1 Samuel 19 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 Agus labhair Saul ra mhac Ionatan, agus ra sheirbhisich uile, iad a mharbhadh Daibhidh. 2 Ach bha tlachd mòr aig Ionatan mac Shauil ann an Daibhidh: agus dh’innis Ionatan do Dhaibhidh, ag ràdh, Tha m’athair Saul ag iarraidh do mharbhadh; a‑nis uime sin, guidheam ort, thoir an aire dhut fhèin anns a’ mhadainn, agus fan ann an àite diamhair, agus falaich thu fhèin. 3 Agus thèid mise a‑mach, agus seasaidh mi làimh rim athair anns a’ mhachair anns am bi thu, agus labhraidh mi mud thimcheall rim athair; agus an nì a chì mi, sin innsidh mi dhut. 4 Agus labhair Ionatan math mu Dhaibhidh ra athair Saul, agus thubhairt e ris, Na peacaicheadh an rìgh an aghaidh a sheirbhisich, an aghaidh Dhaibhidh; do bhrìgh nach do pheacaich esan ad aghaidh-sa, agus do bhrìgh gu robh a obraichean dod thaobh-sa ro‑mhath: 5 Oir chuir e a anam na làimh, agus mharbh e am Philisteach; agus dh’obraich an Tighearna saorsa mhòr airson Israeil uile: chunnaic thu e agus rinn thu gàirdeachas: carson matà a pheacaicheas tu an aghaidh fala neo-chiontaich, le Daibhidh a mharbhadh gun adhbhar? 6 Agus dh’èisd Saul ri guth Ionatain; agus mhionnaich Saul, Mar as beò an Tighearna, cha mharbhar e. 7 Agus ghairm Ionatan air Daibhidh, agus chuir Ionatan an cèill dha na briathran sin uile: agus thug Ionatan Daibhidh a dh’ionnsaigh Shauil, agus bha e na fhianais mar a bha e roimhe. 8 Agus bha cogadh a‑rìs ann: agus chaidh Daibhidh a‑mach, agus chog e ris na Philistich, agus bhuail e iad le àr mòr; agus theich iad roimhe. 9 Agus bha an droch spiorad on Tighearna air Saul nuair a shuidh e na thaigh, agus a shleagh na làimh: agus chluich Daibhidh le a làimh. 10 Agus dh’iarr Saul Daibhidh a bhualadh gu ruig am balla leis an t‑sleagh; ach tharraing e air falbh à làthair Shauil, agus bhuail e an t‑sleagh a‑steach anns a’ bhalla: agus theich Daibhidh, agus chaidh e as air an oidhche sin. 11 Agus chuir Saul teachdairean a dh’ionnsaigh taigh Dhaibhidh, ga choimhead agus ga mharbhadh anns a’ mhadainn: agus dh’innis Michal a bhean do Dhaibhidh e, ag ràdh, Mura teasairg thu d’anam a‑nochd, a‑màireach cuirear gu bàs thu. 12 Agus leig Michal sìos Daibhidh tro uinneig: agus dh’fhalbh e, agus theich e, agus chaidh e as. 13 Agus ghabh Michal dealbh, agus chuir i anns an leabaidh e, agus chuir i adhartan de fhionnadh ghobhar fo a cheann, agus chòmhdaich i le aodach e. 14 Agus nuair a chuir Saul teachdairean a ghlacadh Dhaibhidh, thubhairt i, Tha e tinn. 15 Agus chuir Saul na teachdairean a‑rìs a dh’fhaicinn Dhaibhidh, ag ràdh, Thugaibh a‑nìos anns an leabaidh am ionnsaigh-sa e, a‑chum gum marbh mi e. 16 Agus nuair a thàinig na teachdairean a‑steach, feuch, bha dealbh anns an leabaidh, agus adhartan de fhionnadh ghobhar fo a cheann. 17 Agus thubhairt Saul ri Michal, Carson a mheall thu mi mar seo, agus a chuir thu air falbh mo nàmhaid, air chor is gun deachaidh e as? Agus fhreagair Michal Saul, Thubhairt e rium, Leig dhomh imeachd; carson a mharbhainn thu? 18 Agus theich Daibhidh, agus chaidh e as, agus thàinig e a dh’ionnsaigh Shamueil gu Ramah, agus dh’innis e dha gach nì a rinn Saul ris: agus dh’imich esan agus Samuel, agus ghabh iad còmhnaidh ann an Naiot. 19 Agus dh’innseadh do Shaul, ag ràdh, Feuch, tha Daibhidh aig Naiot ann an Ramah. 20 Agus chuir Saul teachdairean a ghlacadh Dhaibhidh: agus nuair a chunnaic iad cuideachd nam fàidhean ri fàidheadaireachd, agus Samuel na sheasamh mar air a shuidheachadh os an cionn, bha spiorad Dhè air teachdairean Shauil, agus rinn iadsan fàidheadaireachd mar an ceudna. 21 Agus nuair a dh’innseadh sin do Shaul, chuir e uaithe mar an ceudna teachdairean eile, agus rinn iadsan cuideachd fàidheadaireachd. Agus chuir Saul teachdairean a‑rìs an treas uair, agus rinn iadsan cuideachd fàidheadaireachd. 22 An sin chaidh e fhèin mar an ceudna gu Ramah, agus thàinig e gu tobar mòr a tha ann an Sechu, agus dh’fheòraich e, agus thubhairt e, Càit a bheil Samuel, agus Daibhidh? Agus thubhairt aon, Feuch, tha iad aig Naiot ann an Ramah. 23 Agus chaidh e an sin gu Naiot ann an Ramah: agus bha spiorad Dhè air-san mar an ceudna, agus chaidh e air aghaidh, agus rinn e fàidheadaireachd, gus an tàinig e gu Naiot ann an Ramah. 24 Agus chuir esan cuideachd a aodach dheth, agus rinn e fàidheadaireachd am fianais Shamueil air an dòigh cheudna: agus laigh e sìos lomnochd rè an là sin agus rè na h‑oidhche. Uime sin their iad, A bheil Saul mar an ceudna am measg nam fàidhean? |