1 Samuel 22 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Dh’imich Daibhidh air an adhbhar sin as a sin, agus chaidh e as gu uaimh Adulaim: agus nuair a chuala a bhràithrean agus taigh a athar uile e, chaidh iad sìos an sin da ionnsaigh. 2 Agus chruinnich da ionnsaigh gach duine a bha an teanntachd, agus gach duine a bha fo fhiachan, agus gach duine a bha fo smuairean na inntinn; agus bha e na cheannard orra: agus bha maille ris mu thimcheall ceithir cheud fear. 3 Agus chaidh Daibhidh as a sin gu Mispeh Mhòaib, agus thubhairt e ri rìgh Mhòaib, Thigeadh, guidheam ort, m’athair agus mo mhàthair a‑mach, agus biodh iad maille ribh, gus am bi fhios agam ciod a nì Dia air mo shon. 4 Agus thug e iad am fianais rìgh Mhòaib; agus dh’fhan iad maille ris rè nan làithean uile a bha Daibhidh ann an daingneach. 5 Agus thubhairt am fàidh Gad ri Daibhidh, Na fan anns an daingneach; falbh, agus imich romhad gu tìr Iùdah. An sin dh’fhalbh Daibhidh, agus thàinig e gu coillteach Hareit. 6 Agus chuala Saul gum facas Daibhidh agus na daoine a bha maille ris, (a‑nis dh’fhan Saul ann an Gibeah fo chraoibh ann an Ramah, agus a shleagh na làimh, agus a sheirbhisich uile nan seasamh làimh ris,) 7 Agus thubhairt Saul ra sheirbhisich a sheas làimh ris, Eisdibh a‑nis, a Bheniàmineacha; eadhon dhuibhse uile an toir mac Iese achaidhean agus fìonliosan, agus an dèan e sibh uile nur ceannardan air mhìltean, agus nur ceannardan air cheudan; 8 Gun deachaidh sibh uile ann an co‑bhainn am aghaidh-sa, agus nach eil neach ann a chuireas an cèill dhomh gu bheil mo mhac air dèanamh coicheangail ri mac Iese; agus nach eil neach agaibh a tha duilich air mo shon, no a chuireas an cèill dhomh gun do dhùisg mo mhac mo sheirbhiseach am aghaidh, a dhèanamh feall-fhalaich, mar air an là‑an‑diugh? 9 An sin fhreagair Doeg an t‑Edomach, (a bha na sheasamh maille ri seirbhisich Shauil,) agus thubhairt e, Chunnaic mi mac Iese a’ teachd gu Nob, a dh’ionnsaigh Ahimeleich mhic Ahituib. 10 Agus dh’fhiosraich e air a shon den Tighearna, agus thug e biadh dha, agus thug e dha claidheamh Gholiath am Philisteach. 11 An sin chuir an rìgh fios air Ahimelech an sagart, mac Ahituib, agus taigh a athar uile, na sagartan a bha ann an Nob: agus thàinig iad uile a dh’ionnsaigh an rìgh. 12 Agus thubhairt Saul, Eisd a‑nis, a mhic Ahituib. Agus fhreagair esan, Tha mi an seo, mo thighearna. 13 Agus thubhairt Saul ris, Carson a chaidh sibh ann an co‑bhainn am aghaidh-sa, thusa agus mac Iese, do bhrìgh gun tug thu dha aran agus claidheamh, agus gun d’fhiosraich thu de Dhia air a shon, a‑chum gun èireadh e suas am aghaidh, a dhèanamh feall-fhalaich, mar air an là‑an‑diugh? 14 An sin fhreagair Ahimelech an rìgh, agus thubhairt e, Agus cò am measg do sheirbhiseach uile a tha cho fìrinneach ri Daibhidh, a tha na chliamhainn aig an rìgh, agus a dh’imicheas air d’iarrtas, agus a tha urramach ann ad thaigh? 15 An do thòisich mi air an là sin air Dia fhiosrachadh air a shon? Guma fada sin uam: na cuireadh an rìgh nì sam bith as leth a sheirbhisich, no as leth taigh m’athar uile; oir cha robh fhios aig do sheirbhiseach air nì sam bith dheth seo uile, beag no mòr. 16 Agus thubhairt an rìgh, Gu cinnteach gheibh thu bàs, Ahimeleich, thu fhèin agus uile thaigh d’athar. 17 Agus thubhairt an rìgh ris na gillean-ruith a sheas làimh ris, Tionndaidhibh agus marbhaibh sagartan an Tighearna; a chionn gu bheil mar an ceudna an làmh-san maille ri Daibhidh, agus a chionn gu robh fhios aca gun do theich e, agus nach do chuir iad an cèill dhòmhsa e. Ach cha b’àill le seirbhisich an rìgh an làmh a shìneadh a‑mach gu bualadh air sagartan an Tighearna. 18 Agus thubhairt an rìgh ri Doeg, Tionndaidh thusa, agus buail air na sagartan. Agus thionndaidh Doeg an t‑Edomach, agus bhuail e air na sagartan; agus mharbh e air an là sin ceithir-fichead agus còig fir a dh’iomchair èphod de lìon-aodach. 19 Agus bhuail e Nob, baile nan sagart, le faobhar a’ chlaidheimh, eadar fhear agus bhean, leanabh agus chìochran, agus dhamh, agus asal, agus chaora, le faobhar a’ chlaidheimh. 20 Agus chaidh aon de mhic Ehimeleich mhic Ahituib as, dom b’ainm Abiatar, agus theich e an dèidh Dhaibhidh. 21 Agus dh’innis Abiatar do Dhaibhidh gun do mharbh Saul sagartan an Tighearna. 22 Agus thubhairt Daibhidh ri Abiatar, Bha fhios agam air an là anns an robh Doeg an t‑Edomach an sin, gu cinnteach gun innseadh e do Shaul: is mise a b’adhbhar bàis gach neach de thaigh d’athar. 23 Fan thusa maille riumsa; na biodh eagal ort: oir esan a dh’iarras m’anam-sa iarraidh e d’anam-sa: ach maille riumsa bidh tu fo dhìdean. |