Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Samuel 23 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 An sin dh’innis iad do Dhaibhidh, ag ràdh, Feuch, tha na Philistich a’ cogadh an aghaidh Cheilah, agus tha iad a’ creachadh nan ùrlar-bualaidh.

2 Uime sin dh’fhiosraich Daibhidh den Tighearna, ag ràdh, An tèid mise, agus am buail mi na Philistich sin? Agus thubhairt an Tighearna ri Daibhidh, Falbh, agus buail na Philistich, agus saor Ceilah.

3 Agus thubhairt daoine Dhaibhidh ris, Feuch, tha eagal oirnne an seo ann an Iùdah; cia mò gu mòr, matà, ma thèid sinn gu Ceilah an aghaidh armailtean nam Philisteach?

4 An sin dh’fhiosraich Daibhidh a‑rìs den Tighearna. Agus fhreagair an Tighearna e, agus thubhairt e, Eirich, falbh sìos gu Ceilah; oir bheir mise na Philistich thairis dod làimh.

5 Agus chaidh Daibhidh agus a dhaoine gu Ceilah, agus chog e an aghaidh nam Philisteach, agus thug e leis an sprèidh, agus bhuail e iad le àr mòr; mar sin shaor Daibhidh luchd-àiteachaidh Cheilah.

6 (A‑nis nuair a theich Abiatar mac Ahimeleich a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Ceilah, chaidh e sìos le èphod na làimh.)

7 Agus dh’innseadh do Shaul gun tàinig Daibhidh gu Ceilah; agus thubhairt Saul, Thug Dia thairis dom làimh e: oir dhruideadh a‑steach e le dol a‑steach do bhaile gheatachan agus chrann.

8 Agus ghairm Saul an sluagh uile a‑chum cogaidh, a dhol sìos gu Ceilah a chuartachadh Dhaibhidh agus a dhaoine.

9 Agus bha fhios aig Daibhidh gu robh Saul gu diamhair a’ dealbhadh uilc na aghaidh; agus thubhairt e ri Abiatar an sagart, Thoir an seo an èphod.

10 Agus thubhairt Daibhidh, A Thighearna Dhè Israeil, chuala do sheirbhiseach gu cinnteach gu bheil Saul ag iarraidh teachd gu Ceilah, a sgrios a’ bhaile air mo shon-sa.

11 An toir luchd-àiteachaidh Cheilah mise thairis da làimh? An tig Saul a‑nuas mar a chuala do sheirbhiseach? A Thighearna Dhè Israeil, guidheam ort, innis dod sheirbhiseach. Agus thubhairt an Tighearna. Thig e a‑nuas.

12 An sin thubhairt Daibhidh, An toir luchd-àiteachaidh Cheilah mise agus mo dhaoine thairis do làimh Shauil? Agus thubhairt an Tighearna, Bheir iad thairis thu.

13 An sin dh’èirich Daibhidh agus a dhaoine, a bha mu thimcheall sia ceud, agus chaidh iad a‑mach à Ceilah, agus dh’imich iad an taobh a dh’fhaodadh iad imeachd. Agus dh’innseadh do Shaul gun deachaidh Daibhidh as à Ceilah, agus leig e dheth dol a‑mach.

14 Agus dh’fhan Daibhidh anns an fhàsach ann an daingnichean làidir, agus dh’fhan e ann an sliabh am fàsach Shiph: agus dh’iarr Saul e gach aon là, ach cha tug Dia thairis da làimh e.

15 Agus chunnaic Daibhidh gu robh Saul air dol a‑mach a dh’iarraidh a anama; agus bha Daibhidh ann am fàsach Shiph ann an coille.

16 Agus dh’èirich Ionatan mac Shauil, agus chaidh e a dh’ionnsaigh Dhaibhidh don choille, agus neartaich e a làmh ann an Dia.

17 Agus thubhairt e ris, Na biodh eagal ort; oir chan fhaigh làmh Shauil m’athair-sa thu, agus rìoghaichidh tu os cionn Israeil, agus is mise as fhaisge a bhios dhut; agus cuideachd tha fhios aig m’athair Saul air sin.

18 Agus rinn iadsan nan dithis coicheangal am fianais an Tighearna: agus dh’fhan Daibhidh anns a’ choille, agus dh’imich Ionatan da thaigh fhèin.

19 An sin chaidh na Siphich suas a dh’ionnsaigh Shauil gu Gibeah, ag ràdh, Nach eil Daibhidh ga fhalach fhèin maille rinne ann an daingnichean anns a’ choille, ann an sliabh Hachilah, a tha air an taobh deas de Iesimon?

20 A‑nis uime sin, a rèir uile mhiann d’anama, O a rìgh, thig da‑rìribh a‑nuas, agus is e ar cuid-ne a thoirt thairis do làimh an rìgh.

21 Agus thubhairt Saul, Beannaichte gu robh sibhse on Tighearna, oir ghabh sibh truas rium.

22 Imichibh, guidheam oirbh, ullaichibh fhathast, agus biodh fios agaibh, agus faicibh a àit anns an gnàth leis a bhith, agus cò a chunnaic an sin e: oir dh’innseadh dhomh gu bheil e a’ dèanamh gu ro‑sheòlta.

23 Faicibh matà, agus biodh fios agaibh air gach àite-falaich anns a bheil e ga fhalach fhèin, agus thigibh am ionnsaigh a‑rìs le fios cinnteach, agus thèid mise maille ribh: agus an sin, ma bhios e anns an tìr, rannsaichidh mise a‑mach e air feadh uile mhìltean Iùdah.

24 Agus dh’èirich iad, agus chaidh iad gu Siph ro Shaul: ach bha Daibhidh agus a dhaoine ann am fàsach Mhaoin, anns a’ chòmhnard air an taobh deas de Iesimon.

25 Agus chaidh Saul agus a dhaoine ga iarraidh; agus dh’innis iad sin do Dhaibhidh: uime sin thàinig e a‑nuas gu carraig, agus dh’fhan e ann am fàsach Mhaoin. Agus nuair a chuala Saul sin, chaidh e air tòir Dhaibhidh ann am fàsach Mhaoin.

26 Agus chaidh Saul air an taobh seo den t‑sliabh, agus Daibhidh agus a dhaoine air an taobh eile den t‑sliabh: agus rinn Daibhidh cabhag gu imeachd air falbh ro Shaul: oir chuartaich Saul agus a dhaoine Daibhidh agus a dhaoine, a‑chum an glacadh.

27 Ach thàinig teachdaire a dh’ionnsaigh Shauil, ag ràdh, Dèan cabhag agus thig; oir bhris na Philistich a‑steach air an tìr.

28 Uime sin thill Saul o dhol air tòir Dhaibhidh, agus chaidh e an aghaidh nam Philisteach: air an adhbhar sin thug iad Selah-hamah-lecot mar ainm air an àite sin.

29 Agus chaidh Daibhidh suas as a sin, agus ghabh e còmhnaidh ann an daingnichean làidir En‑gedi.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan