Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -

1 Samuel 13 - Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Bha Saul deich-bliadhna-fichead a dh’aois nuair a thòisich e air rìoghachadh; agus rìghich e dà bhliadhna os cionn Israeil.

2 An sin thagh Saul dha fhèin trì mìle fear de Israel, den robh dà mhìle maille ri Saul ann am Michmas, agus ann an sliabh Bheteil, agus bha mìle maille ri Ionatan ann an Gibeah Bheniàmin: agus a’ chuid eile den t‑sluagh chuir e gach duine dhiubh a dh’ionnsaigh a bhùtha.

3 Agus bhuail Ionatan freiceadan nam Philisteach a bha ann an Geba; agus chuala na Philistich sin: agus shèid Saul an trompaid air feadh na tìre uile, ag ràdh, Cluinneadh na h‑Eabhraidhich.

4 Agus chuala Israel uile iomradh gun do bhuail Saul freiceadan nam Philisteach, agus mar an ceudna gu robh Israel air am meas gràineil leis na Philistich: agus ghairmeadh an sluagh an ceann a chèile an dèidh Shauil gu Gilgal.

5 Agus chruinnicheadh na Philistich an ceann a chèile gu cogadh ri Israel, deich-mìle-fichead carbad, agus sia mìle marcaiche, agus sluagh mar a’ ghaineamh a tha air tràigh na fairge a‑thaobh lìonmhorachd: agus thàinig iad a‑nìos, agus champaich iad ann am Michmas, a làimh na h‑àird an ear o Bhet-abhen.

6 Nuair a chunnaic fir Israeil gu robh iad ann an teanntachd, a chionn gun do dhlùthaich an armailtean riu, an sin dh’fhalaich an sluagh iad fhèin ann an uamhan, agus ann an droighnich, agus ann an creagan, agus ann an daingnichean, agus ann an sluic.

7 Agus chaidh cuid de na h‑Eabhraidhich thar Iòrdan gu tìr Ghad, agus Ghilead: ach bha Saul fhathast ann an Gilgal, agus bha an sluagh na dhèidh uile air chrith.

8 Agus dh’fheith e seachd làithean, gu ruig an t‑àm àraidh a shuidhich Samuel: ach cha tàinig Samuel gu Gilgal: agus sgapadh an sluagh uaithe.

9 Agus thubhairt Saul, Thugaibh am ionnsaigh an seo ìobairt-loisgte, agus tabhartasan-sìthe. Agus thug e suas an ìobairt-loisgte.

10 Agus cho luath is a chuir e crìoch air an ìobairt-loisgte a thoirt suas, feuch, thàinig Samuel; agus chaidh Saul a‑mach na choinneamh a‑chum gum beannaicheadh e dha.

11 Agus thubhairt Samuel, Ciod a rinn thu? Agus fhreagair Saul, A chionn gum faca mi gu robh an sluagh air an sgapadh uam, agus nach tàinig thu an taobh a‑staigh den àm shuidhichte, agus gun do chruinnich na Philistich iad fhèin an ceann a chèile gu Michmas;

12 Uime sin thubhairt mi, A‑nis thig na Philistich a‑nuas orm gu Gilgal, agus cha do chuir mi athchuinge a dh’ionnsaigh an Tighearna: rinn mi èiginn uime sin orm fhèin, agus thug mi suas an ìobairt-loisgte.

13 Agus thubhairt Samuel ri Saul, Rinn thu gu h‑amaideach: cha do ghlèidh thu àithne an Tighearna do Dhia, a dh’àithn e dhut; oir a‑nis dhaingnicheadh an Tighearna do rìoghachd air Israel gu bràth.

14 Ach a‑nis cha seas do rìoghachd: dh’iarr an Tighearna dha fhèin duine a rèir a chridhe fhèin, agus dh’àithn an Tighearna dha a bhith na cheannard air a shluagh, a chionn nach do ghlèidh thusa an nì a dh’àithn an Tighearna dhut.

15 Agus dh’èirich Samuel, agus chaidh e suas o Ghilgal gu Gibeah Bheniàmin: agus ghabh Saul àireamh an t‑sluaigh a bha an làthair maille ris, mu thimcheall sia ceud fear.

16 Agus dh’fhan Saul, agus a mhac Ionatan, agus an sluagh a bha an làthair maille riu, ann an Gibeah Bheniàmin: ach champaich na Philistich ann am Michmas.

17 Agus thàinig an luchd-millidh a‑mach à camp nam Philisteach nan trì cuideachdan: thionndaidh aon chuideachd dhiubh don t‑slighe a dh’ionnsaigh Ophrah, gu tìr Shauil:

18 Agus thionndaidh cuideachd eile don t‑slighe a dh’ionnsaigh Bhet-horoin: agus thionndaidh cuideachd eile do shlighe na crìche, a tha ag amharc ri gleann Sheboim, a dh’ionnsaigh an fhàsaich.

19 A‑nis cha d’fhuaireadh gobha ann an tìr Israeil uile: (oir thubhairt na Philistich, Air eagal gun dèan na h‑Eabhraidhich dhaibh fhèin claidheamhan no sleaghan:)

20 Uime sin chaidh na h‑Israelich uile sìos a dh’ionnsaigh nam Philisteach, gach duine a gheurachadh a shuic, agus a chaibe, agus a thuaighe, agus a phiocaid.

21 Gidheadh bha eighe aca airson nam piocaidean, agus airson nan soc, agus airson nan trì-mheurach, agus airson nan tuaghan, agus a gheurachadh nam bior.

22 Mar sin thachair e ann an là a’ chatha, nach d’fhuaireadh aon chuid claidheamh no sleagh ann an làimh neach sam bith den t‑sluagh, a bha maille ri Saul agus Ionatan: ach fhuaireadh aig Saul agus aig a mhac Ionatan.

23 Agus chaidh freiceadan nam Philisteach a‑mach gu bealach Mhichmais.

© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017

© Scottish Bible Society 1992, 2017

Scottish Bible Society
Lean sinn:



Sanasan