1 Samuel 3 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus fhritheil an leanabh Samuel don Tighearna, am fianais Eli: agus bha facal an Tighearna luachmhor anns na làithean sin; cha robh taisbeanadh follaiseach ann. 2 Agus thàrladh anns an àm sin, nuair a bha Eli na laighe na àite: (agus thòisich a shùilean air fàilneachadh: cha b’urrainn e faicinn gu math;) 3 Agus mun deachaidh lòchran Dhè as, nuair a bha Samuel na laighe ann an teampall an Tighearna, far an robh àirc Dhè; 4 Gun do ghairm an Tighearna air Samuel; agus fhreagair esan, Tha mi an seo. 5 Agus ruith e a dh’ionnsaigh Eli, agus thubhairt e, Tha mi an seo, oir ghairm thu orm. Agus thubhairt esan, Cha do ghairm mise ort: till, laigh sìos. Agus dh’fhalbh e agus laigh e sìos. 6 Agus ghairm an Tighearna a‑rìs air Samuel. Agus dh’èirich Samuel, agus chaidh e a dh’ionnsaigh Eli, agus thubhairt e, Tha mi an seo, oir ghairm thu orm, Agus fhreagair esan, Cha do ghairm mise ort, a mhic; till, laigh sìos. 7 A‑nis cha b’aithne do Shamuel fhathast an Tighearna, agus cha d’fhoillsicheadh facal an Tighearna fhathast dha. 8 Agus ghairm an Tighearna fhathast air Samuel an treas uair. Agus dh’èirich e, agus chaidh e a dh’ionnsaigh Eli, agus thubhairt e, Tha mi an seo, oir ghairm thu orm. Agus thuig Eli gum b’e an Tighearna a ghairm air an leanabh. 9 Uime sin thubhairt Eli ri Samuel, Falbh, laigh sìos; agus ma ghairmeas e ort, an sin their thu, Labhair, a Thighearna, oir tha do sheirbhiseach a’ cluinntinn. Agus dh’fhalbh Samuel, agus laigh e sìos na àite fhèin. 10 Agus thàinig an Tighearna, agus sheas e, agus ghairm e mar air na h‑uairean eile, A Shamueil, a Shamueil. An sin fhreagair Samuel, Labhair, oir tha do sheirbhiseach a’ cluinntinn. 11 Agus thubhairt an Tighearna ri Samuel, Feuch, nì mi nì ann an Israel, a nì gaoir ann an dà chluais gach neach a chluinneas e. 12 Anns an là sin coileanaidh mi an aghaidh Eli na nithean sin uile a labhair mi mu thimcheall a thaighe: tòisichidh mi agus crìochnaichidh mi. 13 Oir dh’innis mi dha gun toir mi breith air a thaigh gu bràth, airson na h‑aingidheachd air a bheil e fiosrach; a chionn gun tug a mhic masladh dhòmhsa, agus nach do chaisg esan iad. 14 Agus uime sin mhionnaich mi do thaigh Eli, nach glanar as aingidheachd taigh Eli le ìobairt no le tabhartas gu bràth. 15 Agus laigh Samuel gu madainn, agus dh’fhosgail e dorsan taigh an Tighearna: agus bha eagal air Samuel an taisbeanadh innse do Eli. 16 An sin ghairm Eli air Samuel, agus thubhairt e, A Shamueil, a mhic. Agus thubhairt esan, Tha mi an seo. 17 Agus thubhairt e, Ciod an nì a chaidh a ràdh riut? Na ceil ormsa e, guidheam ort: gun dèanadh Dia mar sin riut, agus tuilleadh mar an ceudna, ma cheileas tu nì air bith orm, de gach nì a chaidh a ràdh riut. 18 Agus dh’innis Samuel dha na h‑uile nithean, agus cha do cheil e nì sam bith air. Agus thubhairt esan, Is e an Tighearna a tha ann; an nì sin a tha math na shùilean nì e. 19 Agus dh’fhàs Samuel suas, agus bha an Tighearna maille ris, agus cha do leig e do aon air bith de a fhacail tuiteam a dh’ionnsaigh an làir. 20 Agus bha fhios aig Israel uile, o Dhan gu ruig Beer-sèba, gun d’òrdaicheadh Samuel na fhàidh don Tighearna. 21 Agus thaisbeineadh an Tighearna a‑rìs ann an Siloh; oir dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin do Shamuel ann an Siloh, le facal an Tighearna. |