Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Samuel 16 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus thubhairt an Tighearna ri Samuel, Cia fhada a nì thu bròn airson Shauil, agus gun do chuir mise cùl ris o rìoghachadh os cionn Israeil? Lìon do chòrn le ola, agus falbh, cuiridh mise thu gu Iese am Betlehemeach; oir fhuair mi a‑mach am measg a chuid mhac rìgh dhomh fhèin.

2 Agus thubhairt Samuel, Cionnas a dh’fhalbhas mi? Oir cluinnidh Saul, agus marbhaidh e mi. Agus thubhairt an Tighearna, Thoir agh leat, agus abair, A dh’ìobradh don Tighearna thàinig mi.

3 Agus gairm air Iese a dh’ionnsaigh na h‑ìobairte, agus bheir mise fios dhut ciod a nì thu: agus ungaidh tu dhòmhsa esan a dh’ainmicheas mi dhut.

4 Agus rinn Samuel an nì sin a labhair an Tighearna, agus thàinig e gu Betlehem: agus chriothnaich seanairean a’ bhaile ra theachd, agus thubhairt iad, An ann an sìth a tha thu a’ teachd?

5 Agus thubhairt esan, Ann an sìth: a dh’ìobradh don Tighearna thàinig mi: naomhaichibh sibh fhèin, agus thigibh maille rium a dh’ionnsaigh na h‑ìobairte. Agus naomhaich e Iese agus a mhic, agus ghairm e iad a dh’ionnsaigh na h‑ìobairte.

6 Agus nuair a thàinig iad, dh’amhairc e air Eliab, agus thubhairt e, Gu cinnteach am fianais an Tighearna tha a aon ungte-san.

7 Ach thubhairt an Tighearna ri Samuel, Na amhairc air a ghnùis, no air àirde a phearsa, a chionn gun do chuir mise cùl ris; oir chan fhaic an Tighearna mar a chì duine; oir amhaircidh an duine air coslas an taoibh a‑muigh, ach amhaircidh an Tighearna a‑steach air a’ chridhe.

8 An sin ghairm Iese air Abinadab, agus thug e air gabhail seachad fa chomhair Shamueil: agus thubhairt e, Cha mhò a thagh an Tighearna e seo.

9 An sin thug Iese air Samah dol seachad: agus thubhairt e, Cha mhò a thagh an Tighearna e seo.

10 An sin thug Iese air seachdnar de a mhic dol seachad fa chomhair Shamueil: agus thubhairt Samueil ri Iese, Cha do thagh an Tighearna iad seo.

11 Agus thubhairt Samuel ri Iese, A bheil do mhic uile an seo? Agus thubhairt esan, Dh’fhàgadh fhathast am mac as òige, agus, feuch, tha e ag ionaltradh nan caorach. Agus thubhairt Samuel ri Iese, Cuir fios air, agus thoir an seo e: oir cha suidh sinn sìos gus an tig e an seo.

12 Agus chuir e fios air, agus thug e a‑steach e: a‑nis bha e ruiteach, agus sgiamhach na ghnùis, agus maiseach ri amharc air. Agus thubhairt an Tighearna, Eirich, ung e; oir is e seo esan.

13 Agus ghabh Samuel an còrn ola, agus dh’ung e e am measg a bhràithrean: agus thùirling spiorad an Tighearna air Daibhidh, on là sin a‑mach. Agus dh’èirich Samuel, agus chaidh e gu Ramah.

14 Ach dh’fhalbh spiorad an Tighearna o Shaul, agus chuir droch spiorad on Tighearna buaireas air.

15 Agus thubhairt seirbhisich Shauil ris, Feuch a‑nis, tha droch spiorad o Dhia a’ cur buaireis ort.

16 Thugadh a‑nis ar tighearna àithne dod sheirbhisich a tha ann ad fhianais, gun iarr iad a‑mach duine a chluicheas gu h‑ealanta air clàrsaich: agus nuair a bhios an droch spiorad o Dhia ort, an sin cluichidh esan le a làimh, agus bidh tusa gu math.

17 Agus thubhairt Saul ra sheirbhisich, Faighibh a‑nis dhomh duine a chluicheas gu math, agus thugaibh am ionnsaigh e.

18 An sin fhreagair aon de na h‑òglaich, agus thubhairt e, Feuch, chunnaic mi mac le Iese am Betlehemeach, a chluicheas gu h‑ealanta, agus a tha treun ann an neart, agus na fhear-cogaidh, agus glic ann an gnothaichean, agus na dhuine maiseach; agus tha an Tighearna maille ris.

19 Uime sin chuir Saul teachdairean a dh’ionnsaigh Iese, agus thubhairt e, Cuir am ionnsaigh Daibhidh do mhac, a tha maille ris na caoraich.

20 Agus ghabh Iese asal luchdaichte le aran, agus searrag fhìona, agus meann de na gobhair, agus chuir e iad le làimh Dhaibhidh a mhac a dh’ionnsaigh Shauil.

21 Agus thàinig Daibhidh a dh’ionnsaigh Shauil, agus sheas e na fhianais; agus ghràdhaich e gu mòr e, agus bha e aige na fhear-iomchair a arm.

22 Agus chuir Saul teachdaire a dh’ionnsaigh Iese, ag ràdh, Seasadh, guidheam ort, Daibhidh am fhianais; oir fhuair e deagh-ghean am shùilean.

23 Agus nuair a bha an droch spiorad o Dhia air Saul, an sin ghabh Daibhidh clàrsach, agus chluich e le a làimh: agus bha fois aig Saul, agus bha e gu math; oir dh’fhalbh an droch spiorad uaithe.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan