1 Samuel 11 - Am Bìoball Gàidhlig 19921 An sin chaidh Nahas an t‑Amonach suas, agus champaich e an aghaidh Iabeis-ghilead: agus thubhairt uile dhaoine Iabeis ri Nahas, Dèan coicheangal rinn, agus nì sinne seirbhis dhut. 2 Agus fhreagair Nahas an t‑Amonach iad, Air a’ chumha seo nì mi coicheangal ribh, gun spìon mi a‑mach gach sùil dheas agaibh, agus gun cuir mi am masladh seo air Israel uile. 3 Agus thubhairt seanairean Iabeis ris, Thoir dhuinn dàil seachd làithean, a‑chum gun cuir sinn teachdairean gu uile chrìochan Israeil; agus mura bi neach sam bith gu ar saoradh, an sin thèid sinn a‑mach ad ionnsaigh. 4 An sin thàinig na teachdairean gu Gibeah Shauil, agus dh’innis iad an sgeul ann an cluasan an t‑sluaigh: agus thog an sluagh uile suas an guth, agus ghuil iad. 5 Agus, feuch, thàinig Saul an dèidh a’ bhuair as a’ mhachair; agus thubhairt Saul, Ciod a thàinig air an t‑sluagh, gu bheil iad a’ gul? Agus dh’innis iad dha sgeul dhaoine Iabeis. 6 Agus thùirling spiorad Dhè air Saul nuair a chuala e an sgeul sin, agus lasadh a fhearg gu mòr. 7 Agus ghabh e cuing dhamh, agus gheàrr e sìos nam mìrean iad, agus chuir e iad air feadh uile chrìochan Israeil le làimh theachdairean, ag ràdh, Ge bè nach tig a‑mach an dèidh Shauil agus an dèidh Shamueil, mar seo nìthear ra dhaimh: agus thuit eagal an Tighearna air an t‑sluagh, agus thàinig iad a‑mach mar aon duine. 8 Agus nuair a chaidh an àireamh leis ann am Besec, bha ann de chloinn Israeil trì cheud mìle, agus de fhir Iùdah deich-mìle-fichead. 9 Agus thubhairt iad ris na teachdairean a thàinig, Mar seo their sibh ri fir Iabeis-ghilead, A‑màireach, nuair a dh’fhàsas a’ ghrian teth, bidh cobhair agaibh. Agus thàinig na teachdairean, agus dh’innis iad sin do fhir Iabeis; agus bha aoibhneas orra. 10 Uime sin thubhairt fir Iabeis, A‑màireach thèid sinn a‑mach dur n‑ionnsaigh, agus nì sibh rinn a rèir gach nì as àill leibh. 11 Agus air an là màireach chuir Saul an sluagh nan trì buidhnean; agus thàinig iad gu meadhon an fheachda ann am faire na maidne, agus bhuail iad na h‑Amonaich gus an d’fhàs an là teth: agus sgapadh iadsan a mhair, air chor is nach d’fhàgadh dithis dhiubh cuideachd. 12 Agus thubhairt an sluagh ri Samuel, Cò a thubhairt, Cha rìghich Saul os ar cionn? Thugaibh an seo na daoine a‑chum gun cuir sinn gu bàs iad. 13 Agus thubhairt Saul, Cha chuirear duine gu bàs air an là seo; oir an‑diugh dh’obraich an Tighearna saorsa ann an Israel. 14 An sin thubhairt Samuel ris an t‑sluagh, Thigibh, agus rachamaid do Ghilgal, agus ath-nuadhaicheamaid an sin an rìoghachd. 15 Agus chaidh an sluagh uile gu Gilgal, agus rinn iad Saul an sin na rìgh am fianais an Tighearna ann an Gilgal; agus dh’ìobair iad an sin ìobairtean thabhartas-sìthe am fianais an Tighearna: agus rinn Saul an sin agus fir Israeil uile gàirdeachas mòr. |