalecich a‑steach air an taobh deas, agus air Siclag; agus bhuail iad Siclag, agus loisg iad e le teine;

2 Agus thug iad leo nam braighdean na mnathan a bha ann: cha do mharbh iad neach air bith, aon chuid beag no mòr, ach thug iad leo iad, agus dh’imich iad air an slighe.

3 Agus thàinig Daibhidh agus a dhaoine don bhaile, agus, feuch, bha e loisgte le teine; agus thugadh am mnathan, agus am mic, agus an nigheanan, air falbh ann am braighdeanas.

4 An sin thog Daibhidh agus an sluagh a bha maille ris an guth, agus ghuil iad, gus nach robh neart annta gu gul na b’fhaide.

5 Agus thugadh dà mhnaoi Dhaibhidh air falbh nam braighdean, Ahinoam a’ bhan-Iesreeleach, agus Abigail bean Nàbeil, an Carmeleach.

6 Agus bha Daibhidh ann an teanntachd mhòir; oir labhair an sluagh ma chlachadh, do bhrìgh gu robh anam an t‑sluaigh uile air a chràdh, gach duine airson a chuid mhac, agus airson a nigheanan: ach ghabh Daibhidh misneach dha fhèin anns an Tighearna a Dhia.

7 Agus thubhairt Daibhidh ri Abiatar an sagart, mac Ahimeleich, Thoir am ionnsaigh an seo, guidheam ort, an èphod; agus thug Abiatar an èphod an sin a dh’ionnsaigh Dhaibhidh.

8 Agus dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, ag ràdh, An tèid mi air tòir na buidhne seo? Am beir mi orra? Agus fhreagair esan e, Falbh air an tòir; oir gu cinnteach beiridh tu orra, agus saoraidh tu an t‑iomlan.

9 Agus dh’imich Daibhidh, e fhèin agus an sia ceud fear a bha maille ris, agus thàinig iad gu ruig an sruth Besor, far an d’fhan iadsan a dh’fhàgadh nan dèidh.

10 Agus chaidh Daibhidh air an tòir, e fhèin agus ceithir cheud fear: ach dh’fhan dà cheud fear nan dèidh, a bha cho sgìth is nach b’urrainn iad dol thar an t‑sruth Besor.

11 Agus fhuair iad Eiphiteach anns a’ mhachair, agus thug iad e a dh’ionnsaigh Dhaibhidh, agus thug iad dha aran, agus dh’ith e; agus thug iad air uisge òl;

12 Agus thug iad dha mìr de mheall fhìgean, agus dà bhagaid de fhìon-dhearcan tiormaichte; agus nuair a dh’ith e thàinig a spiorad a‑rìs da ionnsaigh: oir cha d’ith e aran agus cha d’òl e uisge rè trì làithean agus trì oidhchean.

13 Agus thubhairt Daibhidh ris, Cò leis thu, agus cia as a thàinig thu? Agus thubhairt esan, Is òganach Eiphiteach mi, seirbhiseach do Amaleceach; agus dh’fhàg mo mhaighistir mi, do bhrìgh gu robh mi tinn o chionn trì làithean.

14 Bhris sinn a‑steach air taobh deas nan Cereteach, agus air a’ chrìch a bhuineas do Iùdah, agus air taobh deas Chàleib, agus loisg sinn Siclag le teine.

15 Agus thubhairt Daibhidh ris, An toir thu sìos mi a dh’ionnsaigh na buidhne sin? Agus thubhairt esan, Mionnaich dhomh air Dia, nach marbh thu mi, agus nach toir thu thairis mi do làimh mo mhaighistir, agus bheir mi sìos thu a dh’ionnsaigh na buidhne sin. Agus mhionnaich Daibhidh dha.

16 Agus nuair a thug e sìos e, feuch, sgaoileadh iad air aghaidh na tìre uile, ag ithe agus ag òl, agus a’ dannsa, airson na creiche mòire uile a thug iad leo à tìr nam Philisteach, agus à tìr Iùdah.

17 Agus bhuail Daibhidh iad o bhriseadh na fàire gu ruig feasgar an là màireach; agus cha deachaidh duine dhiubh as, ach ceithir cheud òganach a mharcaich air càmhail, agus a theich.

18 Agus shaor Daibhidh gach nì a thug na h‑Amalecich leo: agus shaor Daibhidh a dhà mhnaoi.

19 Agus cha robh nì air bith a dhìth orra, aon chuid beag no mòr, mic no nigheanan, no creach, no nì air bith a thug iad leo: bhuin Daibhidh gach nì air ais.

20 Agus ghabh Daibhidh an treud uile, agus am buar: agus dh’imich iad ron sprèidh seo, agus thubhairt iad, Is i seo creach Dhaibhidh.

21 Agus thàinig Daibhidh a dh’ionnsaigh an dà cheud fear, a bha cho sgìth is nach b’urrainn iad Daibhidh a leantainn, agus air an tug iad fantainn aig an t‑sruth Besor: agus chaidh iad a‑mach an coinneamh an t‑sluaigh a bha maille ris: agus nuair a thàinig Daibhidh am fagas don t‑sluagh, chuir e fàilte orra.

22 An sin fhreagair na droch dhaoine uile, agus daoine Bheliail, dhiubhsan a chaidh maille ri Daibhidh, agus thubhairt iad, Do bhrìgh nach deachaidh iad maille rinne, cha toir sinn dhaibh a’ bheag den chreich a shaor sinn, ach a‑mhàin do gach duine a bhean agus a chlann, a‑chum gun toir iad leo iad, agus gun imich iad.

23 An sin thubhairt Daibhidh, Cha dèan sibh mar sin, mo bhràithrean, ris na thug an Tighearna dhuinn, a ghlèidh sinn, agus a thug a’ bhuidheann a thàinig nar n‑aghaidh thairis dar làimh.

24 Agus cò a dh’èisdeas ribh anns a’ chùis seo? Ach mar chuibhreann an tì a thèid sìos don chath, mar sin bidh cuibhreann an tì a dh’fhanas maille ris an àirneis; bidh an cuibhreann co‑ionann.

25 Agus bha e mar sin on là sin a‑mach gun do rinn e na lagh e agus na riaghailt aig Israel gus an là‑an‑diugh.

26 Agus nuair a thàinig Daibhidh gu Siclag, chuir e cuid den chreich a dh’ionnsaigh seanairean Iùdah, eadhon a dh’ionnsaigh a chàirdean, ag ràdh, Feuch, tìodhlac dhuibh de chreich naimhdean an Tighearna:

27 Dhaibhsan a bha ann am Betel, agus dhaibhsan a bha ann an Ramot mu dheas, agus dhaibhsan a bha ann an Iater,

28 Agus dhaibhsan a bha ann an Aroer, agus dhaibhsan a bha ann an Siphmot, agus dhaibhsan a bha ann an Estemoa,

29 Agus dhaibhsan a bha ann an Rachal, agus dhaibhsan a bha ann am bailtean nan Ierahmeeleach, agus dhaibhsan a bha ann am bailtean nan Ceneach,

30 Agus dhaibhsan a bha ann an Hormah, agus dhaibhsan a bha ann an Atach,

31 Agus dhaibhsan a bha ann an Hebron, agus do na h‑àitean a bha ann an Hebron, agus do na h‑àitean sin uile anns am bu ghnàth le Daibhidh agus a dhaoine tathaich.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan