1 Samuel 21 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 An sin thàinig Daibhidh gu Nob, a dh’ionnsaigh Ahimeleich an sagart: agus bha eagal air Ahimeleich a’ coinneachadh Dhaibhidh, agus thubhairt e ris, Carson a tha thu ad aonar, agus nach eil duine sam bith maille riut? 2 Agus thubhairt Daibhidh ri Ahimelech an sagart, Dh’àithn an rìgh gnothach dhòmhsa, agus thubhairt e rium, Na biodh fios aig duine sam bith a‑thaobh a’ ghnothaich ma bheil mise gad chur uam, agus a dh’àithn mi dhut: agus dh’òrdaich mi dom òganaich dol a dh’ionnsaigh a leithid seo agus a leithid siud de àite. 3 A‑nis uime sin ciod a tha fod làimh? Thoir dhomh còig buileannan arain am làimh, no ge bè nì a tha an làthair. 4 Agus fhreagair an sagart Daibhidh, agus thubhairt e, Chan eil aran coitcheann sam bith fom làimh, ach tha aran coisrigte ann; ma ghlèidh na h‑òganaich iad fhèin air bheag sam bith o mhnathan. 5 Agus fhreagair Daibhidh an sagart, agus thubhairt e ris, Gu deimhinn chumadh mnathan uainne na trì làithean seo, o thàinig mise a‑mach, agus tha soithichean nan òganach naomh; agus tha an t‑aran coitcheann air chor, eadhon ged naomhaicheadh e an‑diugh anns an t‑soitheach. 6 Uime sin thug an sagart dha aran naomh; oir cha robh aran sam bith an sin ach aran na fianais, a thugadh à fianais an Tighearna, gu aran teth a chur sìos anns an là anns an tugadh air falbh e. 7 A‑nis bha duine àraidh de sheirbhisich Shauil an sin air an là sin, air a chumail an làthair an Tighearna; agus b’e a ainm Doeg, Edomach, am fear a b’àirde de na buachaillean a bhuineadh do Shaul. 8 Agus thubhairt Daibhidh ri Ahimelech, Agus nach eil an seo fod làimh sleagh no claidheamh? Oir cha tug mi aon chuid mo chlaidheamh no m’airm eile leam, a chionn gu robh gnothach an rìgh cabhagach. 9 Agus thubhairt an sagart, Claidheamh Gholiath, am Philisteach, a mharbh thu ann an gleann Elah, feuch, tha e an seo paisgte ann an aodach air cùlaibh na h‑èphoid: ma ghabhas tu sin dhut fhèin, gabh e; oir chan eil claidheamh sam bith eile ach e an seo. Agus thubhairt Daibhidh, Chan eil a leithid eile ann, thoir dhomh e. 10 Agus dh’èirich Daibhidh, agus theich e air an là sin à fianais Shauil, agus chaidh e gu Achis rìgh Ghat. 11 Agus thubhairt seirbhisich Achis ris, Nach e seo Daibhidh, rìgh na tìre? Nach ann ma thimcheall-san a chan iad le chèile ann an dannsan, ag ràdh, Mharbh Saul a mhìltean, agus Daibhidh a dheich mìltean? 12 Agus thaisg Daibhidh suas na briathran sin na chridhe, agus bha eagal mòr air ro Achis rìgh Ghat. 13 Agus dh’atharraich e a ghiùlan nam fianais, agus leig e air fhèin a bhith air a’ chuthach nan làmhan, agus sgrìob e air còmhlachan a’ gheata, agus leig e le a shileadh tuiteam sìos air a fheusaig. 14 An sin thubhairt Achis ra sheirbhisich, Feuch, chì sibh gu bheil an duine air a’ chuthach: carson matà a thug sibh am ionnsaigh-sa e? 15 A bheil feum agamsa air daoine air a’ chuthach, gun tugadh sibh am fear seo gu bhith air a’ chuthach am làthair? An tig am fear seo a‑steach dom thaigh-sa? |